’S e Geamannan Ìompaireachd Bhreatainn a bh’ air Geamannan a’ Cho-fhlaitheis nuair a chaidh an cumail an toiseach ann an 1930 ann an Hamilton, Canada.
Bha sia spòrsan aig na Geamannan a’ chiad uair a chaidh an cumail –snàmh agus dàibheadh; lùth-chleasachd; bogsadh; bòbhladh lèanaig; iomradh; agus carachd.
An-diugh tha deich spòrsan bunaiteach ann – snàmh agus dàibheadh; lùth-chleasachd; badmantan; bogsadh; hocaidh; bòbhladh lèanaig; ball-lìn; rugbaidh sheachdnaran; sguais agus togail-chuideaman, agus faodaidh an dùthaich a tha gan cumail suas ri 7 spòrsan eile a thaghadh.
Bidh 17 spòrsan aig Geamannan 2014 ann an Glaschu agus bha 17 ann an Delhi nuair a chaidh na Geamannan a chumail mu dheireadh ann an 2010.
Feumaidh co-dhiù ceithir para-spòrsan a bhith nam pàirt de na Geamannan cuideachd. Tha eadar sia agus ochd spòrsan aig Geamannan Òigridh a’ Cho-fhlaitheis.
An-diugh, tha 53 dùthchannan sa Cho-fhlaitheas, ach tha 70 dùthchannan no roinnean ann an Caidreachas Geamannan a’ Cho-fhlaitheis as urrainn pàirt a ghabhail anns na Geamannan.
2 Phostair A2 – fear le dealbhan de na 17 spòrsan aig Glaschu 2014 agus fear le brataich dùthchannan a’ Cho-fhlaitheis.
2 sheat chairtean – aon seat le fiosrachadh agus ceistean co-cheangailte ri na 17 spòrsan aig Glaschu 2014, agus seat eile le fiosrachadh mu na dùthchannan sa Cho-fhlaitheas.
Stigearan a tha freagarrach airson spòrs no obair buidhne: a’ chiad àite; Tha mise math ann an sgioba; ’S math a rinn sibh; Bhuannaich sinne! Rinn an sgioba againne gu math!