Skip to content

Boban Saor

Goireasan

Goireasan priont
Gheibh sibh na stuthan-taic agus copaidh den tàr-sgrìobhadh/sgriopt airson priontadh an seo.

[wpdm_package id=\’1028\’ template=\’5d039faa7c072\’]

[wpdm_package id=\’1480\’ template=\”5d039faa7c072\”]


 http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/35338/1

Èist ris an earrainn agus freagair na ceistean, a’ cleachdadh nam faclan agad fhèin. Tha Donnchadh MacDhòmhnaill, Donnchadh mac Dhòmhnaill ’ic Dhonnchaidh (1882-1954), à Uibhist a Deas, ag innse naidheachd do dh’Iain Latharna Caimbeul, Fear Chanaigh.

  1. Cò bhiodh a’ dol còmhla ri Boban Saor nuair a bhiodh e a’ falbh a dhèanamh na saorsainneachd?
  2. Dè a’ chomhairle a thug a bhean dha mus do dh’fhalbh e a Lochlann?
  3. Ciamar a bha an leannan-falaich aig Boban Saor nuair a thàinig e a choimhead oirre agus an obair gus a bhith deiseil?
  4. Dè dh’inns an leannan-falaich do Bhoban Saor mu Rìgh Lochlainn?
  5. Thuirt Boban Saor gum feumadh e falbh a dh’iarraidh acfhainn a dh’fhàg e aig an taigh ach cha leigeadh an rìgh leis falbh; thuirt e gum faigheadh e cuideigin eile a rachadh air an turas. Cò an aon duine anns an cuireadh Boban Saor earbsa an acfhainn fhaighinn à Alba?
  6. Sgrìobh Boban Saor seòrsa de rann anns an litir a chuir e dha bhean. Dè an stiùireadh a bh’ ann dhi?
  7. Dè rinn bean Bhobain Shaoir nuair a nochd am fear leis an litir air tòir na h-acfhainne?
  8. Dè dh’inns bean Bhobain Shaoir do Rìgh Lochlainn san litir a chuir ise thuigesan?
  9. Dè thachair do Bhoban Saor aig a’ cheann thall?

Briathrachas

fuathasach – uabhasach (air a chleachdadh an seo airson an ath fhacal a dhèanamh nas làidire)
saorsainneachd – obair-fhiodha
leannan-falaich – rùnach, leannan os ìseal, gun fhiosta do dhaoine eile
as aonais an taighe – air falbh on taigh
a’ sìor dhol air aghaidh – a’ sìor dhol air adhart
air thuar a bhith ullamh – gus a bhith ullamh
ullamh – deiseil
muladach – glè dhuilich
suigeanachd – toileachas, sonas
air chor agus nach bi – airson nach bi
a’ dèanamh saod air – a’ faighinn dòigh air
acfhainn – uidheam airson obair shònraichte a dhèanamh
fiachail – luachmhor
anns an spot – anns a’ bhad
fada goirid gun robh an ùine – bha an ùine gu math goirid
companach – cèile, caraid
cha robh comas air – cha ghabhadh e leasachadh

Leannan-falaich
Anns na sgeulachdan seo, bha e tric air a chomhairleachadh do dhaoine leannan-falaich
a bhith aca nuair a bhiodh iad air falbh on taigh. Mar as trice, ’s e tè dhe na
searbhantan a bhiodh anns an leannan-falaich, aig am biodh fios air gach nì a
bha a’ dol. Mar sin, cha bhiodh naidheachd sam bith ann nach cluinneadh an duine
bhuaipe. Agus gu dearbh, ’s e an leannan-falaich a thug rabhadh do Bhoban Saor
agus a mhac mu na bha fa-near don rìgh, agus a shàbhail iad.

Cruthachadh is Dealbhadh

Dèan ath-sgrìobhadh air an sgeulachd seo. Feuch gum bi thu a’ cumail ris an aon structar ach cleachd do mhac-meanmna airson an sgeulachd a leudachadh. Èist ri cuid de na tionndaidhean eile den sgeulachd a tha anns na Ceanglaichean Eile.

Notaichean & Freagairtean

Freagairtean

  1. Rachadh a mhac còmhla ris.
  2. Thuirt i ris leannan-falaich fhaighinn.
  3. Bha i gu math muladach.
  4. Bha an rìgh a’ dol gam marbhadh gus nach fheumadh e pàigheadh airson an cuid obrach.
  5. Mac Rìgh Lochlainn.
  6. Na leig le Mac Rìgh Lochlainn (an acfhainn bheag) falbh gus am faigheadh esan (an acfhainn mhòr) air ais dhachaigh.
  7. Dh’iarr i air suidhe ann an seòmar agus ghlais i a-staigh e.
  8. Thuirt i gun robh a mhac-san aice na phrìosanach, agus cha leigeadh i ma sgaoil e gus am faigheadh Boban Saor dhachaigh sàbhailte agus le a thuarastal.
  9. Fhuair e dhachaigh sàbhailte.

Am Fiosraiche
Donnchadh MacDhòmhnaill, Donnchadh mac Dhòmhnaill ’ic Dhonnchaidh (1882-1954). Rugadh e ann an Snaoiseabhal, Uibhist a Deas, agus chaidh a thogail ann am Peighinn nan Aoireann. B’ e clachair a bh’ ann.

