Gàidhlig|English
Graphic Link : JUMP TO CONTENT
Graphic Text : A' toirt taic do dh'fhoghlum Gàidhlig gu nàiseantaGraphic: Kids reading book
Graphic: An t-Alltan 2011

An t-Alltan 2011 -
Co-labhairt do thidsearan Gàidhlig bho Stòrlann
5 & 6 Dàmhair, Inbhir Nis

Bha còrr is 100 riochdaire an làthair thairis air an dà latha, nam measg
tidsearan sgoil-àraich, bun-sgoile agus àrd-sgoile agus oifigearan leasachadh deagh-ghnè.

Chuala iad dà phrìomh òraid bho Antonella Sorace, Àrd-ollamh Cànanachas Leasachaidh
Oilthigh Dhùn Èideann, agus bho Seonag Esson, HMIE. B' e prìomh amas 'An t-Alltan' gun cuireadh riochdairean eòlas air goireasan Stòrlann agus mar a ghabhadh an cleachdadh gu gnìomhail san rùm-teagaisg.

Icon: TimetableClàr-ama na Co-labhairt

 

"Taingeil airson co-labhairt mar seo far a bheil sinn a cruinneachadh comhla ag ionnsachadh mu tòrr diofar cuspairean."

 Image: An t-Alltan 2010

 

Òraidean

Feasgar Dimàirt
Dr. Alasdair Allan BPA
Ministear airson Ionnsachadh agus Sgilean (le uallach airson Gàidhlig & Albais)
Riaghaltas na h-Alba




Madainn Diciadain
Prof. Antonella Sorace, Àrd-ollamh Cànanachas Leasachaidh
Oilthigh Dhùn Èideann


Creative Commons License

Feasgar Diardaoin
Education Scotland
(HMIe)
Foghlam Alba

 

 

Structar a’ phrògraim

Graphic : TickYoung Musician Hebrides – A' Chiste-chiùil

Sìne Gray & Cairistìona Richings (T-Ì & B-S) (Diciadain a-mhàin)
Trèanadh eadar-ghnìomhach air mar a chuireas tu A’ Chiste-Chiùil gu feum san rùm-teagaisg. Cuir eòlas air na h-òrain, na gnìomhachdan agus na h-innealan-ciùil.

Graphic : TickMatamataig agus Àireamhachd

Dòmhnall Iain MacAmhlaidh (B-S & À-S) (Diciadain a-mhàin)
Dòighean ionnsachaidh ùr-ghnàthach a ghabhas teagasg san rùm-teagaisg, gus taic a chur ri leabhraichean/goireasan Matamataig Teejay.

Graphic : TickIonnsachadh Eadar-chuspaireil

Iain MacFhionghain & Muriel Mhoireach (B-S & À-S) (Diciadain a-mhàin)
Sùil phractaigeach air mar a ghabhas gnìomhachdan ionnsachaidh a cho-cheangal tarsainn air diofar raointean curraicealaim gus ionnsachadh tar-churraicealam a bhrosnachadh, a’ cleachdadh goireasan Stòrlann.

Graphic : TickDràma

Artair Donald (B-S & À-S) (Diciadain a-mhàin)
Cruthaich sgriobtaichean a’ buntainn ri CfE a’ cleachdadh structaran dràma a th’ air an toirt seachad – gabhaidh gach rud a thèid a theasgag a thoirt a-nall dhan rùm-teagaisg.

Graphic : TickBàrdachd

Mairead NicÌomhair (B-S & À-S) (Diciadain a-mhàin)
Beachdachadh agus còmhradh air bàrdachd sa chlasrum, le sùil air dàin chumanta, agus air cuid nach eil.

