Skip to content

An Sgoil

Goireasan

Goireasan priont
Gheibh sibh na stuthan-taic agus copaidh den tàr-sgrìobhadh/sgriopt airson priontadh an seo.

[wpdm_package id=\’1012\’ template=\’5d039faa7c072\’]

[wpdm_package id=\’1480\’ template=\’5d039faa7c072\’]


 http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/68805/1

Èist ris an earrainn agus freagair na ceistean, a’ cleachdadh nam faclan agad fhèin. Tha Dòmhnall MacNeacail (1887-1979) às an Eilean Sgitheanach a’ bruidhinn ri Mòrag NicLeòid (Sgoil Eòlais na h-Alba).

  1. Dè an aois a bha Dòmhnall nuair a chaidh e dhan sgoil?
  2. Dè an aois a bha e nuair a dh’fhàg e an sgoil?
  3. Dè nach robh math mu dheidhinn nam mnathan-sgoile, ann am beachd Dhòmhnaill?
  4. Cò dha a bha buinteanas aig Niall MacLeòid, am fear a thàinig a theagasg Dhòmhnaill sa bhliadhna mu dheireadh aige?
  5. Dè seòrsa obair-dachaigh a gheibheadh na sgoilearan mus tàinig Mgr MacLeòid?
  6. Ged a bha e fhèin gu math diadhaidh, dè thuirt Mgr MacLeòid ris na sgoilearan mun obair-dachaigh aca?
  7. Carson nach b’ urrainn do Dhòmhnall fuireach anns an sgoil?
  8. Dè an suidheachadh a bh’ ann a thaobh cànan anns an sgoil?
  9. Dè bha follaiseach bho na h-eacarsaichean sgrìobhaidh aca?
  10. Ciamar a bha na tidsearan a’ faighinn taic airson clann a theagasg aig nach robh Beurla?
  11. Ciamar a dh’ionnsaich Dòmhnall leughadh sa Ghàidhlig?
  12. Dè an comas anns a’ Ghàidhlig nach eil aig Dòmhnall? Ciamar a tha e a’ faireachdainn mu dheidhinn seo?

Briathrachas

mnathan-sgoile – boireannaich a bhiodh a’ teagasg anns an sgoil
buinteanas do – càirdeach do
leabhar aithghearr nan ceist – leabhar de cheistean, ceangailte ris a’ chreideamh Phròstanach, a bhiodh aig daoine air an teangaidh. Bha e gu math cudromach ann am beatha na h-eaglaise.
a’ cantail – a’ cantainn, ag ràdh
diadhaidh – a’ creidsinn gu làidir ann an Dia; cràbhach
geur – san t-seagh seo, gu math comasach, glic
chaochail – dh’eug, shiubhail, bhàsaich
sìonadh – sìon, rud, càil
a’ copaigeadh – a’ dèanamh lethbhreac
miseanaraidh – neach a bhiodh a’ sgaoileadh Crìosdaidheachd ann an coimhearsnachdan iomallach
a’ dèanamh an adhraidh – ag adhradh, a’ moladh Dhè.

Achd an Fhoghlaim 1872
Tha Dòmhnall a’ bruidhinn air àm a bha gu math duilich dhan Ghàidhlig ann an Alba. Chaidh esan dhan sgoil às dèidh do dh’Achd an Fhoghlaim 1872 a chur an gnìomh. Ged a bha an Achd seo adhartach ann an iomadh dòigh, leis gun robh e a’ feuchainn ri dèanamh cinnteach gum faigheadh gach pàiste san dùthaich cothrom air foghlam bun-sgoile, rinn an Achd cron thar tomhais air a’ Ghàidhlig le buaidh a mhaireas gus an latha an-diugh.

Cha robh guth air a’ Ghàidhlig anns an Achd. Gu dearbh, bhathar a’ feuchainn ris a’ Ghàidhlig a chasg buileach, agus bhite a’ maslachadh agus a’ peanasachadh na cloinne nan labhradh iad facal Gàidhlig anns an sgoil. Ri linn seo, cha robh pàrantan a’ toirt seachad Gàidhlig dha an cuid cloinne. Cha do thòisich foghlam tro mheadhan na Gàidhlig gus na 1980an.

Chan eil Dòmhnall a’ toirt iomradh air an droch làimhseachadh is peanasachadh fiosaigeach a bhiodh sgoilearan a’ fulang airson Gàidhlig a labhairt. Feumaidh gun robh e gu math fortanach. Ann an cuid de sgoiltean, bhiodh tidsearan a’ gabhail dhan chloinn leis an tàthas nan labhradh iad idir facal Gàidhlig. Smaoinich fhèin cho doirbh ’s a bhiodh seo, mura robh facal Beurla aig a’ chloinn a’ dol dhan sgoil.

Cruthachadh is Dealbhadh

Ciamar a bhios tu a’ brosnachadh coimhearsnachd agus cànan a dh’fhuiling droch làimhseachadh, mar a’ Ghàidhlig, tro shiostam an fhoghlaim? Ciamar a chleachdas tu foghlam airson cùisean a dhèanamh nas fheàrr? Ciamar a bhrosnaicheas tu daoine Gàidhlig a chleachdadh gun ìmpidh a chur orra?

