Gàidhlig|English
Graphic Link : JUMP TO CONTENT
Graphic Text : A' toirt taic do dh'fhoghlum Gàidhlig gu nàiseantaGraphic: Kids reading book
Graphic: Goireasan bho Stòrlann

Pasganan-obrach Gàidhlig Àrd-sgoil 1–3

Tha Stòrlann air a bhith ag ullachadh phasganan-obrach Gàidhlig do sgoilearan fileanta eadar AS1 agus AS3. Chaidh na pasganan, ochd dhiubh uile gu lèir, a sgrìobhadh le diofar sgrìobhadairean a dhèilig ri cuspairean eadar-dhealaichte, nam measg, litreachas, naidheachdan, obair agus cur-seachadan. Tha iad a’ bualadh gu sònraichte air na sgilean bunaiteach agus air builean Ìre 3 sa Churraicealam airson Sàr-mhathais.

Tha dà phasgan le freagairtean agus earrannan èisteachd a-nise air-loidhne: Criomagan Litreachais le Dòmhnall Iain MacÌomhair agus An t-Àm airson nan Naidheachdan le Gillebrìde Mac ‘ille Mhaoil. Bhiodh e air leth feumail ur beachdan fhaighinn air na pasganan.

Anns a’ phasgan, An t-Àm airson nan Naidheachdan, tha cothrom aig sgoilearan na naidheachdan aig sia uairean a leughadh (PDF Autocue). Chan eil aca ach am putan tillidh a bhruthadh air a’ choimpiutair airson sgrion ùr fhaicinn. Saoil am faigh iad obair anns na meadhanan?

 



 
Graphic: FF correction