An t-Alltan 2016 - A conference for Gaelic Teachers
An t-Alltan - Aviemore 2016
An t-Alltan - Aviemore 2016 - Workshops for teachers

Fàilte

Bidh An t-Alltan 2016 air a chumail ann an Ionad Co-labhairt MhicDhòmhnaill san Aghaidh Mhòir, air 28 & 29 Sultain.

Tha a’ cho-labhairt seo a’ toirt sàr chothrom do luchd-foghlaim Gàidhlig air leasachadh dreuchdail agus a’ toirt cothrom sùil a thoirt air iomairtean teagaisg agus ionnsachaidh ùra tro shreath de dh’òraidean agus bùthan-obrach.

Am-bliadhna, airson a’ chiad uair, tha sinn toilichte gum bi luchd-obrach nan tràth bhliadhnachan nam pàirt den Alltan fhèin seach a bhith aig co-labhairt air leth. Cuiridh sinn fàilte bhlàth orra.

Pàighidh Stòrlann no Bòrd na Gàidhlig làn chosgaisean àitean-fuirich dhaibhsan a bhios an làthair.

Tha sinn an dòchas gum bi sibh còmhla rinn aig an t-sàr ionad-co-labhairt seo!

Clàradh

 

Alltan Mascot
Shona Niclllinnein

Shona Niclllinnein

Maureen McKenna

Maureen McKenna

Fosgladh / Òraid

Tha sinn toilichte innse gun tèid a’ cho-labhairt fhosgladh le Ceannard Bòrd na Gàidhlig, Shona Niclllinnein.

Tha sinn toilichte innse cuideachd gum bi Maureen McKenna, Stiùiriche-gnìomha Sheirbheisean Foghlaim, Comhairle Baile Ghlaschu, a’ bruidhinn Diardaoin.

Bùthan-obrach 2016

1. Òrain is rannan

Màiri NicAonghais

Cothrom òrain is rannan Gàidhlig ùra ionnsachadh airson a bhith ag obair le clann òga còmhla le Mairi NicAonghais. Tòrr spòrs agus gàireachdainn!

2. A’ sgrìobhadh òrain sìmplidh

Mòrag Stiùbhart agus Màiri NicAonghais

Cothrom òrain shìmplidh a sgrìobhadh a bhios furasta agus spòrsail a chleachdadh le teaghlaichean agus clann ag ionnsachadh Gàidhlig.

3. Mindstretchers: Bho Àrach gu Nàdar
(a’ toirt clann 0-3 a-mach)

Katy Hookham

A’ toirt clann òga 0-3  a-mach agus ag ionnsachadh bho nàdar anns a’ choimhearsneachd tro bhith a’ cluich  agus a’ cleachdadh na tha timcheall airson na sgilean agus an t-eòlas aca a neartachadh.

4. Teaghlaichean agus Sgoiltean Còmhla (TASC)

Comann nam Pàrant
Diorbhail Wentworth & Carrie Afrin

Tha am buidheann-obrach seo air a ruith le Diorbhail Wentworth agus Carrie Afrin aig Comann nam Parant agus gheibh sibh fiosrachadh agus taic air a bhith a’ brosnachadh Gàidhlig san dachaigh, san sgoil agus sa choimhearsneachd. Fiosrachadh air pròiseact ùr airson  a bhith ag obair còmhla ri teaghlaichean agus a’ brosnachadh Gàidhlig anns an dachaigh.

5. Eadar-ghluasadan – anns na trath ìrean

Fiosrachadh air taic do chlann anns na tràth ìrean airson an deisealachadh gu bhith a’ gluasad dhan sgoil-àraich agus dhan bhun-sgoil.

6. Go!Gaelic

Fiosrachadh air Go!Gaelic agus na goireasan a th’ ann airson taic a thoirt  do phàrantan agus do chlann òga ag ionnsachadh Gàidhlig.

 

Early Years - Quick View

Buidheann Fòcais air Measadh

Tha e aithnichte gu bheil goireasan a dhìth ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, agus tha seo a’ gabhail a-steach stuthan stèidhte air measadh.

Tha gu bheil na measaidhean nàiseanta a’ tòiseachadh a’ toirt oirnn beachdachadh air seo mar phrìomhachas.

Chan eil cus clàraichte ann an rannsachadh air na tha tidsearan FMG a’ faireachdainn mu mheasadh agus mun àite aige sa chlasrum. Tha sinn a’ cumail còmhradh ri tidsearan air a’ chuspair seo aig a’ cho-labhairt. Tha sinn airson bruidhinn ribh agus ur beachdan fhaighinn air an raon seo de phoileasaidh agus cleachdadh.

Leis nach eil ach an aon sheisean aig a’ cho-labhairt tha dùil againn gum bi ùidh mhòr ann, ’s an cuspair air aire dhaoine an-dràsta.

Bidh an seisean aig 5.15 Diciadain 28 Sultain, agus bidh sinne ann bho 4.45 ma bhios tu airson bruidhinn rinn no coimhead air na goireasan againn. Thèid innse aig àm na co-labhairt càit am bi am buidheann a’ coinneachadh.

An Dr Fiona Lyon agus An Dr Sarah NicGuaire  |  https://gaelicreadingproject.co.uk

Clàr-ama na Co-labhairt

19:00 – 20:00

Clàradh

Clàradh

Tagh sruth aig a’ cho-labhairt…

Tràth Ìrean

Tràth Ìrean
Clàraich an-dràsta

Òraidiche / Stiùiriche Bùth-obrach / Neach-taisbeanaidh / Neach-tadhail eile nach eil a’ teagasg

Clàraich an-dràsta

Bhidiothan

Dealbhan

An t-Alltan 2016

“Tha e math a bhith coinneachadh ri daoine eile san aon shuidheachadh riut fhèin.”

An t-Alltan air Twitter