Skip to content

Mar a dh’fhàs clòimh air each

Goireasan

Goireasan priont
Gheibh sibh na stuthan-taic agus copaidh den tàr-sgrìobhadh/sgriopt airson priontadh an seo.

[wpdm_package id=\’1015\’ template=\’5d039faa7c072\’]

[wpdm_package id=\’1480\’ template=\”5d039faa7c072\”]


 http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/18558/1

Èist ris an earrainn agus freagair na ceistean, a’ cleachdadh nam faclan agad fhèin. Anns an earrainn annasaich seo, tha Lachlann Dick, a thogadh ann an Glaschu ach le ceangal do dh’Uibhist a Tuath, ag innse sgeulachd do dh’Iain Peatarsan (Sgoil Eòlais na h-Alba).

  1. Ciamar a bha beatha do dhaoine le teaghlach mòr aig an àm?
  2. Dè chunnaic am bodach nuair a dh’èirich e sa mhadainn?
  3. Carson a dh’aontaich a’ bhana-bhuidseach a chuideachadh mu dheireadh thall?
  4. Dè dh’iarr i air a dhèanamh nuair a ruigeadh e dhachaigh?
  5. Dè rinn a bhean nuair a bha esan aig a’ bhana-bhuidsich?
  6. Ciamar a bha am bodach a’ faireachdainn mu na rinn a bhean? Thoir freagairt mhionaideach.
  7. Dè thachair nuair a dhòirt na bha sa chrogan air a’ chlosaich?
  8. Dè rinn am bodach leis na rùsgan caorach? Carson?
  9. Dè an rud neònach dhan do mhothaich am bodach às dèidh cola-deug?
  10. An e rud dona no rud math a bha seo airson a’ bhodaich agus a theaghlaich? Thoir adhbhar airson do bheachd.
  11. Càit an do dh’ionnsaich bràthair màthair Lachlainn an sgeulachd?

Briathrachas

a’ còmhnaidh – a’ fuireach
cha tric a bha sinn dà uair riamh cho tur – tha sinn glè bhochd
làir – each boireann, capall
’s e bha na èiginn – bha e ann an suidheachadh doirbh
dripeil – trang
cobhair – cuideachadh, taic
snàithle – pìos fada caol de chotan a chleachdar le snàthad airson fuaigheal (ann an sgeulachdan mar seo, bhiodh cumhachdan os-nàdarra aig snàithle)
closach – corp beathaich
pannal – buidheann de dhaoine
ceàrd – neach aig nach robh dachaigh stèidhichte, a bhiodh a’ siubhal na dùthcha agus a’ càradh rudan do dhaoine. Bha am facal ceàrd air a chleachdadh ann an dòigh mì-thlachdmhor a bha a’ dèanamh dì-meas air daoine. An-diugh, ’s e neach-siubhail a chanadh tu. Faic na notaichean gu h-ìseal.
a’ feannadh – a’ toirt dheth seiche/craiceann beathaich
rùsg – clòimh/còmhdach caorach

“Na Ceàrdan” – Luchd-siubhail agus Luchd-seilbh an Dualchais

’S e th’ ann an ceàrd ach cuideigin a dh’obraicheas le meatailt no fiodh, ach tha daoine air a bhith ga fhàgail mar ainm air sluagh de luchd-siubhail aig a bheil eachdraidh fhada agus dualchas làidir air a’ Ghàidhealtachd – na ceàird, no na ceàrdan. Mar as trice, ’s e staoin a’ mheatailt leis am biodh iad ag obair agus bhiodh na ceàird-staoin (no stànadairean) agus an teaghlaichean a’ siubhal air feadh na dùthcha a’ sireadh obair. Bhiodh iad a’ dèanamh agus a’ càradh phoitean is eile, mar eisimpleir.

Gu mì-fhortanach, dh’fhuiling na ceàird droch làimhseachadh o iomadh neach, agus bhiodh daoine a’ cur sìos orra, agus a’ fàgail orra gun robh iad àraid, no fòirneartach, no salach. Bha sgeulachdan ann mu na ceàird a bhith a’ goid rudan, no a’ gabhail brath air daoine (ged gu math tric, bhiodh an sgeulachd a’ dèanamh magadh air an neach a bha air a mhealladh leotha). Bha fiù ’s faoinsgeul ann (ri fhaotainn san leabhar ‘The Highlands’ le Calum Iain MacIllEathain) gur e ceàrd-staoin a rinn na tàirngean airson Ìosa Crìosd a cheusadh a chionn ’s gun do dhiùlt an gobha an dèanamh. Cha robh seo idir fìor, ach chleachdadh sgeulachdan mar seo airson leth-bhreith an aghaidh nan ceàrd a cheadachadh. Anns an fharsaingeachd, bhiodh na ceàird gan cumail fhèin fa leth o dhaoine eile agus bha seo a’ ciallachadh gun robh mì-thuigse agus mì-rùn a’ nochdadh gu furasta.

