Fealla-dhà agus ionnsachadh ann am pailteas air a' chlàr-ama. Beachdan feumail, spòrsail, goireasach airson Gàidhlig.
Josie NicLeòid, Monica Neeling, Linda Burgar, Dougie Beck, Fiona NicIllìosa, Fiona Nic an Tòisich, Cameron Sprague, Emma Micski, Lisa NicDhòmhnaill & Maree NicNeacail.
An t-Alltan Beag
Co-labhairt airson luchd-obrach 0-3
Dimàirt 1 Dàmhair & Diciadain 2 Dàmhair 2013
09:15 - 17:00 / 09:00 - 13:00 An Aghaidh Mhòir
Tha an t-Alltan Beag a’ tighinn thugaibh le sruth de bheachdan feumail, spòrsail, goireasach airson Gàidhlig a chur aig cridhe na cluiche airson phàrantan agus phàistean.
Tha fealla-dhà agus ionnsachadh ann am pailteas air a’ chlàr thairis air an dà latha.
Ma tha sibh gann de stuthan agus de phlanaichean airson sheiseanan Gàidhlig còmhla ri pàrantan agus pàistean, ma tha sibh airson misneachd fhaighinn tro bhith a' coinneachadh luchd-obrach neoni gu trì bho air feadh Alba, ma tha sibh airson beachdan inntinneach, ùr-nodha a chluinntinn mu na tha dol air adhart aig ìre 0-3, is e seo an t-àite air ur son.
Is e an deagh naidheachd eile gu bheil an t-Alltan Beag saor ’s an-asgaidh airson luchd-obrach a tha an-dràsta an sàs ann an raon 0-3.
Bheil sibh deiseil agus deònach?
Bidh fàilte mhòr romhaibh aig an Alltan Bheag san Aghaidh Mhòir.
GLUAIS, SEINN IS DÈAN AMADAN DHÌOT FHÈIN!
How to use music and movement in a fun way
Monica Neeling
TUTAGAN TOILICHTE
Meanbh-chuileag, Fèisean nam Gàidheal’s drama education group
Dougie Beck
FÀILTE – THIG A STAIGH!
Language immersion - learn some tricks of the trade
Fiona NicIllÌosa/Fiona Nic an Tòisich
AODACH FREAGARRACH
It doesn’t matter what the weather, it’s great to be outside
Cameron Sprague
BOOKBUG ANN AN GÀIDHLIG -SGEULACHDAN, ÒRAIN IS SPÒRS LE LYCRA
How to run a Bookbug session
Linda Burgar
09:15 - 17:00 / 09:00 - 13:00
"Air mo shon-sa fhuair mi fiosrachadh às gach seisean ach ’s e an rud bu motha a chòrd rium a bhith faicinn adhartas a’ tighinn air na goireasan a th’ ann... "
Neach a bha an làthair aig an Alltan Bheag
"Cha robh seisean ann às nach d’ fhuair mi rudeigin – ’s ann a tha mi ag iarraidh an tuilleadh dhe na co-labhairtean seo!"
Neach a bha an làthair aig an Alltan Bheag
Rathad na Leacainn,
Inbhir Nis,
IV3 8NW
fay@gaidhlig.org.ukCidhe Sràid Chrombail
Steòrnabhagh,
HS1 2D
oifis@storlann.co.uk