Icon: PDFBuidheann-Obrach Air Bàrdachd

Graphic : TickFoghlam Alba

Cathie NicLeòid & Rosemary Delany (B-S & À-S) (Diciadain & Diardaoin)
Tha an seisean ann an dà phàirt:
1.Tàr-shealladh air na coimhearsnachdan agus an t-susbaint Ghàidhlig a gheibhear tro Glow agus CPDCentral
2.Tar-shealladh air measadh

Graphic : TickCleachdadh IT san Rùm-teagaisg

Ailean Stiùbhart (T-Ì, B-S & À-S) (Diciadain & Diardaoin)
Cothrom obair a dhèanamh agus tuigse fhaighinn air innealan ICT a tha ri làimh agus a tha a’ cur taic ri cleachdadh in-ghabhalta CfE, agus a ghabhas leasachadh airson an cur gu feum ann am foghlam Gàidhlig.

Graphic : TickIonnsachadh Gnìomhach

Mairead Rothach (T-Ì & B-S) (Diciadain & Diardaoin)
Beachdan airson ionnsachadh gnìomhach a bhrosnaicheas cleachdadh na Gàidhlig aig na Tràth-Ìrean.

 

Graphic : TickSgeulachdan Traidiseanta

Dougie Beck & Darren MacIlleathain (T-Ì, B-S & À-S) (Diardaoin a-mhàin)
Gnìomhachdan dràma a ghabhas cleachdadh san rùm-teagaisg gus taic a chur ri na sgeulachdan traidiseanta ‘Mar a Chuala Mis’ e

Graphic : TickSQA – Measadh air Labhairt

Dòmhnall Iain MacÌomhair & Fionnlagh Conaigean (À-S) (Diardaoin a-mhàin)
Lèirsinn measadh air labhairt.

Graphic : TickMìrean – Gràmar

DI MacLeòid & Sarah NicEachainn (T-Ì, B-S & À-S) (Diardaoin a-mhàin)
Trèanadh eadar-ghnìomhach air mar a chleachdas tu làrach-lìn Mìrean.

Graphic : TickLitearrachd

Sarah Fhriseal ( B-S) (Diardaoin a-mhàin)
Mar a bhrosnaicheas tu leughadh Gàidhlig san rùm-teagaisg, le eisimpleirean practaigeach a’ cleachdadh goireasan Stòrlann.

Graphic : TickFoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig agus Clann le Feumalachdan a Bharrachd

Eàirdsidh McLullich, Co-chomhairliche Saidhc-eòlais (B-S + À-S) (Diardaoin a-mhàin)

 

Bha gach tidsear an làthair aig aon de na leanas Diardaoin:-

Graphic : TickTràth Ìrean agus Bun-sgoil

Flòraidh NicDhùghaill, Seòna NicDhòmhnaill agus Anna NicLeòid, – Deagh Chleachdadh agus Iomairt sa Bhun-sgoil

Graphic : TickÀrd-sgoil

Màiri-Ailean NicUilleim agus Mairead Shutharlanach, SQA
1. Cunntas às ùr air Teisteanasan Nàiseanta airson Gàidhlig agus Gaelic (Luchd-ionnsachaidh), solar deuchainnean tro mheadhan na Gàidhlig, agus Plana Gàidhlig SQA.
2. Tar-shealladh air pròiseas-leasachaidh teisteanasan CfE agus an cunntas as ùire air obair Sgiobaidhean Dealbhachadh nan Teisteanasan. Thèid bruidhinn cuideachd air cùisean a' buntainn ri cuspairean sònraichte a nochd ri linn prògram airson a dhol an sàs còmhla ri luchd-cleachdaidh, ag amas gu h-àraidh air Gàidhlig agus Gaelic (Luchd-ionnsachaidh).



Bu mhath le Stòrlann taing a thoirt do na leanas airson taic ionmhais agus taic eile a' buntainn ris 'An t-Alltan':
MRG – Tabhartasan Sònraichte airson Foghlam Gàidhlig
Riaghaltas na h-Alba
Bòrd na Gàidhlig
Foghlam Alba
Taigh-òsta Dhruim Athaisidh, Inbhir Nis
Infohost
Ùghdarrasan ionadail gu lèir.

 

 

   





Cuir Fios

01851 700880





www.flickr.com
This is a Flickr badge showing items in a set called An t-Alltan 2011. Make your own badge here.
Logo : Investors in People
Graphic: FF correction