Skip to content

Lèine Duine Sona

Lèine Duine Sona

Goireasan

Goireasan priont
Gheibh sibh na stuthan-taic agus copaidh den tàr-sgrìobhadh/sgriopt airson priontadh an seo.

[wpdm_package id=\’1032\’ template=\’5d039faa7c072\’]

[wpdm_package id=\’1480\’ template=\”5d039faa7c072\”]


 http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/63305/1

Èist ris an earrainn agus freagair na ceistean, a’ cleachdadh nam faclan agad fhèin. Dòmhnall MacIllEathain à Griomasaigh ag innse naidheachd do Dhòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (Sgoil Eòlais na h-Alba).

  1. Cò às a thàinig an sgeulachd seo?
  2. Ann am beachd an duine àraid, dè bha a’ fàgail Mac ’Ille Phàdraig bochd?
  3. Dè an leigheas a bha aige do Mhac ’Ille Phàdraig?
  4. Carson nach robh an rìgh sona?
  5. Dè an t-adhbhar gearain a bha aig an dorsair?
  6. Bha iad dìreach gus an gnothach a chur bhuapa nuair a chuala iad mu dhuine nach biodh uair sam bith a’ gearan. Càit an robh e a’ fuireach?
  7. Dè bha a h-uile duine a’ dèanamh aig taigh an duine shona nuair a ràinig iad?
    1. an duine sona fhèin agus an dithis bhalach a bha còmhla ris
    2. na nigheanan
    3. an dithis bhalach eile
  8. Dè thuirt an duine sona:
    1. mun taigh aige?
    2. mun bhean aige?
  9. Carson nach do dh’inns iad dhan duine shona mun lèine?
  10. Dè dh’inns an duine sona do Mhac ’Ille Phàdraig nuair a dh’iarr e air iomlaid lèintean a dhèanamh?
  11. Ciamar a fhuair Dòmhnall MacIllEathain an sgeulachd seo?

Briathrachas


air thuar – an ìmpis
a’ dol am feabhas – a’ fàs nas fheàrr
cuir rid dhruim i (an lèine) – cur ort an lèine
cnead – fuaim ghearanach a nì duine air sgàth pian; osna
[tha mi] cho sona ris an rìgh – abairt a tha a’ ciallachadh gu bheil thu air leth sona
seasgair – blàth is tioram
bha a smùdan fhèin an ceann gach fòd – seanfhacal a tha a’ ciallachadh gu bheil sgeulachd dhuilich aig gach duine beò ge bith cò iad
a’ cruachadh mhònadh – a’ togail cruach-mhònadh
faochag – maorach a bhios beò air a’ chladach
toradh na mara – iasg agus stuth on mhuir
èis – feum, èiginn
o thìochdais – abairt coltach ri a shìorraidh
leth na truaighe – abairt eile coltach ri o thìochdais

Sonas

Tha an sgeulachd seo a’ toirt dhuinn teachdaireachd mu bhith sona. A bheil thu ag aontachadh leis an duine shona? Dè na rudan a dh’fheumas duine airson a bhith sona? Dè na faclan seo a bhios tu fhèin a’ cleachdadh a tha a’ ciallachadh sonas no a bhith sona? A bheil feadhainn eile ann as aithne dhut?

Ainmearan
sunnd
àigh
subhachas
aighear
aoibhneas
toileachas
sunndachd
sùg
gàirdeachas
gean

Buadhairean
saorsnail
toilichte
aobhach
subhach
àghmhor
sunndach
nèarach
dòigheil
aighearach
cridheil

Cruthachadh is Dealbhadh

Sgrìobh pìos pearsanta mu dheidhinn àite no àm anns an robh thu a’ smaoineachadh gun robh thu garbh fhèin sona. Carson a bha seo? Cò eile a bha an sàs ann? A bheil thu ag ionndrainn sin, air neo a bheil buaidh aige ort fhathast?

