Skip to content

Fuadaichean ann am Barraigh

Goireasan

Goireasan priont
Gheibh sibh na stuthan-taic agus copaidh den tàr-sgrìobhadh/sgriopt airson priontadh an seo.

[wpdm_package id=\’1018\’ template=\’5d039faa7c072\’]

[wpdm_package id=\’1480\’ template=\”5d039faa7c072\”]


 http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/96973/1

Èist ris an earrainn agus freagair na ceistean, a’ cleachdadh nam faclan agad fhèin. Tha Annag NicFhionghain à Barraigh a’ bruidhinn ri Mòrag NicLeòid (Sgoil Eòlais na h-Alba).

  1. Cò dh’inns an naidheachd do dh’Annag?
  2. Dè thug rabhadh do na gillean gun robh rudeigin ceàrr?
  3. Dè an coltas a bha air na taighean nuair a ràinig iad am baile?
  4. Dè thachair do na daoine shìos aig a’ chladach?
  5. Carson nach do dh’fhuirich am fear anns a’ bheinn?
  6. Dè chuir iongnadh air na daoine eile nuair a ràinig iad an taobh thall?
  7. Cò às a thàinig iar-ogha nan daoine a chaidh fhuadach?
  8. Dè thachair nuair a thàinig an iar-ogha a Bharraigh?

Briathrachas

a’ comhartaich – fuaim a nì coin
a’ geumnaich – fuaim a nì crodh
mias, miasan – amar, soitheach airson bainne/uisge
gan caoileadh – (anns an sgeulachd seo) daoine gan coiseachd gu àite ann an loidhne
sgothan – bàtaichean-siùil meadhanach mòr, fosgailte
iar-ogha – mac no nighean le ogha neach
sinnsearachd – na daoine a thàinig roimhe san teaghlach

Na Fuadaichean ann am Barraigh

Bha na Fuadaichean gu math brùideil ann am Barraigh. Thachair iad fo ùghdarras a’ Chòirneil Iain Gòrdan, à Cluainidh, a bha air Barraigh agus Uibhist a Deas a cheannach o Cheann-cinnidh Chlann Raghnaill ann an 1838.

Ann an 1851, chuir an Còirneal air dòigh coinneamh phoblach, le rabhadh gun cuirte càin air duine sam bith nach biodh an làthair. Chaidh còrr is mìle gu leth duine a thoirt am bruid aig a’ choinneimh sin. Chaidh an cur far an fhearainn agus a-null a Chanada an aghaidh an toil. Mar a rinn am bodach san aithris aig Annag, theich mòran fhear dhan bheinn, ach chaidh na maoir às an dèidh le coin agus thugadh am bruid iad.

Chaidh mòran theaghlaichean a sgaradh o chèile agus bha feadhainn ann nach fhaca an càirdean gu bràth tuilleadh. Ràinig feadhainn eile Glaschu, agus nuair a dh’fhaighnich na h-ùghdarrasan an sin dhan Chòirneal dè bha e an dùil a dhèanamh dhaibh, thuirt e nach dèanadh e sgath.

Cruthachadh is Dealbhadh

Sgrìobh sgriobt anns a bheilear a’ ceasnachadh a’ Chòirneil Iain Gòrdan airson nan eucoirean a rinn e an aghaidh nan daoine.

  1. Dè na casaidean a tha gan cur às leth a’ Chòirneil?
  2. Cò bheir seachad fianais?
  3. Cò bhios air an diùraidh?
  4. Cò bhios a’ dìon a’ Chòirneil?
  5. Dè an co-dhùnadh a nì am britheamh?

Dèan deiseil airson an sgriobt agad a thaisbeanadh.

Notaichean & Freagairtean

Freagairtean

  1. Duine a h-antaidh.
  2. Bha na coin a’ comhartaich agus na beathaichean a’ geumnaich.
  3. Bha na taighean falamh agus bha na teintean air an cur às. Bha bainne a’ sruthadh sìos air an làr.
  4. Bha iad gan cur a-staigh dha na sgothan.
  5. Shaoil e nach robh e gu math sam bith dha fuireach ann leis fhèin.
  6. Bha am bodach na sheasamh air a’ chidhe romhpa.
  7. Astràilia.
  8. Chaidh a shealltainn dhi far an robh làrach taigh a sinnsirean.

Am Fiosraiche

Annag NicFhionghain. Rugadh agus thogadh i ann am Barraigh.

Geàrr-chunntas

Tha Annag NicFhionghain ag innse mu fhuadaichean ann am Barraigh, agus mar a chuireadh daoine às na taighean.

Ceanglaichean

Fuadaichean is eilthireachd ann am Barraigh.
http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/1594/1
Mìcheal Eòin MacNèill; Mary Flora MacNeill.

Fiosrachadh mun fheadhainn mu dheireadh a dh’fhalbh à Barraigh a-null thairis. Chaidh teaghlach à Buaile nam Bodach agus fear Niall mac Eòin fhuadach. Chaidh esan am falach fhad ’s a bha an còrr dhen teaghlach air am fuadach. Theab am fiosraiche is a bhean eilthireachd a dhèanamh anns na 1920an. Còmhradh mu fheadhainn a thàinig dhachaigh.