Dèan agallamh le neach nas sine mu na smuaintean aca mun Ghàidhlig agus mu na làithean-sgoile aca fhèin. Ciamar a tha iad a’ faireachdainn mun Ghàidhlig? Ciamar a tha na beachdan aca air atharrachadh thar nam bliadhnaichean? Ciamar a bha am foghlam aca diofraichte on fhoghlam agadsa?

Faodaidh tu an t-agallamh a chlàradh agus tar-sgrìobhadh a dhèanamh dheth cuideachd.

Notaichean & Freagairtean

Freagairtean

  1. Sia bliadhna a dh’aois.
  2. Ceithir bliadhn’ deug a dh’aois.
  3. Bha iad coma, co-dhiù a dh’ionnsaicheadh tu no nach ionnsaicheadh.
  4. Niall MacLeòid, am bard. / Bha e às an Eilean Sgitheanach (gabh ri seo mar fhreagairt).
  5. Leasanan Bìobaill, sailm, leabhar aithghearr nan ceist.
  6. Dh’fheumadh sgoilearan a bha a’ falbh airson cosnadh feadh an t-saoghail barrachd na am Bìoball ionnsachadh.
  7. Bha an teaghlach ro bhochd (dh’eug athair Dhòmhnaill nuair nach robh Dòmhnall ach trì bliadhna a dh’aois).
  8. Cha robh a’ Ghàidhlig aig na tidsearan agus cha robh a’ Bheurla aig a’ chloinn.
  9. Cha robh a’ chlann idir a’ tuigsinn na bha iad a’ sgrìobhadh.
  10. Bhiodh an tidsear a’ sgrìobhadh air a’ bhòrd-dhubh ann am Beurla agus ag iarraidh air an fheadhainn na bu shine eadar-theangachadh gu Gàidhlig.
  11. Dh’ionnsaich e còmhla ris a’ mhiseanaraidh anns an Sgoil Shàbaid.
  12. Cha do dh’ionnsaich e sgrìobhadh ceart. Tha e gu math duilich mu dheidhinn seo.

Am Fiosraiche
Dòmhnall MacNeacail, Dòmhnall Iseabail (1887-1979). Rugadh agus thogadh e anns an Eilean Sgitheanach. Bha e a’ fuireach ann an Camas Cros. B’ e maraiche agus croitear a bh’ ann. Cluinnear òrain a rinn e fhèin air làrach-lìn Tobar an Dualchais.

Geàrr-chunntas
Tha Dòmhnall a’ bruidhinn mun sgoil a fhuair e agus e na ghille. Chaidh e dhan sgoil aig aois sia bliadhna agus bha e innte gus an robh e ceithir bliadhn’ deug. Bha na mnathan-sgoile coma co-dhiù an robh clann ag ionnsachadh. Dh’ionnsaich e barrachd anns a’ bhliadhna mu dheireadh, aig Niall MacLeòid. Cha b’ urrainn dha fuireach anns an sgoil oir bha iad cho bochd. Cha robh Gàidhlig aig an luchd-teagaisg agus cha robh Beurla aig a’ chloinn. Leughadh iad ach cha robh iad a’ tuigsinn. Bha iad math gu leòr le àireamhan. Dh’ionnsaich e Gàidhlig a leughadh le bhith a’ gabhail adhradh anns an dachaigh.

Ceanglaichean

Seo cuid de na chlàraidhean eile aig Dòmhnall MacNeacail:

Cleachdaidhean tiodhlacaidh, croitearachd is eile.
http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/87659/1

Fiosrachadh air na cuspairean a leanas: tiodhlacadh (le iomradh air uisge-beatha, briosgaidean ’s càise); croitearachd (crodh agus gobhair); iasgach (sgadan, msaa.); agus taibhsean ’s samhlaidhean.

Beagan eachdraidh.
http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/68597/1

Rugadh am fiosraiche ann an 1887 anns an aon taigh anns a bheil e a-nis [1973]. ’S e taigh-geal a bh’ ann; fear den chiad fheadhainn. Phòs athair ann an 1884 agus thog e an taigh. Bha botal uisge-bheatha a’ cosg deich sgillinn aig an àm. Bha taighean-dubha anns an Druim Fheàrna cuideachd. Bha an teine ann am meadhan an ùrlair ach bha feadhainn anns an robh similear-crochaidh. Bha fìdhlear ann, Gilleasbaig Ceanadach, a bhiodh a’ teagasg dannsa anns an taigh aige. Thàinig an t-ainm Camas Cros air an àite an dèidh do shagart tighinn ann. Chuir e suas crois anns a’ chamas.

Tha am fiosraiche a’ bruidhinn air a’ bhàrdachd agus air a’ bheatha aige.
http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/68829/1

Tha am fiosraiche ag ràdh nach e bàrd a th’ ann idir. Thòisich e air òrain a dhèanamh nuair a thill e dhachaigh chun an Eilein Sgitheanaich. Bhiodh beagan a’ tighinn thuige nuair a bha e aig muir. Bha mòran Sgalpach còmhla ris a’ seòladh – Clann MhicLeòid agus Moireasdanaich – agus bha iad tapaidh. Bha e fhèin ann an Arm Astràilia agus ann an Cabhlach Astràilia anns a’ chogadh mu dheireadh, agus bha e toilichte faighinn dhachaigh agus a bhean a phòsadh.