Image: Na Lochlannaich
Image: Stòrlann Viking Resource Box with sample contents

Fàilte

Tha còrr is mìle bliadhna bhon a dh'fhairich Alba smachd nan Lochlannach. Aig an àm sin, chaidh an ainmeachadh mar dhaoine cumhachdach, feargach agus eagallach. Mìle bliadhna air adhart 's chan eil dealbh slàn againn fhathast de na Lochlannaich. Chaidh an goireas seo a chruthachadh airson 's gun ionnsaich thu mu na Lochlannaich ann an dòigh tharraingeach. Tha gach ciste làn mhac-samhail inntinneach de nithean Lochlannach. Chan eil ach na h-uiread againn dhiubh, agus mar sin bidh na cisteachan rim faighinn air iasad airson teirm sgoile.

(no cuir fòn chun na h-oifis air 01851 700880)

Anns a' chiste tha:

  • Rùintean
  • Clàr-sgrìobhaidh cèire
  • Còrn
  • Clogad
  • Fir-tàileisg Leòdhais
  • Bràiste
  • Spàintean adhairce
  • Buinn-airgid
  • Feadag adhairce
  • Forcaichean 's sgeinean
  • Aodach Lochlannach
  • Clach-rùin
  • Botal leathair
  • Thor
Image: Stòrlann Viking Coin Replica

Image: Lewis Chessmen

Saga Biorn

Seo agad bhidio mu dheidhinn Lochlannach aosta tapaidh a tha air an t-slighe a Valhalla.

Saga Biorn Ùr bho Stòrlann Nàiseanta na Gàdhlig air Vimeo.

Image: Illustrations from Viking workbook

Anns a' phasgan tha:

  • Cò iad na Lochlannaich?
  • Cuin a thàinig na Lochlanaich a dh'Alba?
  • Carson a thàinig na Lochlannaich?
  • Creachadairean
  • Ionnsaighean air Eilean Ì
  • Bàrdachd
  • Creideamh agus creideasan nan Lochlannach
  • Tiodhlacaidhean nan Lochlannach
  • Fir-tàileisg Leòdhais
  • Aodach nan Lochlannach
  • Ainmean-àite Lochlannach ann an Alba
  • Faclan a tha a' tighinn bho fhreumhan Lochlannach
  • Càit an deach na Lochlannaich?


Image: Viking clasp