Gàidhlig|English
Graphic Link : JUMP TO CONTENT
Graphic Text : A' toirt taic do dh'fhoghlum Gàidhlig gu nàiseantaGraphic: Kids reading book
Graphic: An t-Alltan 7-9 Dàmhair 2008

An t-Alltan 2010 -
Co-labhairt do thidsearan Gàidhlig bho Stòrlann

Bha còrr is 100 riochdaire an làthair thairis air an dà latha, nam measg
tidsearan sgoil-àraich, bun-sgoile agus àrd-sgoile agus oifigearan leasachadh deagh-ghnè.

Chuala iad dà phrìomh òraid bho Chris McIllroy, HMIE agus bho Aonghas MacIllFhinnein, a tha na Iar-cheannard air Sgoil MhicNeacail, agus cuideachd bha taghadh aca de bhùthan-obrach a bha uile a' buntainn rin eòlas fhèin air teagasg. B' e prìomh amas 'An t-Alltan' gun cuireadh riochdairean eòlas air goireasan Stòrlann agus mar a ghabhadh an cleachdadh gu gnìomhail san rùm-teagaisg.

"`S e rudan feumail a bh' ann airson a dhèanamh sa chlas agus bha sinn a' dèanamh nan rudan an aite a bhith dìreach ag èisteachd"

  Image: An t-Alltan 2010

 

Structar a’ phrògraim

Graphic : TickBeairteas Cànain –Gnàthasan-cainnt & Abairtean

Mairead NicIomhair (B-S+ À-S) (Diciadain a-mhàin)
Mar a bhrosnaicheas tu cleachdadh ghnàthasan-cainnt agus abairtean ann an sgrìobhadh Gàidhlig, agus mar thoradh air seo, mar a bhrosnaicheas tu clann gus pìosan sgrìobhaidh Gàidhlig nas fheàrr a chur a-mach.

Graphic : TickMatamataig

DI Mac a’ Ghobhainn (À-S) (Diciadain a-mhàin)
Gnìomhachdan airson ionnsachadh gnìomhach a ghabhas teagasg san rùm-teagaisg, gus taic a chur ri leabhraichean/goireasan Matamataig Teejay.

Graphic : TickLitreachadh

Alice Nicleòid + Mairead Anna Nicleòid (B-S) (Diciadain a-mhàin)
Gnìomhachdan airson litreachadh gnìomhach a thèid còmhla ris a’ phrògram 'Lorgan Litreachaidh'. Till dhan rùm-teagaisg agus feuch fhèin iad!

Graphic : TickBàrdachd

Catriona Leacsaidh Chaimbeul (S-À, B-S+ À-S) (Diciadain & Diardaoin)
Gnìomhachdan dràma a ghabhas teagasg san rùm-teagaisg gus taic a chur ri na leabhraichean bàrdachd ‘can gun robh’ agus ‘Smeòrach Mi’. Sùil air mar a ghabhas na gnìomhachdan a cheangal tarsainn raointean curraicealaim fa leth gus ionnsachadh tar-churraicealam a bhrosnachadh.  

Graphic : TickBig Writing

Anne Glennie (B-S) (Diciadain & Diardaoin)
Cothrom eòlas a chur air ‘Big Writing’ agus mar a ghabhas a chleachdadh gu h-eadar-ghnìomhach anns an rùm-teagaisg gus sgrìobhadh leudaichte a bhrosnachadh. Tha ‘Big Writing’ air prògram Stòrlann airson na h-ath-bhliadhna …cùm do shùil air an làraich-lìn againn!

Graphic : TickCeumannan

Emma Burrows + 1 neach eile (À-S) (Diciadain & Diardaoin)
Ceumannan tron a’ Churraicealam airson Sàr Mhathais – Eisimpleirean de dheagh chleachdadh.

Graphic : TickGLOW

Màiri NicIlleMhaoil + 1 bhall de sgioba GLOW LTS (S-À, B-S+À-S) (Diciadain & Diardaoin)
Sùil ghnìomhach air GLOW, le cuideam air na cothroman a tha na lùib airson Foghlam Gàidhlig agus anns an rùm-teagaisg.

Graphic : TickHIE – Cumhachd Ath-nuadhachail

Pat agus Liz (S-À, B-S & À-S) (Diciadain & Diardaoin)
Trèanadh eadar-ghnìomach air mar a chleachdas tu Pasgan na Cumhachd Ath-nuadhachail san rùm-teagaisg. Bidh am Pasgan Gàidhlig a’ nochdadh a dh’aithghearr!

Graphic : TickIonnsachadh Gnìomhach – Leasachadh Cànain

Fiona NicIllFhinnein (S-À+B-S) (Diardaoin a-mhàin)
Beachdan airson ionnsachadh gnìomhach a bhrosnaicheas cleachdadh na Gàidhlig aig na Tràth-ìrean, le cuideam air bogadh sa chànan.

Graphic : TickPrògram Scholar

Gerry Toner (À-S) (Diardaoin a-mhàin)
Bidh Prògram Scholar a’ tabhann chùrsaichean air-loidhne airson na h-Àrd-sgoile. Am-bliadhna tha iad a’ cur prògram Gaelic Àrd-Ìre air-loidhne an sàs (seisean fiosrachaidh).

Graphic : TickSQA

Dòmhnall Iain MacÌomhair + Uilleam Dòmhnallach, ri dhearbhadh (À-S) (Diardaoin a-mhàin)
SQA a’ bruidhinn ri tidsearan mu fheumalachdan nam pàipearan-deuchainn – a’ toirt lèirsinn do thidsearan air mar a dh’ullaicheas iad sgoilearan airson mheasaidhean, agus a’ cnuasachadh air measaidhean san àm ri teachd (seisean fiosrachaidh).

"Bha dà là air leth an-seo... rinnear mòran obair – 's saoilidh mi gur e gnìomhachas buannachdail a bh' ann dhuinn air fad. Tapadh leibh"



Bu mhath le Stòrlann taing a thoirt do na leanas airson taic ionmhais agus taic eile a' buntainn ris 'An t-Alltan':
MRG – Tabhartasan Sònraichte airson Foghlam Gàidhlig;
Riaghaltas na h-Alba;
Bòrd na Gàidhlig;
Ionnsachadh agus Teagasg na h-Alba;
Taigh-òsta Dhruim Athaisidh, Inbhir Nis;
Ùghdarrasan ionadail gu lèir.

 

 

   





Cuir Fios

01851 700880

Ḿle taing dhuibh uile a ĺon an sgrùdadh againn air An t-Alltan 2010 agus a thill na foirmean thugainn. Tha ur freagairtean air a bhith air leth feumail; beachdaichidh sinn air gach moladh agus fios a thàinig air ais.

Tha sinn a’ cur meal an naidheachd air na tidsearan a leanas – chaidh na h-ainmean aca a thaghadh air thuaiream bho na foirmean a chaidh a ĺonadh. Tha iad air eàrlas £50 bho Amazon a bhuannachadh airson an sgoiltean.

Muriel Mhoireach – PT Bunsgoil Stẹrnabhaigh
Màiri Nic na Ceàrdaich – Iar Cheannard, Bunsgoil Inbhir Pheofharain
Dolina NicDḥmhnaill – Sgoil Lionail – Bunsgoil

 

 




Graphic: Twitter Icon



Logo : Investors in People
Graphic: FF correction