Notaichean & Freagairtean

Freagairtean

  1. Èirinn.
  2. Bha e mì-thoilichte.
  3. Dh’fheumadh e lèine duine sona a chur air nuair a bha i fhathast blàth o dhruim an duine shona fhèin.
  4. Cha robh e sona o bhàsaich athair agus a chaidh e fhèin a chrùnadh na àite.
  5. Cha bhruidhneadh fear a thogadh faisg air ris, nuair a bha e a’ dol a chèilidh air an rìgh.
  6. Bha e a’ fuireach ann an taigh beag tughaidh faisg air a’ chladach.
  7. Mar a leanas:
    1. a’ dèanamh cruach-mhònadh.
    2. a’ togail fhaochag shìos anns a’ chladach.
    3. ag iasgach air creig le slat.
  8. Mar a leanas:
    1. ’S fheàrr taigh beag làn na taigh mòr falamh.
    2. Cho math ’s a b’ urrainn dhut fhaicinn an àite sam bith.
  9. Air eagal ’s gun gabhadh e nàire ’s nach fhalbhadh e còmhla riutha.
  10. Cha do chuir e air lèine on a phòs e.
  11. Leugh e i ann an leabhar Gàidhlig.

Am Fiosraiche
Dòmhnall MacIllEathain, Dòmhnall Sheonaidh Bhàin. Rugadh e ann an 1902 agus thogadh e ann an Griomasaigh, Uibhist a Tuath. Tha grunn mhath chlàran aige air làrach-lìn Tobar an Dualchais.

Geàrr-chunntas
Cha ghabhadh duine a bha tinn leigheas gun lèine duine a bha sona a chur air nuair a bha i fhathast blàth bho dhruim an duine shona. Chaidh iad a lorg duine sona, a’ tòiseachadh leis an rìgh. Ge-tà, b’ e duine bochd le teaghlach mòr ann an taigh beag an aon duine a fhuair iad a bha sona.

Ceanglaichean

Seo cuid de na sgeulachdan eile aig Dòmhnall MacIllEathain:

Sgeulachd mu Fhear Ghrìminis agus mar a fhuair e air nighean Fear Bhaile nan Cailleach a phòsadh.
http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/95795/1

Mar a thuig Mac ’Ille Phàdraig gur e a mhì-thoileachadh fhèin a bha ga fhàgail tinn.
http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/62055/1
An aon sgeulachd ann an cruth eile. Bha Mac ’Ille Phàdraig tinn agus cha b’ urrainn do dhuine a leigheas. Thug fear comhairle dha lèine duine sona a bha fhathast blàth bho dhruim a chur air agus gum biodh e na b’ fheàrr. Chaidh dithis a lorg duine sona, agus an dèidh a bhith aig an rìgh, an dorsair agus an comhairliche aige, fhuair iad a-mach nach robh duine aca sona. Mu dheireadh, lorg iad duine le teaghlach mòr ann an taigh beag a bha sona. Thug iad e chun an duine bha tinn agus, nuair a thuirt iad ris an lèine aige thoirt do Mhac ’Ille Phàdraig, thuirt e nach robh lèine air bhon a phòs e. Thuig Mac ’Ille Phàdraig an uair sin gur e a mhì-thoileachadh fhèin a bha ga fhàgail tinn.

Fear aig nach robh sgeulachd aig cèilidh.
http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/62058/1
Bha fear aig nach robh sgeulachd aig cèilidh agus thuirt fear ris sgrath a chur air toll anns a’ bhàthaich. Nuair a chaidh e chun na bàthcha chunnaic e bàta. Chaidh e innte agus thug am bàta e gu Èirinn agus air ais. Bha sgeulachd mu na thachair aige nuair a thill e.

Sgeulachd mu theaghlach bochd.
http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/63301/1
Sgeulachd mu theaghlach bochd a dh’fhàg an gille a b’ òige air a’ mhòintich airson bàsachadh. Shàbhail an cù aige e agus thog a sheanmhair e.