Skip to content

Boireannach a chaidh a-steach do shìthean

Goireasan

Goireasan priont
Gheibh sibh na stuthan-taic agus copaidh den tàr-sgrìobhadh/sgriopt airson priontadh an seo.

[wpdm_package id=\’1029\’ template=\’5d039faa7c072\’]

[wpdm_package id=\’1480\’ template=\”5d039faa7c072\”]


 http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/37055/1

Èist ris an earrainn agus freagair na ceistean, a’ cleachdadh nam faclan agad fhèin. Dòmhnall MacDhòmhnaill à Beinn na Fadhla ag innse naidheachd do Chalum MacIllEathain (Sgoil Eòlais na h-Alba).

*Mus tòisich thu air èisteachd ris, leugh am fiosrachadh gu h-ìseal mun fhacal ‘fallaid’ airson barrachd tuigse a bhith agad.

  1. Dè tha Dòmhnall ag ràdh mu na sìthichean san latha an-diugh?
  2. Dè rinn am boireannach aon latha?
  3. Dè tha ann an sìthean?
  4. Carson a ghabh am boireannach ris an fhiathachadh a dhol a-steach dhan t-sìthean?
  5. Ciamar a gheibheadh i às an t-sìthean, a rèir nan sìthichean?
  6. Dè nach robh a’ tachairt leis a’ mhin anns a’ chiste?
  7. Dè dh’fheumadh i a dhèanamh leis an fhallaid?
  8. Carson a bha an seann sìthiche ga fhàgail san t-sìthean?
  9. Dè am moladh a thug e dhan bhoireannach?
  10. Dè thuirt i ri ceannard an t-sìthein nuair a theirig a’ mhin?
  11. Dè thuirt an ceannard ris a’ bhodach?
  12. Dè bha air tachairt anns an ùine a bha i air falbh on dachaigh?

Briathrachas

fallaid, an fhallaid – ’S e a’ mhin thioram a tha air fhàgail às dèidh do dh’aran fhuine a th’ anns an fhallaid. Anns na h-Eileanan Siar, dhèanadh iad bonnach leis an fhallaid agus bha seo air fhuine aig an aon àm ris an aran. Bha daoine a’ creidsinn gum biodh seo a’ ciallachadh nach biodh an stòras de mhin a’ crìonadh. Cha bhiodh bean fhaiceallach a’ cur na fallaid air ais dhan ghàirneal (ciste na mine) idir. Tha an sgeulachd seo ag obair mar sheòrsa de rabhadh airson an t-saobh-chràbhaidh sin. Tha barrachd fios ann am faclair Dwelly:
https://www.faclair.com/ViewDictionaryEntry.aspx?ID=F72D836002D1840BC505B3A5592588E2

air a chantail – air a ràdh
chan fhiosraich dhomh – chan eil mi eòlach air
às dèidh a’ chruidh – ‘crodh’ anns an tuiseal ghinideach
thàinig i an rathad aige – thachair i ris
fiathachadh – cuireadh
a’ fuine – a’ bèicearachd
min – an stuth a bhios ga chleachdadh airson aran is eile a dhèanamh; flùr
theann i air fuine – thòisich i air fuine
a’ dol an lughad – a’ fàs nas lugha
theirig na bh’ innte a mhin – chaidh a’ mhin a chleachdadh air fad
ceann m’ aimsir, ceann do thìm-sa – tha aimsir ga chleachdadh an seo airson tìde seach sìde. ’S e tìm facal eile airson tìde cuideachd.

An Sìthean
’S e àite-fuirich nan sìthichean a bh’ anns an t-sìthean. Gu math tric, bhiodh cnocanan beaga cruinn gan ainmeachadh mar shìthean. Uaireannan, ’s e fìor sheann làrach-adhlacaidh a bhiodh annta, agus bhon uair sin bha e air a thighinn a-nuas ann am beul-aithris mar àite anns am biodh na sìthichean a’ fuireach. Ge b’ e dè seòrsa cnuic a bh’ ann, ’s e àite cunnartach a bh’ anns an t-sìthean airson mac-an-duine. Tha iomadh sgeulachd ann mu dheidhinn daoine a chaidh a-steach do shìthean agus nuair a fhuair iad ma sgaoil mu dheireadh thall, bha tìm san t-saoghal fhèin an dèidh a dhol seachad fada na bu luaithe (mar a thachair dhan bhoireannach san sgeulachd seo).

Gheibhear Sìthean ann an ainmean àite air feadh na Gàidhealtachd, agus eadhon ann an Alba Nuadh. ’S e an Sìthean a th’ aig muinntir na Gàidhlig air baile Inbhir Nis ann an Ceap Breatainn.

Sròn an t-Sìthein – baile ann an Earra-Ghàidheal
An Sìthean Mòr – cnoc faisg air Mòrar
Sìthean a Tuath agus Sìthean a Deas – dà bhaile bheag air gach taobh de Loch Creurain anns an Apainn
An Sìthean – coimhearsnachd agus sgìre ann an Ceap Breatainn air a bheil ‘Inbhir Nis’ anns a’ Bheurla
Cnoc an t-Sìthein – tha seo ri lorg ann an iomadh àite, Tiriodh, Cataibh, Loch Aillse agus Ceap Breatainn nam measg
Sìdh Chailleann – Sìthean nan Cailleanach, beinn mhòr ann an Ceann a Tuath Shiorrachd Pheairt
Gleann Sìth – ann an Siorrachd Pheairt

Cruthachadh is Dealbhadh

Nan rachadh tu fhèin a-steach gu sìthean airson ùine mhòr, cò ris a bhiodh an saoghal coltach nuair a gheibheadh tu às?

