Skip to content

Sìthichean a\’ goid leanabh

Goireasan

Goireasan priont
Gheibh sibh na stuthan-taic agus copaidh den tàr-sgrìobhadh/sgriopt airson priontadh an seo.

[wpdm_package id=\’1035\’ template=\’5d039faa7c072\’]

[wpdm_package id=\’1480\’ template=\”5d039faa7c072\”]


 http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/21264/1

Èist ris an earrainn agus freagair na ceistean, a’ cleachdadh nam faclan agad fhèin.Anns an earrainn seo, tha Nan NicFhionghain (1903-1982) à Bhatarsaigh a’ bruidhinn ri Anne Ross (Sgoil Eòlais na h-Alba) mu dheidhinn mar a bhiodh na sìthichean a’ goid leanabhan agus a’ fàgail thàcharanan nan àite. Chaidh seo a chlàradh anns an t-Samhain 1964.

  1. Càit an robh am boireannach an latha a bha seo?
  2. An do mhothaich am boireannach gun robh rudeigin ceàrr air an leanabh aice?
  3. Dè bhiodh leanabhan a’ faighinn mar bhiadh aig an àm sin?
  4. Dè a’ chiad rud mì-nàdarra a mhothaich i mun leanabh?
  5. Ciamar a fhuair am boireannach a-mach gur e tàcharan a bh’ ann? Dè bha e a’ dèanamh?
  6. Dè a’ chomhairle a thug an seann duine dhi airson a leanabh fhaighinn air ais?
  7. Dè rinn an tàcharan nuair a chunnaic e an làn a’ tighinn a-steach?
  8. Dè dh’iarr am boireannach air na sìthichean?

Briathrachas

uacha – bhuapa
creathail – far am bi leanabh na chadal
bodach-sìth – seann sìthiche
reothart – nuair a bhios làn na mara a-mach/ìosal
riochd – cruth, cumadh
a’ buain an todhair – a’ togail feamainn far a’ chladaich (airson a chur air an talamh, airson a mhathachadh)
diombach – mì-thoilichte

Tàcharan

Tha sgeulachdan mu thàcharanan glè chumanta air a’ Ghàidhealtachd. Bha daoine a’ creidsinn gu mòr anns na sìthichean agus bha iad gan coireachadh airson iomadh rud. Cleachdar am facal ‘changeling’ anns a’ Bheurla agus ann an Albais airson a leithid a shìthiche. Chan e facal uabhasach snog a th’ ann an tàcharan, agus tha beachd ann gun robh sgeulachdan mu dheidhinn tàcharanan gan innse airson seòrsa de mhìneachadh a dhèanamh air mar a bhiodh leanabhan a bha a’ fulang le tinneasan ag atharrachadh, is eile.

Cruthachadh is Dealbhadh

Rannsachadh

Dèan beagan rannsachaidh air sgeulachdan ceangailte ri tàcharanan. Carson a bha daoine a’ creidsinn ann an tàcharanan? Dè bhiodh a’ tachairt do chlann a bha air am meas mar thàcharan?

Notaichean & Freagairtean

Freagairtean

  1. Aig an tobar pìos air falbh on taigh.
  2. Cha do mhothaich.
  3. Brochan.
  4. Bha e ag ithe a h-uile sgath.
  5. Leig i oirre gun robh i a’ falbh fada on taigh. Choimhead i tron uinneig. Chunnaic i am bodach-sìth a’ cluich an fheadain agus na shuidhe air uilinn.
  6. Thuirt e rithe a dhol sìos dhan tràigh agus an tàcharan a chur air sgeir, agus leigeil oirre gu bheil i a’ buain an todhair fhad ’s a bhiodh an làn a’ tighinn a-steach.
  7. Chaidh e an riochd seann bhodaich agus thòisich e a’ maoidheadh agus a’ trod ris a’ bhoireannach.
  8. Dh’iarr i orra an leanabh aice fhèin a thilleadh thuice.