Geàrr-chunntas
’S e saor ainmeil a bha ann am Boban Saor. Uair dhe na h-uairean, dh’fhalbh e fhèin agus a mhac a-null gu ruige Lochlann gus saorsainneachd a dhèanamh dhan rìgh. Mus do dh’fhalbh e, thuirt a bhean ris gun a bhith gun leannan-falaich ’s e thall an sin. Mar sin, fhuair e tè fhad ’s a bha e ann. Aon latha, bha a leannan muladach. Dh’inns i do Bhoban Saor gun robh an rìgh a’ dol a mharbhadh Boban ’s a mhac airson nach biodh aige rim pàigheadh. Ach rinn Boban Saor a’ chùis air an rìgh aig a’ cheann thall.

Ceanglaichean

Boban Saor agus a mhac a’ togail caisteal do Rìgh Lochlainn.
http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/107370/1
Dòmhnall Alasdair Johnson.

Bha Boban Saor pòsta agus bha e na shàr shaor. Bha aon mhac aige nach robh cho comasach ris fhèin. Chuir Boban e dhan mhargadh agus dh’iarr e air caoraich a reic, ach an toirt air ais thuige. Bha aon bhoireannach a dh’aontaich ri seo. Thug i leatha iad agus fhuair i fir gus an rùsgadh. Phàigh i airson na clòimhe agus thug an gille air ais na caoraich gu athair. Chuir Boban an gille a phòsadh a’ bhoireannaich, agus dh’aontaich i.

Bha snighe anns an taigh. Aon latha, chunnaic i Boban a’ tughadh a thaighe fhèin. Rinn ise tuill anns an tughadh aige. Cha robh Boban a’ tuigsinn dè mar a thachradh seo, agus thuirt e: “Shìn mise a h-uile mac gas a chuir mi air an taigh cho sìnte ’s ghabhadh e sìneadh.” Nuair a bha an duine aice a’ tughadh an taighe, dh’inns i dha mar a bha athair ga dhèanamh, agus bha an tughadh gu tur dìonach. Theagaisg a’ bhean a h-uile rud dha anns an aon dòigh.

Dh’iarr Rìgh Lochlainn air Boban Saor caisteal a thogail dha. Chaidh a mhac còmhla ris. Ràinig iad Lochlann aig a’ cheann thall, an dèidh do bhean a’ ghille cùisean a dhèanamh rèidh an dèidh beagan de dhragh aig an toiseach. Dh’iarr bean a’ ghille air leannan fhaighinn am measg nan searbhantan. Nuair a bha an caisteal cha mhòr deiseil, dh’inns an searbhanta dhan ghille gun robhar am beachd e fhèin agus athair a mhurt. Chuidich bean a’ ghille e fhèin agus athair a shàbhaladh, oir rinn i an gnothach air mac an rìgh a ghlasadh san taigh aice. Chuir Boban agus a mhac crìoch air a’ chaisteal. Fhuair iad an t-airgead, agus thill iad dhachaigh gu sàbhailte.

Boban Saor agus a mhac a’ togail caisteal do Rìgh Lochlainn.
http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/107376/1
Mìcheal Mac an t-Saoir

Dh’fhaighnich Boban Saor dha mhic dè bu chòir a dhèanamh mu dheidhinn abhainn fhuaimneach a bha ga chumail na dhùsgadh. Thuirt fear gum bu chòir balla fiodh a thogail oir ’s nach cluinneadh e am fuaim. Thuirt am fear eile gum bu chòir an taigh a ghluasad.

Dh’iarr Boban Saor air a’ ghille caoraich a reic aig tastan gach caora, agus an toirt air ais dhachaigh. Thachair e ri nighean a dh’aontaich ri seo agus thug i na caoraich leatha gu a taigh fhèin. An ath latha bha na caoraich air an rùsgadh. Phàigh ise airson na clòimhe agus thug an gille na caoraich dhachaigh gu athair. Dh’iarr Boban Saor air a’ ghille an nighean seo a phòsadh. Dh’aontaich i, agus thug an gille dhachaigh i.

Chaidh iarraidh air Boban Saor agus a mhac caisteal a thogail ann an Lochlann. Dh’iarr Boban air a mhac leannan a ghabhail, oir ’s gum biodh fios aige air dè bha a’ tachairt. Thagh e tè a bha na bean-taighe. Dh’inns ise dha gun robhar an dùil e fhèin agus athair a mharbhadh nuair a bhiodh an caisteal deiseil. Dh’inns an gille dha athair.

Thuirt Boban Saor ris an rìgh gun robh bearraid a dhìth air, agus nach biodh an caisteal deiseil gus am faigheadh e e. Bha sin aig an taigh ann an Èirinn. Chuir an rìgh a mhac a dh’Èirinn gus fhaighinn. Thuig bean a’ ghille an teachdaireachd aig mac an rìgh. Dh’iarr i air na maoir a chur an grèim agus chaidh a chur dhan phrìosan. Chuir i teachdaireachd gu Rìgh Lochlainn nach fhaigheadh e an gille air ais gus am biodh an duine aice agus Boban Saor air ais gu sàbhailte. Fhuair iad am pàigheadh agus thill iad gu sàbhailte.

Boban Saor ’s a mhac agus mar a theab fear cur às dhaibh gus nach biodh aige rim pàigheadh.
http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/55262/1
Eòghann MacLeòid.

Bha Boban Saor agus a mhac ag obair ann an caisteal. Dh’inns leannan a’ mhic gun robh am fear aig an robh an caisteal a’ dol a chur às dhaibh, gus nach biodh aige rim pàigheadh. Dh’iarr Boban Saor air mac an duine seo brath a thoirt gu bean Bhobain Shaoir. Dh’aithnich ise gun robh iad ann an cunnart agus chùm i mac an duine an grèim gus an d’ fhuair Boban ’s a mhac dhachaigh gu sàbhailte.