Skip to content

Gàidhlig – Cànan Ceilteach

Sia Dùthchannan Ceilteach, Sia Cànanan Ceilteach

Tha sia Cànanan Ceilteach ann agus ’s e Gàidhlig na h-Alba fear aca. ’S e an fheadhainn eile Gaeilge (Gàidhlig na h-Èireann), Gaelg (Gàidhlig Eilean Mhanainn), Còrnais, Cuimris agus Breatannais.

’S iad Gàidhlig, Gaeilge agus Gaelg cànanan Goidhealach Ceilteach an latha an-diugh, a thòisich ann am Breatainn agus Èirinn.

Canaidh sinn cànanan Briothannach ri Breatannais, Còrnais agus Cuimris.

Bha cànanan Ceilteach gam bruidhinn air feadh na Roinn Eòrpa an Iar aig àm nan Ròmanach agus ro àm nan Ròmanach.

An-diugh ’s ann ann an Eileanan Bhreatainn agus sa Bhreatainn Bhig, sgìre ann an iar-thuath na Frainge, a tha iad air am bruidhinn sa mhòrchuid.

romans-ns
Celtic Language Map

Na Dùthchannan Ceilteach, far a bheil na cànanan Ceilteach fhathast gam bruidhinn an-diugh, air neo far an robh iad air am bruidhinn a-steach dhan nuadh linn.

Roinn Eòrpa nan Ceilteach