Skip to content

Obair dachaigh air a’ chroit

Goireasan

Goireasan priont
Gheibh sibh na stuthan-taic agus copaidh den tàr-sgrìobhadh/sgriopt airson priontadh an seo.

[wpdm_package id=\’1022\’ template=\’5d039faa7c072\’]

[wpdm_package id=\’1480\’ template=\”5d039faa7c072\”]


 http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/68218/1

Èist ris an earrainn agus freagair na ceistean, a’ cleachdadh nam faclan agad fhèin. Dithis à Barraigh, Ceit NicColla agus Ciorstaidh NicDhòmhnaill, a’ bruidhinn ri Màiri NicDhòmhnaill (Sgoil Eòlais na h-Alba).

  1. Cuir ann an òrdugh na rudan a dh’fheumadh am fiosraiche a dhèanamh nuair a dh’èireadh i anns a’ mhadainn.
    • Na beathaichean a bhleoghan
    • An teine a thogail
    • Na beathaichean fhodradh
    • A dhol a-mach dhan bhàthaich
    • Cupa tì a ghabhail
  2. Dè bhiodh iad a’ cleachdadh mar chonnadh? Gual no mòine? Tagh an fhreagairt cheart.
  3. Dè dhèanadh iad ris an teine air an oidhche?
  4. Dè bhiodh a’ tachairt fhad ’s a bhiodh iad a’ biathadh nam beathaichean?
  5. Dè bhiodh iad a’ bleoghan mura robh bainne aig a’ bhoin?
  6. Dè am beathach eile nach ro cho pailt anns an àite?

Briathrachas

a’ chiad char – a’ chiad rud
nuair a dh’èirinn – nuair a bhiodh i fhèin ag èirigh
a’ fodradh nam beothaichean – a’ toirt fodar do bheothaichean
a’ bleoghan – a’ faighinn bainne bho bheathach
a’ chagailt – far an dèanar teine ann an taigh
fòidean – pìosan mòine
a’ smàladh – a’ mùchadh
slabhraidh – sèine, air a chleachdadh an seo airson poit a chrochadh os cionn an teine
morghan – talamh/cladach a tha còmhdaichte le clachan beaga

Maith na Bà (agus na gobhair is na caorach!)

Bha bainne glè chudromach do dhaoine anns na seann làithean. Tha an seanfhacal ag ràdh: “Maith na bà a-muigh ’s a-staigh; mura leighis sin duine chan eil leigheas ann dha.”

Ach tha tòrr dhaoine ann nach toigh leotha bainne. An òladh tu bainne caorach? An òl thu bainne idir? Mura h-òl, carson nach òl?

Cruthachadh is Dealbhadh

Dèan rannsachadh air reasabaidhean traidiseanta. Am bi gin dhiubh a’ cleachdadh bainne gobhair? An urrainn dhut ìm a dhèanamh anns a’ chlas?

Notaichean & Freagairtean

Freagairtean

  1. An t-òrdugh ceart:
    • An t-òrdugh ceart:
    • Mòine.
    • Bhiodh iad ga smàladh.
    • Bhiodh iad a’ goil coire air slabhraidh os cionn an teine.
    • Na caoraich.
    • Gobhair.
  2. Mòine.
  3. Bhiodh iad ga smàladh.
  4. Bhiodh iad a’ goil coire air slabhraidh os cionn an teine.
  5. Na caoraich.
  6. Gobhair.

Na Fiosraichean

Ciorstaidh NicDhòmhnaill, Ciorstaidh Alasdair (1906-1992). Rugadh agus thogadh i ann am Buaile nam Bodach, Barraigh. Tha grunn chlàran aice air làrach-lìn Tobar an Dualchais.

Ceit NicColla, à Barraigh. Tha grunn chlàran aice air làrach-lìn Tobar an Dualchais.

Geàrr-chunntas

Còmhradh mu obair maidne air a’ chroit. Bhiodh an crodh ri bhleoghan agus uaireannan caoraich nam biodh an crodh seasg. Bhiodh cuid a’ cumail ghobhar cuideachd. Iomradh air smàladh an teine.

Ceanglaichean

Tha grunn chlàran aig Ciorstaidh Alasdair air làrach-lìn Tobar an Dualchais agus i a’ bruidhinn air cleachdaidhean san dachaigh. Seo trì dhiubh:

A’ deasachadh na clòimhe.
http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/68206/1

Cunntas math air deasachadh na clòimhe: nighe, cìreadh, càrdadh, dealbh, dathadh agus snìomh. 

Banais-taighe.
http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/68215/1

Bhiodh dà bhanais aca: aon oidhche ann an taigh bean na bainnse, agus an ath oidhche ann an taigh fear na bainnse.

An taigh-cèilidh.
http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/68209/1

Còmhradh mu chur-seachad a bhiodh aca anns na taighean-cèilidh: còmhradh, fealla-dhà, a’ cluich chairtean, agus a leithid. Bhiodh dannsaichean aca cuideachd.