Skip to content

Maureen McKenna - An t-Alltan 2016
An t-Alltan - Aviemore 2016 - Canadian Teachers
An t-Alltan 2016 - Exhibition

Fàilte

Chaidh An t-Alltan 2016 a chumail ann an Ionad Co-labhairt MhicDhòmhnaill san Aghaidh Mhòir, air 28 & 29 Sultain.

Tha a’ cho-labhairt seo a’ toirt sàr chothrom do luchd-foghlaim Gàidhlig air leasachadh dreuchdail agus a’ toirt cothrom sùil a thoirt air iomairtean teagaisg agus ionnsachaidh ùra tro shreath de dh’òraidean agus bùthan-obrach.

Am-bliadhna, airson a’ chiad uair, bha sinn toilichte gun robh luchd-obrach nan tràth bhliadhnachan nam pàirt den Alltan fhèin seach a bhith aig co-labhairt air leth. Chuir sinn fàilte bhlàth orra.

Phàigh Stòrlann no Bòrd na Gàidhlig làn chosgaisean àiteachan-fuirich dhaibhsan a bha an làthair.

 

Alltan Mascot
Shona Niclllinnein

Shona Niclllinnein

Maureen McKenna

Maureen McKenna

Fosgladh / Òraid

Chaidh a’ cho-labhairt fhosgladh le Ceannard Bòrd na Gàidhlig, Shona Niclllinnein.

Rinn Maureen McKenna, OBE, Stiùiriche-gnìomha Sheirbheisean Foghlaim, Comhairle Baile Ghlaschu, òraid Diardaoin.

[themify_icon icon=\”fa-file-pdf-o\” style=\”large rounded\” icon_color=\”#FFFFFF\” ] Eachdraidh-beatha Òraidichean

Bùthan-obrach 2016

Tràth Ìrean

1. Òrain is rannan

Màiri NicAonghais

Cothrom òrain is rannan Gàidhlig ùra ionnsachadh airson a bhith ag obair le clann òga còmhla le Mairi NicAonghais. Tòrr spòrs agus gàireachdainn!

2. A’ sgrìobhadh òrain sìmplidh

Mòrag Stiùbhart agus Màiri NicAonghais

Cothrom òrain shìmplidh a sgrìobhadh a bhios furasta agus spòrsail a chleachdadh le teaghlaichean agus clann ag ionnsachadh Gàidhlig.

3. Mindstretchers: Bho Àrach gu Nàdar
(a’ toirt clann 0-3 a-mach)

Katy Hookham

A’ toirt clann òga 0-3  a-mach agus ag ionnsachadh bho nàdar anns a’ choimhearsneachd tro bhith a’ cluich  agus a’ cleachdadh na tha timcheall airson na sgilean agus an t-eòlas aca a neartachadh.

4. Teaghlaichean agus Sgoiltean Còmhla (TASC)

Comann nam Pàrant
Diorbhail Wentworth & Carrie Afrin

Bha am buidheann-obrach seo air a ruith le Diorbhail Wentworth agus Carrie Afrin aig Comann nam Pàrant agus thug iad fiosrachadh agus taic air a bhith a’ brosnachadh Gàidhlig san dachaigh, san sgoil agus sa choimhearsneachd.

Bha fiosrachadh aca air pròiseact ùr airson a bhith ag obair còmhla ri teaghlaichean agus a’ brosnachadh Gàidhlig anns an dachaigh.

5. Eadar-ghluasadan – anns na trath ìrean

Fiosrachadh air taic do chlann anns na tràth ìrean airson an deisealachadh gu bhith a’ gluasad dhan sgoil-àraich agus dhan bhun-sgoil.

6. Go!Gaelic

Fiosrachadh air Go!Gaelic agus na goireasan a th’ ann airson taic a thoirt  do phàrantan agus do chlann òga ag ionnsachadh Gàidhlig.

 

\"Early

Buidheann Fòcais air Measadh

Tha e aithnichte gu bheil goireasan a dhìth ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, agus tha seo a’ gabhail a-steach stuthan stèidhte air measadh.

Tha gu bheil na measaidhean nàiseanta a’ tòiseachadh air toirt oirnn beachdachadh air seo mar phrìomhachas.

Chan eil cus clàraichte ann an rannsachadh air na tha tidsearan FMG a’ faireachdainn mu mheasadh agus mun àite aige sa chlasrum. Chaidh còmhradh a chumail ri tidsearan air a’ chuspair seo aig a’ cho-labhairt, gus am beachdan fhaighinn air an raon seo de phoileasaidh agus cleachdadh.

An Dr Fiona Lyon agus An Dr Sarah NicGuaire  |  https://gaelicreadingproject.co.uk

Clàr-ama na Co-labhairt

Dimàirt 27 Sultain
19:00 – 20:00

Clàradh

Clàradh

Tagh sruth aig a’ cho-labhairt…

Tràth Ìrean

\"Tràth
[themify_button style=\”medium rect flat\” color=\”#A1DD00\” link=\”http://alltan1.storlann.co.uk\” text=\”#FFFFFF\” target=\”_self\” ]Clàraich an-dràsta[/themify_button]

Bun-sgoil

\"An
[themify_button style=\”medium rect flat\” color=\”#00A3D9\” link=\”http://alltan2.storlann.co.uk\” text=\”#FFFFFF\” target=\”_self\” ]Clàraich an-dràsta[/themify_button]

Àrd-sgoil

\"High
[themify_button style=\”medium rect flat\” color=\”#FF9326\” link=\”http://alltan3.storlann.co.uk\” text=\”#FFFFFF\” target=\”_self\” ]Clàraich an-dràsta[/themify_button]

Òraidiche / Stiùiriche Bùth-obrach / Neach-taisbeanaidh / Neach-tadhail eile nach eil a’ teagasg

[themify_button style=\”medium rect flat\” color=\”#A300D9\” link=\”http://alltan4.storlann.co.uk\” text=\”#FFFFFF\”  target=\”_self\” ]Clàraich an-dràsta[/themify_button]

Bhidiothan

An t-Alltan 2016

“Tha e math a bhith coinneachadh ri daoine eile san aon shuidheachadh riut fhèin.”

[themify_icon icon=\”fa-twitter\” icon_bg=\”#FFFFFF\” icon_color=\”#991896\” ] An t-Alltan air Twitter

[themify_twitter username=\”antalltan\” show_count=\”3\” show_timestamp=\”true\” show_follow=\”true\” ]