Skip to content

Buaidh na Beurla

Norman Soldiers

Cha deach a’ Ghàidhlig a thrèigsinn leis a h-uile rìgh a thàinig an dèidh Chaluim a’ Chinn Mhòir

Raibeart Brus

Thug an t-arm aig Raibeart Brus (Rìgh na h-Alba eadar 1306-1329) buaidh air arm Eideird II, Rìgh Shasainn aig Blàr Allt a’ Bhonnaich ann an 1314.

B’ e an suaicheantas a ghiùlain Raibeart Brus dhan bhlàr, Breac Bannoch Chaluim Cille – ’s e seo am fuigheall as naoimhe aig Alba na Gàidhlig, agus thathar den bheachd gu bheil dust Cholm Cille na bhroinn.

Buaidh cogaidh air an t-sluagh a bha a’ bruidhinn Gàidhlig

Chaidh cleachdadh na Beurla mar chànan làitheil a neartachadh cuideachd nuair a dh’fhuirich feachdan Shasainn ann an ceann a deas na h-Alba an dèidh dhaibh buaidh fhaighinn sna cogaidhean.

Tha e coltach cuideachd gun deach an àireamh de luchd-labhairt na Gàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba sìos air sgàth ’s na chaidh a mharbhadh ann an cogaidhean.

Thug seo ceannardan air falbh bhon t-sluagh agus bhiodh aig na boireannaich ri inimrichean – daoine a ghluais dhan àite – a phòsadh.

Seumas IV

Dh’ionnsaich Seumas IV cànan nan ìochdaran Gàidhealach aige agus b’ e an rìgh mu dheireadh air Alba aig an robh Gàidhlig.

Bha ùidh mhòr aige cuideachd ann an ceòl Gàidhealach, agus bha mòran sheirbheisich agus chlàrsairean Gàidhealach air am fastadh aige.

James4
Robert the Bruce

Buaidh na Beurla agus na Fraingis air a’ Ghàidhlig

Thàinig Sasainn fo bhuaidh Normanach-Fhrangach an dèidh Blàr Hastings ann an 1066. Bha an cath eadar arm Normanach-Fhrangach Uilleim, Diùc Normandy agus arm Sasannach an Rìgh Angla-Shagsanaich, Harold Godwinson.

Fhuair an t-arm Normanach buaidh air an arm Angla-Shagsanach aig Hastings.

Thàinig na Normanaich o thùs à Normandy, sgìre an ceann a tuath na Frainge.

An dèidh do na Normanaich buaidh fhaighinn air Sasainn, b’ e Fraingis cànan an riaghaltais agus a’ ghnìomhachais.

Cho-mheasgaich na Normanaich Fraingis agus Seann Bheurla agus thug sin dhuinn Beurla an latha an-diugh.

Ghèill cainnt Normanach-Fhrangach ris a’ Bheurla am measg uaislean Shasainn, ach thug fiùdalachd ann an Alba Angla-Normanaich a-steach nuair a fhuair iad fearann bhon Chrùn airson seirbheis no obair a dhèanamh.

Normandy
An t-Eilean
Sgitheanach ann
an iar-thuath na
h-Alba
An t-Eilean Sgitheanach ann an iar-thuath na h-Alba

B’ e Fraingis, agus cha b’ e Beurla, a bh’ aig na h-inimrichean seo.

Mar sin, fhuair Fraingis prìomhachas ann an cùirt rìoghail na h-Alba – cha robh gluasad dìreach ann bho Ghàidhlig gu Beurla.

Tha fianais ann gun do mhair a’ Ghàidhlig tro na meadhanaoisean; na measg, ainmean Gàidhlig gan cleachdadh ann an sgrìobhainnean ann am meadhan agus ann an ceann a deas na h-Alba, agus oifigearan Gàidhlig a bhith ann fhathast, me, am brehon – am britheamh.

Jedburgh, air
a’ chrìch eadar
Alba agus Sasainn
Jedburgh, air a’ chrìch eadar Alba agus Sasainn

Sguir a’ Ghàidhlig mar chainnt làitheil Meadhan na h-Alba eadar 1157 agus 1400.

Chaidh Beurla a chleachdadh an toiseach airson sgrìobhainnean oifigeil san 12ra linn.

Tha ainmean Gàidhlig a th’ air an clàradh ann an sgrìobhainnean oifigeil nan dearbhadh gun do mhair a’ Ghàidhlig am measg sluagh Galltachd na h-Alba agus san ear-thuath; tha clàran fearainn sgrìobhte sa Ghàidhlig ann an Leabhar Dhèir.

Book of Deer

Fiùdalachd

Le fiùdalachd, bhiodh daoine a’ faighinn fearann airson seirbheis no obair a dhèanamh.

Air sgàth fiùdalachadh ann an Alba, thàinig mòran dhaoine às ùr a-steach dhan dùthaich. Bha diofar dhòighean aca air rudan a dhèanamh agus air eadar-obrachadh ri daoine eile.

Thàlaidh fiùdalachd Anglaich à Northumbria a Lodainn, agus thuinich iad an sin san 11mh agus san 12ra linn.

Thòisich marsantaich agus luchd-ciùird à Sasainn a’ stèidheachadh bhorghan san robh margaidhean tuath air a’ chrìch.

Na b’ fhaide air adhart, mu 1527, thug Hector Boece, eachdraiche Albannach, iomradh air Sasannaich a bhith a’ fuireach ann an Alba.

Thuirt e, ‘Tha sinne a tha a’ fuireach air a’ chrìch aig Sasainn air ar cànan màthaireil a thrèigsinn agus air Beurla ionnsachadh.

Thug cogaidhean agus malairt oirnn seo a dhèanamh, ach tha na Gàidheil fhathast mar a bha iad ri linn Chaluim a’ Chinn Mhòir.

B’ ann na latha-san a thòisich sinn a’ cleachdadh Beurla.’

Anns na thuirt e tha e a’ dèanamh sgaradh soilleir eadar a’ Ghàidhealtachd agus a’ Ghalltachd.

Highland Clearances
Hector Boece