Image: New resources from Stòrlann

 

 

Graphic: Atlas Sgoile Oxford  

 

       

 

Atlas Sgoile Oxford

Tha sinn toilichte an goireas ùr tarraingeach seo a thoirt thugaibh airson sgoilearan le Gàidhlig.  ’S e seo a’ chiad atlas Gàidhlig a tha a’ còmhdachadh an t-saoghail gu lèir.

Tha Atlas Sgoile Oxford gu tur ùr agus ag amas air prìomh fheumalachdan cruinn-eòlais. Tha e furasta a chleachdadh, tha na mapaichean soilleir, ceart agus tha còmhdachadh coileanta air Eileanan Bhreatainn cuide ri taghadh farsaing de mhapadh mòr-thireach agus cruinneil.

Leugh tuilleadh mu Atlas Sgoile Oxford

    

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Graphic: Eadar dà Sgeul

 

Eadar dà Sgeul

Pasgan-obrach

Bidh Eadar Dà Sgeul anns na sgoiltean a-nise agus tha sinn an dòchas gun còrd am measgachadh de sgeulachdan ri sgoilearan Gàidhlig aig gach ìre san àrd-sgoil.

Airson ùidh a bhrosnachadh ann an litreachas na Gàidhlig, tha sinn a’ cruthachadh seat de dhuilleagan-obrach air-loidhne a tha stèidhichte air na sgeulachdan san leabhar. Bidh obair ann do luchd-ionnsachaidh agus do na fileantaich, a bharrachd air notaichean tidseir. Tha sinn an dòchas gum bi na goireasan gu feum agus gun toir iad tlachd agus misneachd do na sgoilearan a tha an sàs ann an litreachas na Gàidhlig.

Leugh tuilleadh mu Eadar dà Sgeul

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Graphic: Catrìona air Chuairt

 

Catrìona a’ tadhal a-rithist

Tha ceithir leabhraichean ùra againn bhon t-sreath seo airson nan tràth-ìrean agus na sgoil-àraich. Tha Ist agus Faigh Iasg Dhòmhsa stèidhte timcheall air na cuspairean biadh agus bùithtean. An uair sin tha Spòrs le Sgudal agus Gluasad Gleusta stèidhte air togail mar ghnìomhachas.

Leugh tuilleadh mu Catrìona air Chuairt

 

 

 

         

 

 www.storlann.co.uk/goireasan