Leis gun robh iad gan cumail fhèin fa leth o dhaoine eile, thachair dà rud àraid. ’S e a’ chiad rud gun do leasaich iad an cainnt aca fhèin, Beurla Reagaird, a bha stèidhichte air a’ Ghàidhlig. Ged a bha a’ mhòr-chuid aca fileanta sa Ghàidhlig, bhiodh iad a’ bruidhinn na Beurla Reagaird airson rudan a chleith o choigrich. ’S e an dara rud gun do ghlèidh iad àireamh mhòr de dh’òrain agus de sgeulachdan. Tha na ceudan de chlàran air làrach-lìn Tobar an Dualchais a thàinig o eòlaichean anns a’ choimhearsnachd urramaich seo; coimhearsnachd a tha fhathast ann gus an latha an-diugh, ged nach bi iad a’ siubhal cho tric sin na làithean sa.

Tha am facal ‘ceàrd’ ga mheas mar fhacal tàireil an-diugh, agus bithear a’ cleachdadh an fhacail neach-siubhail (iomarra: luchd-siubhail) nuair a bhithear a’ bruidhinn orra taobh a-muigh teacsaichean eachdraidheil.

Cruthachadh is Dealbhadh

’S e sgeulachd bheag annasach a tha seo le tòrr chothroman airson àbhachdas agus spòrs. Dèan dealbh-chluich ghoirid èibhinn mar chlas.

’S dòcha gum bi thu airson na pàirtean seo a shònrachadh an toiseach.

  1. Am bodach
  2. Bean a’ bhodaich
  3. A’ bhana-bhuidseach
  4. An luchd-siubhail
  5. An làir.

no

Dèan ath-sgrìobhadh air an sgeulachd mar chartùn no bòrd-stòiridh. A-rithist, tha an cothrom ann beagan àbhachdais a bhith na lùib.

Notaichean & Freagairtean

Freagairtean

  1. Doirbh, cha robh e furasta.
  2. An làir aige, ’s i marbh.
  3. Bha seòrsa de chàirdeas eatorra.
  4. An stuth a bh’ anns a’ chrogan a chrathadh air closach na làire.
  5. Reic i seiche na làire ri luchd-siubhail.
  6. Ghabh e an fhearg. Bha e a’ crith leis an fhearg.
  7. Thàinig an làir beò a-rithist.
  8. Chuir e timcheall na làire iad. Bha i fuar, ’s a’ ghaoth a’ sèideadh.
  9. Bha an rùsg a’ fàs na bu tiugha agus na b’ fhaide.
  10. ’S e rud math a bh’ ann. Bha am bodach a-nis gu math na b’ fheàrr dheth.
  11. Chan eil e cinnteach idir.

Am Fiosraiche

Rugadh Lachlann Dick ann an 1935 agus chaidh a thogail ann an Glaschu. Tha dlùth-cheangal aige ri Uibhist a Tuath.

Geàrr-chunntas

Sgeulachd mu dhuine a chaidh a dh’iarraidh cobhair air bana-bhuidseach gus an làir mharbh aige a thoirt air ais bho na mairbh. Thug i dha stuth air choreigin ann an crogan, agus bha aige ri seo a dhòrtadh air a’ chlosaich. Gu mì-fhortanach, bha a bhean air seiche an eich a reic ris an luchd-siubhail. Gu h-aimlisgeach, dhòirt an crogan air a’ chlosaich agus dh’ath-bheothaich an t-each. Fhuair an duine craicnean chaorach airson a’ bheathaich, agus an dèidh greis mhothaich e gun robh a’ chlòimh a’ fàs. Bha aige ris an t-each a lomadh dà uair sa bhliadhna.

Chuala Lachlann an sgeulachd seo aig bràthair a mhàthar, Dòmhnall Iain Lachlainn Tàilleir, à Màlacleit.

Ceanglaichean

An gàidsear agus an ceàrd.
http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/42065/1
Aonghas MacNèill à Smiorasaraidh.

Thàinig toll air poit chopair [air poit-dhubh] agus chaidh an fheadhainn aig an robh i gu ceàrd a dh’iarraidh air a’ phoit a chàradh. Chaidh gàidsear chun a’ cheàird agus gheall e airgead dha nan innseadh e càit an do chàraich e i. Nuair a fhuair e airgead, thuirt an ceàrd gun do chàirich e a’ phoit aig an àite far an robh an toll, agus chan innseadh e dhan ghàidsear càit an robh i.

Ministear a cheannaich each o cheàrd.
http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/107542/1
Dòmhnall MacAoidh à Uibhist a Deas.

Cheannaich ministear each o cheàrd agus dh’fhaighnich e an robh e làidir. Thuirt an ceàrd ris gun robh e cho làidir ’s gun slaodadh e an Deamhan. Bheartaich am ministear an t-each ann an gige agus thug e cuireadh dhan t-sagart a dhol a-mach còmhla ris. Nuair a thàinig an t-each gu leathad, dh’fhàs e sgìth. Thachair am ministear ris a’ cheàrd agus ghearain e gun tuirt e ris gun robh an t-each cho làidir ’s gun tarraingeadh e an Deamhan. “Tha e a’ slaodadh dà dheamhan an-dràsta,” ars an ceàrd.