Skip to content

Fios air Fuaimean – Fonaigs Ghàidhlig

Gabhaidh Fios air Fuaimean a chleachdadh mar ghoireas bunaiteach gus fonaigs shinteataig, rianail a theagasg. Tha e air a dhealbh gus co-fhreagradh nan litrichean ri fuaim ann an còd na h-aibidil Ghàidhlig a theagasg, agus gus piseach a thoirt air briathrachas, labhairt agus èisteachd.

Two covers of books

Aonad 1

Tha an leabhar seo a’ còmhdach a’ chiad 15 de cho-fhreagraidhean nan litrichean ri fuaim ann an còd na h-aibidil Ghàidhlig.

Tha e stèidhte air prionnsapalan teagasg fonaigs shinteataig, rianail agus a’ cur iomadh ciadfàth gu feum gus an ionnsaich clann tro ghnìomhan lèirsinneach, claisneach agus cineisteadaigeach.

Bidh clann ag ionnsachadh, ag ath-sgrùdadh agus a’ practasadh co-fhreagradh gach litir no buidheann litrichean ri fuaim san aon dòigh, fhad ’s a tha iad a’ leasachadh nan trì sgilean bunaiteach – leughadh, litreachadh agus làmh-sgrìobhadh.

Leis a’ mhodh-obrach seo bidh clann a’ cleachdadh an eòlais agus nan sgilean a th’ aca a thaobh fonaigs gus teacsaichean a leughadh a ghabhas dì-chòdadh gu lèir agus le sin bidh iad soirbheachail.

Goireasan feumail as urrainn dhut luchdachadh a-nuas airson Aonad 1:

Aonad 2

Tha an leabhar seo a’ còmhdach an ath 14 de cho-fhreagraidhean nan litrichean ri fuaim ann an còd na h-aibidil Ghàidhlig.

Tha e stèidhte air prionnsapalan teagasg fonaigs shinteataig, rianail agus a’ cur iomadh ciadfàth gu feum gus an ionnsaich clann tro ghnìomhan lèirsinneach, claisneach agus cineisteadaigeach.

Bidh clann ag ionnsachadh, ag ath-sgrùdadh agus a’ practasadh co-fhreagradh gach litir no buidheann litrichean ri fuaim san aon dòigh, fhad ’s a tha iad a’ leasachadh nan trì sgilean bunaiteach – leughadh, litreachadh agus làmh-sgrìobhadh.

Leis a’ mhodh-obrach seo bidh clann a’ cleachdadh an eòlais agus nan sgilean a th’ aca a thaobh fonaigs gus teacsaichean a leughadh a ghabhas dì-chòdadh gu lèir agus le sin bidh iad soirbheachail.

Goireasan feumail as urrainn dhut luchdachadh a-nuas airson Aonad 2:

Aonad 3

Tha an leabhar seo a’ còmhdach 7 de cho-fhreagraidhean nan litrichean ri fuaim ann an còd na h-aibidil Ghàidhlig, a’ coimhead gu h-àraidh ri fonaigs dhà-litireach agus dà-ghrafan connragach.

Tha e stèidhte air prionnsapalan teagasg fonaigs shinteataig, rianail agus a’ cur iomadh ciadfàth gu feum gus an ionnsaich clann tro ghnìomhan lèirsinneach, claisneach agus cineisteadaigeach.

Bidh clann ag ionnsachadh, ag ath-sgrùdadh agus a’ practasadh co-fhreagradh gach litir no buidheann litrichean ri fuaim san aon dòigh, fhad ’s a tha iad a’ leasachadh nan trì sgilean bunaiteach – leughadh, litreachadh agus làmh-sgrìobhadh.

Leis a’ mhodh-obrach seo bidh clann a’ cleachdadh an eòlais agus nan sgilean a th’ aca a thaobh fonaigs gus teacsaichean a leughadh a ghabhas dì-chòdadh gu lèir agus le sin bidh iad soirbheachail.

Goireasan feumail as urrainn dhut luchdachadh a-nuas airson Aonad 3:

Aonad 4

Tha dùil gum bi seo deiseil ’s air a sgaoileadh nas fhaide ann an 2021.

Aonad 5

Tha dùil gum bi seo deiseil ’s air a sgaoileadh tràth ann an 2022.

Tragadh agus Measadh

Seo stuthan gus do chuideachadh a’ tragadh agus a’ measadh adhartas nan sgoilearan.

Goireasan feumail as urrainn dhut a luchdachadh a-nuas airson tragadh agus measadh:

Tar-shealladh air measadh Aonad 1
Icon 164.43 KB 244 downloads
Aonad 1 Can na fuaimean
Icon 156.45 KB 296 downloads
Aonad 1 Cairtean litrichean
Icon 29.04 KB 256 downloads
Aonad 1 Faclan Cumanta
Icon 22.25 KB 293 downloads
Aonad 1 Faclan Doirbh
Icon 17.87 KB 221 downloads
Aonad 1 Faclan rin coimeasgachadh
Icon 156.69 KB 191 downloads
Aonad 1 Tragadh agus sgrùdadh
Icon 183.30 KB 258 downloads

Aonad 2 Can na Fuaimean
Icon 156.06 KB 205 downloads
Tar-shealladh air measadh Aonad 2
Icon 163.59 KB 151 downloads
Aonad 2 Can na fuaimean
Icon 155.04 KB 138 downloads
Aonad 2 Cairtean litrichean
Icon 31.94 KB 123 downloads
Aonad 2 Faclan Cumanta
Icon 22.73 KB 166 downloads
Aonad 2 Faclan rin Coimeasgachadh
Icon 22.62 KB 175 downloads

Aonad 3 Tar-shealladh air measadh
Icon 486.19 KB 118 downloads
Aonad 3 Faclan rin Coimeasgachadh
Icon 598.64 KB 202 downloads
Aonad 3 Faclan cumanta
Icon 714.71 KB 116 downloads
Aonad 3 Can na fuaimean
Icon 27.54 KB 203 downloads
Aonad 3 Cairtean litrichean
Icon 495.30 KB 121 downloads

    Modhan-teagaisg

    A’ teagasg eòlas air còd na h-aibidil ’s air na trì sgilean bunaiteach agus air na fo-sgilean co-cheangailte riutha.

    A’ teagasg fonaigs shinteataig, rianail

    Cuairt an Teagaisg agus an Ionnsachaidh

    Gaelic Phonics Study commissioned by Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig

    Ionad Chaluim Chille Ìle Gaelic Phonics Study Report March 2003