Gàidhlig|English
Graphic Link : JUMP TO CONTENT
Graphic Text : A' toirt taic do dh'fhoghlum Gàidhlig gu nàiseantaGraphic: Kids reading book
Image : Catriona air chuairt

Catrìona air chuairt

Tha iomadach seòrsa stuth is cur-seachad ann am baga Catrìona a chuidicheas tidsearan agus inbhich eile Curraicealam nan Tràth Ìrean a lìbhrigeadh an Alba. Seo na nithean bunaiteach sa bhaga:

Graphic: Books from Catriona air chuairt

  • Aon leabhar dhealbhan Catriona air chuairt
  • Aon sheata de dheich thaighean Sràid a’ Chnuic
  • Ceithir leabhraichean beaga: Am Bèicear, An Dotair, Am Fear-smàlaidh, An t-iasgair
  • Aon phupaid Catrìona
  • Aon dèideag Catrìona
  • shamhail de dh’aghaidhean-coimheach airson gabhail-riochd: Catrìona an cat; Calum an cù
  • Ceithir samhailean de phupaidean maide: am bèicear, an dotair, am fear-smàlaidh, an t-iasgair (feumaidh tu maidean loili, no rudeigin coltach ris, airson pupaidean a dhèanamh)
  • Image: Catrìona spinnerAon gheama chumaidhean Catriona (ceithir cairtean-bùird; ceithir cairtean ‘cumadh’ airson an gearradh a-mach; aon dìsinn ‘cumadh’
  • Aon sheata de cheathrad ’s a h-ochd cairtean-dhealbh beaga
  • Aon gheama lotto Catrìona (ceithir cairtean lotto, sia-deug cunntairean, sia-deug cairtean-dhealbh air an toirt bho sheata ’s a bheil ceathrad ’s a h-ochd)
  • Aon shnìomhadair airson geama fhaireachdainnean: ‘Ciamar a tha thu a Chatrìona?’
  • Dà dhuilleag de steigearan duaise Catrìona

Feallsanachd

Image: Catrìona bookTha a h-uile càil an cois Catrìona stèidhichte air caractar cat òg ceasnachail agus an toileachas a tha e a’ toirt dhi a bhith a’ cèilidh air a caraidean ’s a nàbaidhean. Gu fortanach tha iad uile a’ fuireach ann an aon bharraid fhada, Sràid a’ Chnuic, ann an taighean a tha eadar-dhealaichte ann an àirde, leud, dath agus cumadh; tha àireamh nan uinneagan eadar-dhealaichte, dìreach mar a tha an dreach agus coltas nan dorsan. Thathas an dòchas le bhith a’ toirt sheallaidhean bho thaobh muigh agus staigh gum brosnaich seo iomadach còmhraidh agus coimeis oir tha na daoine nam broinn cuideachd ao-coltach ann an aois, gnè, cinneadh agus am bith-beò. Tha an leabhar dhealbhan ann am meud freagarrach airson a leughadh a-mach, agus airson a chleachdadh ann am buidhinn bhig.

Tha pàtrain cànain glè chudromach ann an Catrìona air Chuairt. Tha pàtran àireamh nan taighean, dòigh aoigheachd, tairgse bracaist is freagairt Catriona: Cha ghabh, tapadh leat (no thank you) an aon rud gach turas gun tig i chun an taigh mu dheireadh, far nach eil tìde aice freagairt leis a’ chabhaig a th’ oirre faighinn air falbh bho Chlaum, cù mòr dealasach an lighiche-sprèidh! Tha dòigh cunntaidh air adhart, stèidhichte aig taigh àireamh a h-aon, a’ dol calg-dhìreach an aghaidh sin nuair a tha Catrìona a’ dèanamh a slighe dhachaigh.

Airson barrachd fiosrachaidh mun ghoireas seo, cuiribh fios chun na h-oifis.


Graphic: Catrìona

Graphic: FF correction