  • Carson a rachadh tu a-steach dhan t-sìthean an toiseach?
  • Ciamar a gheibheadh tu teicheadh?
  • Dè bhiodh air atharrachadh?
  • Cò bhiodh tu ag ionndrainn?
  • Cò nach biodh tu ag ionndrainn?
  • Ciamar a bhiodh tu a’ faireachdainn san fharsaingeachd?
  • Dè cho fad ’s a bhiodh tu a’ smaoineachadh a bha thu ann? Agus dè an ùine a bha air a dhol seachad anns an t-saoghal a-muigh?

Sgrìobh sgeulachd ghoirid (mu 600-800 facail) mun t-suidheachadh seo.

Notaichean & Freagairtean

Freagairtean

  1. Cha chluinn e duine a tha gam faicinn no gam faireachdainn.
  2. Dh’fhalbh i agus dh’fhàg i clann bheaga a-staigh, agus chaidh i a shealltainn às dèidh a’ chruidh.
  3. Tom far am bi na sìthichean a’ fuireach.
  4. Bha an oidhche dorcha agus bha e doirbh dhi tilleadh dhachaigh.
  5. Nuair a dhèanadh/dh’fhuineadh i aran leis na bha de mhin anns a’ chistidh mhòir ann an oisean an t-sìthein.
  6. Cha robh e a’ fàs na bu lugha idir.
  7. Dh’fheumadh i a cumail ann an àite dhi fhèin.
  8. Bha e cho sean ’s nach dèanadh e feum a-muigh.
  9. Mhol e an fhallaid a chur air ais am measg a’ chòrr dhen mhin.
  10. Tha ceann m’ aimsir thairis.
  11. Thuirt i gum faigheadh e am bàs oir dh’inns e dhan bhoireannach mar a dhèanadh i an gnothach.
  12. Bha a’ chlann bheag a dh’fhàg i a-staigh a-nis nan athraichean agus nan seanairean.

Am Fiosraiche
Dòmhnall MacDhòmhnaill (Dòmhnall Ruairidh Dhuibh). Rugadh ann an 1910 agus thogadh e ann am Beinn na Fadhla. Bha e ag obair aig muir.

Geàrr-chunntas
Boireannach a chaidh a-steach do shìthean agus nach fhaigheadh a-mach gus an cuireadh i crìoch air a’ chiste-mhine.

Dh’fhàg boireannach a’ chlann bheaga a-staigh fhad ’s a chaidh i a shealltainn air a’ chrodh. Dh’fhàs i dorcha agus air a rathad dhachaigh thachair i air sìthean. Fhuair i fiathachadh a dhol a-steach, ach an làrna-mhàireach bha duilgheadas aice faighinn a-mach. Airson faighinn a-mach, dh’fheumadh i aran fhuine gus an cuireadh i crìoch air na bha de mhin anns a’ chiste. Ged a bha i a’ fuine ’s a’ fuine cha robh a’ mhin a’ teireachdainn. Dh’inns fear dhe na seann sìthichean dhi ciamar a thigeadh aice air seo a dhèanamh. Fhuair i a-mach agus chaidh i dhachaigh, ach nuair a ràinig i an taigh bha cuid dhen chloinn nan athraichean, agus ’s dòcha nan seanairean, ach bha i fhèin a cheart cho òg ’s a bha i nuair a chaidh i a-steach don t-sìthean.

Ceanglaichean

Boireannach a’ fuine ann an sìthean.
http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/43665/1
Aonghas MacIllFhialain; Mòr Chaimbeul.

Nuair a chaidh boireannach à Uibhist a Deas a thoirt a-steach dha sìthean, chaidh iarraidh oirre na bha sa chiste-mhine fhuine. Cha robh a’ mhin a’ cosg gus an do dh’iarr seann sìthiche oirre sgur a chur air ais na fallaid dhan chiste. Ghabh i a chomhairle, dh’fhalamhaich a’ chiste, agus fhuair i a-mach.

Tè a bha a’ fuine dha na sìthichean, agus mar a fhuair i dhachaigh.
http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/47295/1
Flòraidh NicCumhais.

Bha boireannach air a cumail ann an sìthean. Thuirt iad rithe gum faigheadh i dhachaigh an dèidh dhi a’ mhin a bh’ anns a’ chiste fhuine. Ach cha robh crìoch a’ tighinn air a’ mhin idir, a dh’aindeoin na dh’fhuineadh i. Thuirt sìthiche rithe nan cuireadh i an fhallaid air ais dhan chiste, chaitheadh i a’ mhin agus gheibheadh i dhachaigh.

Boireannach ann an sìthean.
http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/88865/1
Pàdruig Moireasdan.

Thugadh boireannach dhan t-sìthean ann an Creag Hàstain an Uibhist a Tuath. Dh’fheumadh i tòiseachadh air fuine. Bha aice ri ciste na mine fhalamhachadh air neo chan fhaigheadh i air falbh. Chaidh iarraidh oirre an fhallaid a thilleadh dhan chiste. Cha do dh’fhalamhaich ciste na mine. Dh’inns sìthiche sean dhan bhoireannach gum bu chòir dhi an fhallaid fhuine a chur còmhla ris a’ chòrr. [Tha seo eadar-dhealaichte on sgeul àbhaisteach anns a bheilear ag iarraidh air a’ bhoireannach an fhallaid a thilleadh dhan chiste.] Rinn am boireannach mar a thuirt e agus chosg i a’ mhin air fad, agus fhuair i air falbh, ach cha robh na sìthichean toilichte gun d’ fhuair i cuideachadh. Tha cliù aig sliochd a’ bhoireannaich mar dheagh luchd-obrach.