Skip to content

An t-eun mòr agus am baile a chaidh a bhàthadh

Goireasan

Goireasan priont
Gheibh sibh na stuthan-taic agus copaidh den tàr-sgrìobhadh/sgriopt airson priontadh an seo.

[wpdm_package id=\’1013\’ template=\’5d039faa7c072\’]

[wpdm_package id=\’1480\’ template=\”5d039faa7c072\”]


 http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/2743/1

Èist ris an earrainn agus freagair na ceistean, a’ cleachdadh nam faclan agad fhèin. Anns an sgeulachd annasaich seo, tha Lachlann Dick ag innse do dh’Iain Peatarsan mu dheidhinn eun àraid a bhiodh a’ tadhal air baile.

  1. Ciamar a tha daoine an latha an-diugh air atharrachadh bho na daoine a bha a’ fuireach sa bhaile, a rèir Lachlainn?
  2. Dè thachradh uair sa bhliadhna?
  3. Ainmich aon rud a thuirt Lachlann mun eun a tha a’ sealltainn cho mòr ’s a bha e.
  4. Ciamar a bhiodh muinntir a’ bhaile a’ faireachdainn?
  5. Càit an do rug an t-eun ugh?
  6. Dè bha na daoine a’ cleachdadh airson an t-ugh a bhriseadh? Ainmich trì rudan.
  7. De thachair nuair a spreadh an t-ugh?
  8. Cò às a bha Màiri Margaret, a dh’inns an sgeulachd do Lachlann?

Briathrachas

badeigin – àiteigin
a’ còmhnaidh – a’ fuireach
coltach – tapaidh, làidir
lapach – lag, robach
tacsa ri – an coimeas ri
iomagain – cùram, dragh, imcheist, eagal
air thoradh – oir, air sàillibh, a chionn, air sgath
reigheadh e – rachadh e
clostar – càrn, meall de stuth
tha i an làthair fhathast – tha i beò fhathast

Cruthachadh is Dealbhadh

Còmhradh

’S e sgeulachd annasach dha-rìribh a tha seo. Saoil carson a bhiodh i air a h-innse? An ann airson teachdaireachd no teagasg a thoirt seachad? An e rabhadh a bh’ ann do dhaoine a bhith faiceallach mu rudan ùra nach eil iad a’ tuigsinn? Dè do bheachd fhèin? Bidh do thidsear a’ stiùireadh còmhradh sa chlas, mar chlas slàn no mar bhuidhnean beaga.

Dèan beagan rannsachaidh air an fhilm chlasaigeach Ameireaganach, ‘The Day the Earth Stood Still’. Tha iomadh film a’ togail air an ìomhaigh de rud annasach, draoidheil a’ nochdadh gun fhiosta – ‘Independence Day’, ‘Arrival’, is eile, mar eisimpleir – agus bidh iad a’ sealltainn mar a bhios mac-an-duine a’ dèiligeadh ris na rudan annasach seo ann an dòighean eadar-dhealaichte. Dè tha diofraichte mu gach fear agus dè bitheantas a th’ aca?

Ealain

Dèan postair airson film ‘An t-eun mòr agus am baile a chaidh a bhàthadh’. Cuir suas air a’ bhalla e, anns an t-seòmar-theagaisg. 

Notaichean & Freagairtean

Freagairtean

  1. Tha daoine an latha an-diugh glè bheag, lapach an taca ris na daoine a bh’ ann an uair sin.
  2. Bhiodh eun mòr a’ tighinn os cionn a’ bhaile.
  3. Bhiodh a ghob a’ dol às an t-sealladh mus nochdadh an t-earball; bha leud a sgiathan a’ falach na grèine.
  4. Bhiodh dragh/iomagain mhòr orra.
  5. Taobh a-muigh a’ bhaile.
  6. A h-uile càil; dùirn; casan; piocaidean; spaidean.
  7. Dhòirt an stuth a bh’ anns an ugh agus chaidh am baile a bhàthadh.
  8. Taigh a’ Gheàrraidh/Baile an Locha, ged a bha i a’ fuireach sa Cheathramh Mheadhanach.

Am Fiosraiche

Rugadh Lachlann Dick ann an 1935 agus chaidh a thogail ann an Glaschu. Tha dlùth-cheangal aige ri Uibhist a Tuath.

Geàrr-chunntas

Sgeulachd mu eun mòr a rug ugh ri taobh baile. Nuair a bhrist muinntir a’ bhaile an t-ugh, thàinig uimhir a stuth a-mach às ’s gun deach a h-uile duine a bhàthadh.

Tha Lachlann a’ smaoineachadh gun cuala e seo aig Màiri Margaret NicIllEathain.

Ceanglaichean

Sgeulachdan eile le Lachlann Dick:

Am marsanta, Seumas Beag, agus na radain.

http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/18559/1

Sgeulachd mu mharsanta an Loch nam Madadh aig an robh plàigh radain san stòr aige. Dh’iarr e air fear Seumas Beag cur às dhaibh. Nuair a rinn Seumas an gnothach, dhiùlt am marsanta am pàigheadh a chaidh aontachadh a thoirt dha, ach bha ceannachd aige air an uair sin.

Farpais snàimh eadar MacNèill Bharraigh agus Mac ’ic Ailein.

http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/18565/1

Uaireigin, bha MacNèill Bharraigh agus Mac ’ic Ailein a’ sealg nuair a chaidh iad a-mach air a chèile. Thuirt Mac ’ic Ailein gun robh an snàmhaiche a b’ fheàrr aigesan, ach thuirt MacNèill Bharraigh gur ann aigesan a bha an snàmhaiche a b’ fheàrr. Tha an sgeulachd ag innse mar thachair air latha na farpais.