Tha clàradh dùinte a-nis. Ma tha sibh airson a bhith an làthair aig a’ cho-labhairt,
’s dòcha gum bi àite ri fhaighinn ma chuireas sibh brath gu oifis@storlann.co.uk no 01851 700880
Registration is now closed. Please phone 01851 700880
or email oifis@storlann.co.uk to enquire about availability.
Fealla-dhà agus ionnsachadh ann am pailteas air a' chlàr-ama. Beachdan feumail, spòrsail, goireasach airson Gàidhlig.
Seònaid NicLeòid, Kath McAvoy, Dougie Beck, Fiona NicIllìosa, Lindsay NicThòmais, Lisa NicDhòmhnaill, Maree NicNeacail & Aonghas MacLeòid.
An t-Alltan Beag
Co-labhairt airson luchd-obrach 0-3
Dimàirt 30 Sultain & Diciadain 1 Dàmhair 2014
09:15 - 17:00 / 09:00 - 13:00 An Aghaidh Mhòr
Tha an t-Alltan Beag a’ tighinn thugaibh le sruth de bheachdan feumail, spòrsail, goireasach airson Gàidhlig a chur aig cridhe na cluiche airson phàrantan agus phàistean.
Tha fealla-dhà agus ionnsachadh ann am pailteas air a’ chlàr thairis air an dà latha.
Ma tha sibh gann de stuthan agus de phlanaichean airson sheiseanan Gàidhlig còmhla ri pàrantan agus pàistean, ma tha sibh airson misneachd fhaighinn tro bhith a' coinneachadh luchd-obrach neoni gu trì bho air feadh Alba, ma tha sibh airson beachdan inntinneach, ùr-nodha a chluinntinn mu na tha dol air adhart aig ìre 0-3, is e seo an t-àite air ur son.
Is e an deagh naidheachd eile gu bheil an t-Alltan Beag saor ’s an-asgaidh airson luchd-obrach a tha an-dràsta an sàs ann an raon 0-3.
Bheil sibh deiseil agus deònach?
Bidh fàilte mhòr romhaibh aig an Alltan Bheag san Aghaidh Mhòir.
ÒRAID - NACH SINN A THA FORTANACH / SPEECH - AREN'T WE LUCKY
Buannachdan da-chànanas
Benefits of bilingualism
Seònaid NicLeòid, Ceannard BSGI
NA BEAN RIS!!! / DON’T TOUCH THAT!!
Cluich aig an taigh is a’ cleachdadh stuth àbhaisteach is neo-àbhaisteach
Heuristic Play/Treasure Baskets/ Play@home – using everyday items and the more unusual in play
Maree Nic Neacail is Lisa Nic Dhòmhnaill
SEALL SAN SGÀTHAN / LOOK IN THE MIRROR
Am bheil sinn a’ dèanamh mar bu chòir dhuinn a thaobh còraichean chloinne? - GIRFEC/ Dàimh/ In-ghabhail
Are we doing everything to ensure children’s rights? – GIRFEC / Attachment / Inclusion
Kath McAvoy
DE THUIRT THU? / WHAT DID YOU SAY?
Cabag is cleachdadh phupaidean gus cànan a bhrosnachadh Feumaidh sibh a bhith deiseil is deònach sporghail air an ùrlar is pàirt a ghabhail anns na geamaichean a bhios gan cluich! Mar sin cuiribh rudeigin cofhurtail oirbh agus chì sibh an saoghal tro shùilean pàiste.
Cabag and using puppets to encourage language acquisition. You’ve got to be willing to get down on the floor and take part in this workshop! So wear something comfortable and enjoy seeing and having some fun from a child’s perspective.
Dougie Beck
SPÒRS IS AIRGEAD / FUN AND MONEY
Dòighean spòrsail air airgead a thogail a’ toirt a-staigh peantadh- aodainn is cothrom agaibh cleachdaidhean math a shealltainn dha chèile
Fundraising ideas including face-painting and a chance for sharing good practice with each other
Fiona NicIllÌosa
DEISEIL? / READY?
Gluasad airson clann òga is sinn fhìn, a’ cluich a muigh. Tha e math a bhi a’ muigh a dh’ aindeoin an aimsir
Movement and active activities for youngsters – and the not so young!! It doesn’t matter what the weather, it’s great to be outside. Everyone must bring suitable clothing for this workshop – so be prepared!
Lindsay NicThòmais
THA THU AIRIDH AIR OSCAR / YOU DESERVE AN OSCAR
A’ toirt leabhraichean beò is a’ cleachdadh Gàidhlig le clann is pàrantan aig nach eil mòran stòras fhaclan. Bidh sinn uile a’ gabhail pàirt
Bringing books to life and using Gaelic with parents and children who don’t have a large vocabulary. We will all be participating in this session
Aonghas MacLeòid, Oifigear Drama, Fèisean an Gàidheal
BA BA MO LEANABH / GO TO SLEEP MY DARLING
Òrain tàlaidh traidiseanta is òrain eile airson clann òga. Bidh sinn uile gu math nar tàimh às dèidh seo..........
Traditional lullabies and songs for young children. We’ll all be pretty relaxed after this .................
Màiri Anna NicUalraig
"Air mo shon-sa fhuair mi fiosrachadh às gach seisean ach ’s e an rud bu motha a chòrd rium a bhith faicinn adhartas a’ tighinn air na goireasan a th’ ann... "
Neach a bha an làthair aig an Alltan Bheag
"Cha robh seisean ann às nach d’ fhuair mi rudeigin – ’s ann a tha mi ag iarraidh an tuilleadh dhe na co-labhairtean seo!"
Neach a bha an làthair aig an Alltan Bheag
Rathad na Leacainn,
Inbhir Nis,
IV3 8NW
fay@gaidhlig.org.uk