Skip to content

Taighean-tughaidh agus taighean-fiodh ann am Bhatarsaigh

Goireasan

Goireasan priont
Gheibh sibh na stuthan-taic agus copaidh den tàr-sgrìobhadh/sgriopt airson priontadh an seo.

[wpdm_package id=\’1024\’ template=\’5d039faa7c072\’]

[wpdm_package id=\’1480\’ template=\”5d039faa7c072\”]


 http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/62839/1

Èist ris an earrainn agus freagair na ceistean, a’ cleachdadh nam faclan agad fhèin.Tha Nan NicFhionghain (1903-1982) à Bhatarsaigh a’ bruidhinn ri Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach agus Ealasaid Nic na Ceàrdaich (Sgoil Eòlais na h-Alba).

  1. Càit an robh an dà dhoras air na taighean?
  2. Dè an t-ainm a bha air a’ phàirt den taigh far am biodh na daoine a’ fuireach?
  3. Cò eile a bhiodh anns an taigh?
  4. Càit an robh an teine san taigh fhada aig Ceann Tangabhail?
  5. Tha Nan ag innse gun robh i na ‘cnapach’. Dè tha sin ag innse dhuinn mun aois a bha i?
  6. Dè seòrsa uinneagan a bhiodh air na taighean?
  7. Càit an robh an taigh-tughaidh mu dheireadh ann am Bhatarsaigh?
  8. Cò às a thàinig mòran de na daoine a thog taighean ann am Bhatarsaigh?
  9. Tha Nan ag ràdh gun robh na taighean-fiodh cho Gallta an taca ris na taighean-tughaidh. Dè tha Gallta a’ ciallachadh?
  10. Dè seòrsa thaighean nach robh ann am Bhatarsaigh aig an àm seo?
  11. Ciamar a bhiodh na daoine a’ faighinn fiodh airson na taighean a thogail?
  12. Cuin a dh’fhàg Nan an taigh-fiodh?
  13. Dè bhiodh air mullach nan taighean-fiodh?
  14. Càit am biodh iad a’ dol airson fiodh anns na seann làithean?
  15. Dè chuir stad air na Bhatarsaich a bha a’ gearradh coille ann am Muile aon latha?
  16. Dè rinn an tarbh nuair a fhuair iad dhan sgoth?

Briathrachas

cùl-taigh – pàirt aig cùl an taighe far am biodh na daoine a’ cadal mar bu trice
bha sreath ann dhiubh – bha mòran dhiubh ann
Ceann Tangabhail – baile ann am Barraigh
Brèibhig – baile ann am Barraigh
cnapach – òganach
leac – clach chòmhnard, rèidh
tughadh – stuth a bha a’ còmhdach mullach an taighe, dèante le muran, sràbh, fraoch is eile
Gallta – anns an t-seagh seo ‘coimheach’ no ‘cèin’, ach tric a’ ciallachadh rud nach eil Gàidhealach
Beanachan – àite ann am Bhatarsaigh
Miughalaigh – eilean deas air Bhatarsaigh far an robh daoine a’ fuireach aig aon àm, suas gu 1912
corra fhear – àireamh bheag
marsantan – daoine a bhiodh a’ reic agus a’ ceannach bathar
còmhnaidh – fuireach
a’ tearradh – a’ cur teàrr air rudeigin
cabair (singilte: cabar) – pìosan fada fiodh airson mullach an taighe a chumail an-àirde
mosach – gun a bhith coibhneil; droch-rùnach, mì-chàilear, gruamach, suarach
sgoth – bàta-siùil meadhanach mòr, fosgailte, comasach air bathar a ghiùlan

Sìoman – Ròpa nan Lus

Anns an t-seann aimsir, dh’fheumadh na daoine cha mhòr a h-uile càil a dhèanamh dhaibh fhèin. Dhèanadh iad ròpannan, ris an canadh iad sìoman, le sràbh, feur, fraoch, luachair, muran, agus eile.

’S e sìoman-tughaidh a bhite a’ cleachdadh airson an tughadh a cheangal ris an taigh. Bha diofar ròpannan air mullach an taighe air an cumail sìos le cuideam cloiche aig gach ceann. Bhiodh an sìoman-droma air druim an taighe, bhiodh an sìoman-gualainn aig gach ceann den taigh, agus bhiodh an sìoman-taoibh/sìoman-tarsainn ceangailte riutha. Mar seo, bhiodh an tughadh ga ghlèidheadh ann an sìde sam bith.

Chuireadh cuid a dhaoine tughadh ùr ris an taigh gach bliadhna.

Chanadh iad sìomanaiche ris an neach a dhèanadh sìoman, ach bha e comasach do dhuine sam bith sìoman a dhèanamh.

Gheibhte sìomanan diofraichte agus bhiodh ainm an t-sìomain gan sònrachadh: sìoman-fodair, sìoman-fraoich, sìoman-feòir, sìoman-connlaich, sìoman-ruadh, agus eile.