Am fiosraiche

Rugadh Nan NicFhionghain ann am Barraigh ann an 1903 agus bha i a’ fuireach ann am Bhatarsaigh. Chaochail i ann an 1982.

Geàrr-chunntas

Nuair a bha boireannach a-muigh aig an tobar, ghoid na sìthichean an leanabh aice agus dh’fhàg iad tàcharan na àite. Bha e ag ithe mòran. Aon latha leig i oirre gun robh i a’ fàgail an taighe ach bha i ga choimhead tron uinneig. Thòisich e a’ cluich air feadan agus thuig i gur e tàcharan a bha ann. Fhuair i comhairle bho bhodach a thoirt dhan chladach agus fhàgail air sgeir gus an tigeadh an làn mun cuairt air. Nuair a thàinig an làn mun cuairt air, ghabh e a dhreach fhèin mar sheann sìthiche a bha ag èigheach airson a shàbhaladh. Dhiùlt ise gus am faigheadh i am pàiste aice fhèin air ais. Thàinig na sìthichean leis an leanabh aice agus thug iad am bodach-sìth air falbh.

Ceanglaichean

Tàcharan an àite pàiste.
http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/24649/1
(Coinneach Dòmhnallach)

Bha searbhanta a’ coimhead às dèidh pàiste do bhoireannach a bha ag obair. Fhad ’s a bha a phàrantan san taigh bha e na phàiste cumanta, ach nuair a dh’fhalbhadh iad bhon taigh bha tàcharan de bhodach a’ tighinn na àite. Bha e a’ dèanamh obair na searbhanta airson biadh. Dh’inns ise seo dha mhàthair agus chaidh ise am falach san taigh latha. Nuair a thàinig an tàcharan, ghabh i dha le maide gus an do thill na sìthichean am pàiste aice fhèin.

Mar a fhuair boireannach cuidhteas tàcharan.
http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/43148/1
(Peigi Dhòmhnallach)

Chaidh pàiste boireannaich a ghoid agus dh’fhàgadh fear eile na àite. Thuirt seann duine rithe a leigeil às sa chladach. Nuair a bha an làn gu bhith mun cuairt air, a-mach a ghabh e. Bha am pàiste aice fhèin a-staigh roimhpe. ’S e sìbhreach a bh’ anns an tàcharan.

Pàiste a chaidh a ghoid le sìthiche.
http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/38575/1
(Iain Caimbeul)

Ghoid sìthiche pàiste air boireannach agus chuir e am pàiste aige fhèin na àite. Chaidh i a thogail bhàirneach agus dh’fhàg i am pàiste an sin, ’s an làn a’ tighinn. Nuair a chaidh i dhachaigh bha am pàiste aice fhèin a-staigh roimhpe.

Dòmhnall mac Thormoid agus sìthichean Dùn Chuilinn.
http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/107284/1
(Dòmhnall Alasdair MacIain)

Ghoid sìthichean pàiste nuair a bha a phàrantan a-muigh ag obair agus dh’fhàg iad tàcharan na àite. Fhuair Dòmhnall mac Thormoid, athair a’ phàiste, comhairle an tàcharan fhàgail aig an t-sìthean. Bha droch aimsir ann an oidhche sin agus chuir a bhean Dòmhnall a-mach gus a thoirt air ais.

Thàinig tàillear gus briogais Dhòmhnaill a chàradh fhad ’s a bha a’ chàraid a-muigh ag obair. Thàinig nigheanan [sìthichean] dhan taigh. Thòisich an tàcharan air feadan a sheinn agus thòisich an dannsa. Chaidh an tàillear a dhannsa còmhla riutha. Bhuail tè dhe na nigheanan sgleog air agus leag i e. Cha robh anns an taigh ach e fhèin agus an tàcharan nuair a dhùisg e.

Thuirt seann duine ri Dòmhnall gum bu chòir dha innse dhan tàcharan gun robh an sìthean na theine. Rinn e seo agus chaidh an tàcharan à sealladh. Thill am pàiste aca fhèin dhan chreathail.