Skip to content

Janet MacIver, BBC, An t-Alltan 2017
Maeve MacKinnon, Education Scotland Workshop, An t-Alltan 2017
Exhibitors, An t-Alltan 2017

Fàilte

Bha An t-Alltan 2018 air a chumail ann an Ionad Co-labhairt MhicDhòmhnaill san Aghaidh Mhòir, air 26 & 27 Sultain.

Bha a’ cho-labhairt seo a’ toirt sàr chothrom do luchd-foghlaim Gàidhlig air leasachadh dreuchdail agus a’ toirt cothrom sùil a thoirt air iomairtean teagaisg agus ionnsachaidh ùra tro shreath de dh’òraidean agus bùthan-obrach.

 

Stòrlann

Bùthan-obrach 2018

Tràth Ìrean

1. Thig a chèilidh

Lindsey Charnley
Step Wee Cèilidh

Tòrr spòrs, danns agus seinn

2. Taic a bharrachd

Barbara Simons THC
Morna Butcher

Fiosrachadh airson taic a chumail ri pàrantan agus clann le feumalachdan sònraichte

3. Cò tha siud?

Aonghas MacLeòid
Fèisean nan Gàidheal

A’ toirt leabhraichean beò a’ cleachdadh pasgain Bookbug

4. Dannsa agus seinn

Sophie Stevenson / Peigi Nic a’ Phiocair

Geamannan agus gnìomhan airson clann fo aois 5 le òrain, ruitheam agus gluasad

5. An Gruffalo

Lindsey Charnley
Step Wee Cèilidh

A’ toirt sgeulachd a’ Ghruffalo beò tro òrain, dràma agus gluasad.

 

Alltan - Quick View


An t-Alltan 2008-2018

Seiseanan sònraichte

Òrain Òg, Òrain Bhòidheach (Tràth Ìrean & Bun-sgoil)

Sa bhùth-obrach seo mhìnich Lisa NicDhòmhnaill mar a tha cànan, ceòl agus gluasad ag obrachadh còmhla gus cothrom ionnsachaidh cumhachdach a chruthachadh. Tha dòigh thuigseach gu sònraichte cudromach ann am buidhnean dà-chànanach far nach eil an dàrna cànan aig na pàrantan; ach, tha na buannachdan a thig bho cheòl a’ dol thairis air aois agus suidheachadh. Fhuair tidsearan eisimpleirean de dh’òrain agus molaidhean air mar a chruthaicheas iad an cuid fhèin.

Tha eòlas farsaing aig Lisa ’s i air a bhith a’ teagasg ann am bun-sgoiltean agus a’ cur taic ri buidhnean Phàrant agus Cròileagain Ghàidhlig fad iomadh bliadhna. Tha i air trì bliadhna a chur seachad a’ rannsachadh an àite as urrainn a bhith aig ceòl ann an leasachadh cànain, mar phàirt de Cheum Maighstireachd le Conservatoire Rìoghail na h-Alba agus Sabhal Mòr Ostaig.

Spòrs (Bun-sgoil & Àrd-sgoil)  
Fileantas, misneachd agus briathrachas – cothroman taobh a-muigh na sgoile. Tro chur-seachadan agus prògraman, faodaidh Spòrs Gàidhlig taic a chumail ris a’ Churraicealam. 

Into Film – bunaitean dèanamh fhilmichean don churraicealam (Bun-sgoil & Àrd-sgoil) 

’S e carthannas foghlaim a th’ ann an IntoFilm a tha ag iarraidh film a chur aig cridhe ionnsachadh agus eòlas cultarail chloinne agus òigridh.

Thug an seisean practaigeach seo cuideachadh do thidsearan gus ionnsachadh, measadh agus buileachadh a leasachadh le bhith a’ cleachdadh dhòighean air filmichean a dhèanamh. Fhuair iad stiùireadh ceum air cheum air diofar ghnìomhan mar Clàradh agus Cluich air ais, dèanamh film 5,4,3,2,1 – seadh, gabhaidh film goirid a dhèanamh ann an nas lugha na 30 mionaid agus chaidh sealltainn do thidsearan mar a nì iad sin! Bha uidheamachd agus goireasan ri làimh.   

Ceangalan ri goireasan Gàidhlig:

 

Seonag NicAoidh

Seonag NicAoidh

Ceit Fhoirbeis

Ceit Fhoirbeis

Òraidean

Tha sinn toilichte innse gun robh dithis òraidichean cliùiteach aig an Alltan am-bliadhna.

Thill Seonag NicAoidh dhan Alltan deich bliadhna às dèidh dhi bruidhinn aig a’ chiad cho-labhairt ann an Inbhir Nis ann an 2008.

B’ e seo a’ chiad uair aig Ceit Fhoirbeis, BPA aig an Alltan, ach bha mòran eòlach air an taic fhollaisich a bhios i a’ cur ris a’ Ghàidhlig agus na h-iomairtean eile anns a bheil i an sàs.

Tha Joan a’ stiùireadh na tha Foghlam Alba a’ cur ris a’ phrògram nàiseanta, A’ Deasachadh Luchd-obrach Òg, ag obair còmhla ri compàirtichean nàiseanta.

Tha i cuideachd a’ stiùireadh Cruthachalachd thar Ionnsachadh agus Ionnsachadh agus Leasachadh Coimhearsnachd.

Chaidh Ceit Fhoirbeis a chur an dreuchd mar Mhinistear an Ionmhais Phoblaich agus na h-Eaconamaidh Didseataich anns an Ògmhios 2018.

Ged as ann à Inbhir Pheofharain a tha Ceit, fhuair i cuid dhen togail aice ann an Glaschu agus anns na h-Innseachan.

Mus deach a taghadh mar BhPA don Eilean Sgitheanach, Loch Abar is Bàideanach, bha Ceit na cunntasair ann an gnìomhachas na bancaireachd.

Roimhe sin, leugh i eachdraidh aig Oilthighean Chambridge is Dhùn Èideann le fòcas gu h-àraidh air imrich dhaonna.

Tha Ceit fileanta sa Ghàidhlig agus rinn i eachdraidh na bu tràithe air a’ bhliadhna nuair a thug i seachad òraid a bha gu tur anns a’ Ghàidhlig aig làn-choinneamh de Phàrlamaid na h-Alba.

B’ e seo a’ chiad turas a rinn BPA boireann a leithid ann an seòmar na Pàrlamaid seo.

Barrachd fiosrachaidh 

Clàr-ama na Co-labhairt

Dimàirt 25 Sultain
19:00 – 20:00

Clàradh

Bhidiothan

Fàs Foghlaim Fada - Comhairle na Gàidhealtachd

An t-Alltan 2018

“Tha e math a bhith coinneachadh ri daoine eile san aon shuidheachadh riut fhèin.”

[themify_icon icon=”fa-twitter” icon_bg=”#FFFFFF” icon_color=”#991896″ ] An t-Alltan air Twitter

[themify_twitter username=”antalltan” show_count=”3″ show_timestamp=”false” show_follow=”true” ]

Alltan Mascot