Tha còrr is mìle bliadhna bhon a dh'fhairich Alba smachd nan Lochlannach. Aig an àm sin, chaidh an ainmeachadh mar dhaoine cumhachdach, feargach agus eagallach. Mìle bliadhna air adhart 's chan eil dealbh slàn againn fhathast de na Lochlannaich. Chaidh an goireas seo a chruthachadh airson 's gun ionnsaich thu mu na Lochlannaich ann an dòigh tharraingeach. Tha gach ciste làn mhac-samhail inntinneach de nithean Lochlannach. Chan eil ach na h-uiread againn dhiubh, agus mar sin bidh na cisteachan rim faighinn air iasad airson teirm sgoile.
(no cuir fòn chun na h-oifis air 01851 700880)