1914 – 1918 A’ Chiad Chogadh
Air 28 Ògmhios 1914 chaidh Archduke Franz Ferdinand, a bha gu bhith os cionn na h-Ìmpireachd “Austro-Hungarian”, a mharbhadh ann an Sarajevo, Bosnia. Mìos an dèidh bàs Franz Ferdinand, thòisich cogadh leis An Ostair agus An Ungair a’ sabaid an aghaidh Serbia.
Thàinig a’ Ghearmailt a-steach dhan chath gus taic a thoirt dhan Ostair. Bha iad cuideachd airson crìochan na dùthcha a leudachadh gu mòr agus smachd fhaighinn air an Roinn Eòrpa. Chuir seo eagal air dùthchannan eile na Roinn Eòrpa agus thàinig an Fhraing agus an Ruis còmhla gus sabaid nan aghaidh. Cha robh Breatainn airson sabaid an toiseach, ach nuair a dh’fheuch a’ Ghearmailt ri ionnsaigh a thoirt air an Fhraing tron Bheilg, dh’atharraich cùisean.
Cha robh A’ Bheilg airson pàirt a ghabhail sa chòmhstri, ach nuair a thàinig arm na Gearmailt tron dùthaich, cha robh roghainn aca. Air sgàth ‘s gun robh còrdadh ann eadar Breatainn agus A’ Bheilg gus càch a-chèile a chuideachadh, air 4 Lùnastal 1914 ghairm Breatainn cogadh an aghaidh na Gearmailt.
Ged a bha a h-uile duine an dòchas nach maireadh an cogadh fada, agus gum biodh na saighdearan uile “dhachaigh ron Nollaig”, lean a’ Chiad Chogadh fad ceithir bliadhna. Thathar am beachd gun deach 10 millean duine a mharbhadh ann, bha 750,000 dhiubh sin à Breatainn fhèin, agus chaidh dà uiread an àireimh sin a leòn.
Dh’aontaich a’ Ghearmailt, An Ostair agus An Ungair sgur a chogadh air 11 Samhain 1918.