Cruthachadh is Dealbhadh

Dèan rannsachadh air beatha ann an taigh-tughaidh. Dèan plana de thaigh-tughaidh a tha a’ sealltainn far am biodh a h-uile càil. Saoil cò ris a bhiodh e coltach a bhith a’ fuireach ann an taigh-tughaidh? Dèan deiseil airson bruidhinn air na tha a’ nochdadh anns an rannsachadh agad.

Notaichean & Freagairtean

Freagairtean

  1. An coinneamh a chèile; fear air a’ chùl agus air an aghaidh.
  2. An cùl-taigh.
  3. Na beathaichean.
  4. Meadhan an ùrlair.
  5. Bha i òg.
  6. Feadhainn bheaga bhìodach.
  7. Beanachan.
  8. Miughalaigh.
  9. Anns an t-seagh seo tha Gallta a’ ciallachadh ‘coimheach’ no ‘cèin’, ged a tha e tric a’ ciallachadh rud nach eil Gàidhealach.
  10. Taighean-sglèat.
  11. Bhiodh iad ga fhaighinn o na marsantan. / Bhiodh iad ga cheannach.
  12. Bho chionn naoi bliadhna fichead.
  13. Felt air tearradh.
  14. Muile.
  15. Thàinig tarbh mosach.
  16. Shnàmh e pìos às an dèidh.

Am Fiosraiche

Nan NicFhionghain, Nan Eachainn Fhionnlaigh (1903-1982). Rugadh i ann am Barraigh agus bha i a’ còmhnaidh ann am Bhatarsaigh. Tha na ceudan de chlàran aice air làrach-lìn Tobar an Dualchais.

Geàrr-chunntas

Tha am fiosraiche a’ toirt iomradh air dealbh nan seann taighean-tughaidh a bh’ ann am Bhatarsaigh. Tha cuimhn’ aice fhèin air taighean le teine ann am meadhan an ùrlair. An dèidh nan taighean-tughaidh, bha daoine a’ togail thaighean-fiodha. Bhathar a’ toirt an fhiodha à Muile.

Ceanglaichean

Taigh-dubh Arnoil: Taigh-tasgaidh ann an Leòdhas a tha a’ sealltainn mar a bha taighean-tughaidh, no taighean-dubha, anns na h-eileanan.

https://www.historicenvironment.scot/media/4945/blackhouse-working-life-quiz-gaelic.pdf
https://www.historicenvironment.scot/visit-a-place/places/the-blackhouse-arnol/

Taighean-tughaidh agus taighean le sglèat.
http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/10257/1
Mrs MacLucas (1870-1962) à Àird Chatain.

Cha robh ach dà thaigh le sglèat ann nuair a bha am fiosraiche òg: an taigh-sgoile agus aon taigh eile.

Taighean-tughaidh.
http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/59567/1
Gilbert Clark (1904-1989) à Ìle.

Iomradh air taighean-tughaidh agus faclan co-cheangailte riutha: luidhear; slabhraidh; stuaidh an taighe; agus eile. Facail eile san fharsaingeachd agus seanfhacal no dhà.

Iomradh air na taighean a bha aig daoine ann am Miughalaigh.
http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/57537/1
Ealasaid Sinclair (1884-1968) à Miughalaigh.

B’ e taighean-tughaidh a bha ann am Miughalaigh air fad, ach a-mhàin an taigh-sgoile agus an eaglais. Bhiodh tughadh de dh’fheur orra air muin sgrathan. Bha iad gan tughadh às ùr a h-uile bliadhna agus gan ceangal le sìomanan. Ghabhadh sìomanan dèanamh à muran. Bhiodh similear aig gach ceann den taigh, agus teintean fosgailte.

Taighean-tughaidh.
http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/69313/1
George Gow à Tealamainn, Cataibh.

Bhite a’ cur nan ceanglaichean an sàs an toiseach. Bha iad air an dèanamh le giuthas-puill a bhathar a’ lorg sa mhòine. Bhite gan cur ri chèile le pinneachan daraich. ’S e sgrathan a bhathar a’ cleachdadh airson mullach an taighe, le fraoch agus muran air a’ mhuin. Bha am balla a-staigh air a dhèanamh le fàl, suas gu bràigh a’ bhalla. Bhite a’ còmhdach taobh a-muigh an taighe le aol a bhathar a’ dèanamh le coileagan agus feusgain.

B’ e dorsan clèithe a bha anns na taighean; bhathar gan dèanamh le sìoman-fhiadhag. Bhite cuideachd a’ dèanamh shnòdan airson lìon-beag leis an t-sìoman-fhiadhag. Bhite a’ dèanamh similear-crochaidh le frèam air an robhar a’ cur fodar ’s crèadh.

Cunntas air na leanas: àite-teine; làr; leabaidh-dhùinte; cluasag; talan.