Skip to content

Mionachan Beag agus Mionachan Mòr

Goireasan

Goireasan priont
Gheibh sibh na stuthan-taic agus copaidh den tàr-sgrìobhadh/sgriopt airson priontadh an seo.

[wpdm_package id=\’1021\’ template=\’5d039faa7c072\’]

[wpdm_package id=\’1480\’ template=\”5d039faa7c072\”]


 http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/44230/1

Èist ris an earrainn agus freagair na ceistean, a’ cleachdadh nam faclan agad fhèin. Eòghann MacFhionghain à Eige ag innse sgeulachd do Dhòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (Sgoil Eòlais na h-Alba).

  1. Dè bha Mionachan Beag agus Mionachan Mòr a’ buain sa choille?
  2. Carson a bha Mionachan Mòr ag iarraidh slat a ghearradh?
  3. Dh’iarr an t-slat air Mionachan Mòr tuagh fhaighinn an toiseach.
    Chuir seo e air turas fada, air tòir diofar rudan. Tha dusan rud
    uile-gu-lèir anns an t-sreath. Sgrìobh iad san òrdugh cheart.
    1. Slat
    2. Tuagh
    3. Gadhar
    4. Sop bhon ghille
  4. Dè bha air tachairt do Mhionachan Beag nuair a thill Mionachan Mòr?

Briathrachas

a’ buain – a’ gearradh no a’ spìonadh bàrr, measan agus mar sin air adhart.
a’ stràcadh – a’ bualadh
tuagh – uidheam airson fiodh a sgoltadh
a bheileas (bhon fhacal beil) – a’ bleith; a’ pronnadh gràn gus min a dhèanamh
clach-mheuraidh – clach airson bleith
gadhar – cù mòr seilge
sop – sràbh, fodar

Sgeulachd Mhòr nan Gàidheal
Aig aon àm, bhiodh a h-uile pàiste le Gàidhlig eòlach air an sgeulachd seo. A rèir Iain Fhrangain Chaimbeil (Iain Òg Ìle), a chuir ri chèile an cruinneachadh de sgeulachdan traidiseanta Gàidhlig, air an tionndadh gu Beurla, Popular Tales of the West Highlands: “Bhiodh e air a theagasg sa chumantas do chloinn còig no sia bliadhna a dh’aois.” Ann an tionndaidhean eile den sgeulachd, ’s e Biorachan a tha air an dithis. Bidh muinntir na Beurla Ghallta a’ fàgail Tappietourie orra – càrnan beag cruinn. Uaireannan, tha ainmean diofraichte orra, ach bidh iad an-còmhnaidh a’ tòiseachadh leis an aon litir. Gheibhear iad ann an Èirinn agus anns na coimhearsnachdan Gàidhealach ann an Alba Nuadh agus san Talamh Ùr.

Cruthachadh is Dealbhadh

Dèan dealbh-chluich bheag sa chlas le gach duine ann an riochd fear de na rudan a tha Mionachan Mòr an tòir air. Dèan clàradh dheth.

No:

Dèan comaig a bhios a’ sealltainn mar a thachair do Mhionachan Mòr agus Mionachan Beag. Cleachd dathan agus uaim!

Notaichean & Freagairtean

  1. Cnothan.
  2. Airson Mionachan Beag a bhualadh, los gun cuireadh e stad air bho bhith ag ithe nan cnothan air fad.
  3. Cuir san òrdugh seo.
    1. Slat
    2. Tuagh
    3. Clach-mheuraidh
    4. Uisge/allt/sruthan
    5. Fiadh
    6. Gadhar
    7. Ìm
    8. Luch
    9. Cat
    10. Bainne
    11. Mart
    12. Sop bhon ghille
  4. Bha e air spreadhadh leis na dh’ith e de chnothan.

Am Fiosraiche
Eòghann MacFhionghain. Rugadh agus thogadh e ann an Clèadail, Eige. B’ e croitear a bh’ ann. Tha iomadh clàr aige air làrach-lìn Tobar an Dualchais. Dh’eug e ann an 1972.

Geàrr-chunntas
Chaidh Mionachan Beag ’s Mionachan Mòr a bhuain chnothan. Mar a bhuaineadh Mionachan Mòr, dh’itheadh Mionachan Beag. Chaidh Mionachan Mòr a dh’iarraidh slat airson Mionachan Beag a bhualadh gus nach itheadh e ach beagan chnothan. Thuirt an t-slat: “Chan fhaigh thu mise gus am faigh thu tuagh a bhuaineas mi.” Bha an tuagh ag iarraidh clach a bheileadh e agus mar sin air adhart, gus an d’ fhuair Mionachan Mòr: sopan dhan mhart, deuran dhan chat, cat a ruitheas luch, luch a sgrìobas ìm, ìm a chasas gadhar, gadhar a ruitheas fiadh, fiadh a shnàmhas uisge, uisge a fhliuchas clach, clach a bheileas tuagh, tuagh a bhuaineas slat, agus slat a ghabhas air Mionachan Beag mun ith e ach beagan chnothan.

Nuair a thill e, bha Mionachan Beag air spreidheadh leis na dh’ith e dhe na cnothan.

Ceanglaichean

Tha an sgeulachd seo a’ nochdadh ann an iomadh cruth fo thiotal eile cuideachd, Biorachan Beag agus Biorachan Mòr.

http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/43062/1
Biorachan Beag agus Biorachan Mòr a’ buain chnothan, air innse le Peigi Dhòmhnallach à Uibhist a Deas.

http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/36041/1
Biorachan Beag agus Biorachan Mòr, air innse leis a’ Bh-ph. Chaimbeul. Chaidh a clàradh faisg air Taigh an Uillt, ann an Earra-Ghàidheal, ann an 1958.

http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/55259/1
Biorachan Beag agus Biorachan Mòr a’ cruinneachadh chnothan. Air innse le Nan Eachainn Fhionnlaigh à Bhatarsaigh.

Gheibhear tionndadh do chloinn na bun-sgoile an seo aig Gaelic4Parents
https://soundcloud.com/gaelic4parents/biorachan-beag-agus-biorachan

Chaidh an leabhar Biorachan Beag agus Biorachan Mòr fhoillseachadh le Fèisean nan Gàidheal ann an 2004, air a sgrìobhadh le Douglas Beck (ISBN-13: 9780952868729).