Tha Giglets Gàidhlig uaireannan ainmeil agus uaireannan nan leabhraichean clasaigeach an ìmpis a dhol air dhìochuimhne, a tha air an ath-chruthachadh agus air an atharrachadh airson luchd-leughaidh an latha an-diugh.
Ged a tha litreachas clasaigeach air leth math, tha cnapan-starra ann dhuinne an-diugh.
Tha luchd-leughaidh a’ strì ri ùine agus sgeulachdan a chòrdas riutha a lorg, agus fiù ’s cànan a thuigsinn a chaidh a sgrìobhadh o chionn mòran bhliadhnaichean, uaireannan ceudan de bhliadhnaichean.
Tha Giglets a’ briseadh sìos mòran de na cnapan-starra sin, a’ fàgail nan teacsaichean clasaigeach sin ruigsinneach do luchd-leughaidh ùr – clann, deugairean agus inbhich le chèile.
Air sgàth chòraichean, chan eil e ceadaichte dhuinn faidhlichean PDF de na leabhraichean san t-sreath Giglets ann an Gàidhlig a chur air-loidhne. Ma tha sgoiltean ag iarraidh faidhlichean PDF leigibh fios gu oifis@storlann.co.uk
Giglets stories are sometimes-famous and sometimes-nearly-forgotten classics that have been re-imagined and adapted for a modern audience.
Giglets has partnered with Comhairle nan Leabhraichean and Storlann to develop the ‘Giglets ann an Gaidhlig’ series of adapted animated classics in modern Scottish Gaidhlig.
The ‘Giglets ann an Gaidhlig’ series is distributed throughout Gaelic Medium Education schools in Scotland.
Owing to copyright rules we are not allowed to put PDF files of the Gaelic Giglet titles online. If teachers would like PDF files please contact oifis@storlann.co.uk
Tha Merodach neònach. Tha e beag agus cunnartach ach a bheil draoidheachd ann? Tha rudan uabhasach a’ tachairt aig Wheelhope ach an e Merodach as coireach?
Tha an sgeulachd seo a’ toirt a’ chiad iomradh air Peadar Pan ’s e na eun beag geal a’ fàgail a dhachaigh tro uinneag nuair a bha e gu math òg.
Tè de na sgeulachdan mu Fhionn Mòr MacCumhail agus Cù Chulainn bho bheul-aithris na h-Èireann, stèidht aig àm togail Clachan an Fhuamhaire.
Dàn-thursan Pheadar Pan, am balach nach do dh’fhàs, agus a charaidean Wendy, Tinker Bell agus na Balaich Chaillte ’s iad a’ strì an aghaidh a’ Chaiptein Hook agus a chreachadairean.
A’ chiad sgeulachd a’ toirt iomradh air Count Dracula agus air oidhirp gus faighinn às Transylvania a Shasainn, agus mun bhatail eadar e fhèin, na Harkers agus Van Helsing.
Tha an lorg-phoileas ainmeil a’ dèanamh oidhirp gus fuasgladh fhaighinn air murt air an dùthaich ann an Sasainn.
Tha pearsantachd an Dotair Jekyll ann an dà leth, taobh math agus taobh gu tur olc.
An sgeulachd ghaoil as ainmeile air an t-saoghal ag innse mar a thachair eadar dithis dheugairean ann an seana bhaile Verona san Eadailt.