Gàidhlig|English
Graphic Link : JUMP TO CONTENT
Graphic Text : A' toirt taic do dh'fhoghlum Gàidhlig gu nàiseantaGraphic: Kids reading book
Graphic: An t-Alltan 7-9 Dàmhair 2008

An t-Alltan 2010 -
Co-labhairt do thidsearan Gàidhlig bho Stòrlann

Thig còmhla rinn a rannsachadh iomairtean ionnsachaidh agus teagaisg do dh’fhoghlam Gàidhlig aig Taigh-òsta Dhruim Athaisidh ann an Inbhir Nis.

Tha An t-Alltan a’ toirt cothrom do thidsearan Gàidhlig tighinn còmhla a thoirt sùil air iomairtean teagaisg agus ionnsachaidh ùra tro shreath de dh’òraidean agus bùthan-obrach a tha ceangailte ri goireasan a th’ air ùr-nochdadh no a th’ anns a’ bheairt aig Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig.

Tha a’ Cho-labhairt an-asgaidh do thidsearan agus tha 50 àite ann don bhun-sgoil/luchd-obrach thràth-ìrean agus 50 don àrd-sgoil. Tha aon àite air a ghleidheadh sa chiad dol a-mach do gach sgoil agus bheirear àiteachan eile do luchd-tagraidh ann an òrdugh iarrtais; mar as luaithe a nìthear clàradh ’s ann as coltaiche a tha e gum bi àite a bharrachd ri fhaighinn.

Pàighidh Stòrlann àiteachan-fuirich thidsearan airson gach oidhche, ann an Taigh-òsta Dhruim Athaisidh neo ann an Taigh-òsta Muileann an Rìgh.  Feuch gun dèan thu soilleir air an fhoirm iarrtais co-dhiù a bheil àite-fuirich a dhìth ort, agus ma thà, dè na h-oidhcheannan a dh’fheumas tu àite-fuirich.

NB Feumar fios a leigeil gu Stòrlann ro 30 Sultain mura h-eil neach a th’ air seòmar a ghleidheadh an dùil a bhith an làthair no thèid cunntas airson na prìs iomlain (£80 an duine gach oidhche) a chur chun na sgoile/an ùghdarrais.

  Graphic : Pics from An t-Alltan 2009

 

Structar a’ phrògraim

Tha na bùthan-obrach ag amas air ìrean sònraichte ach tha thu làn di-beathte aig gin sa bheil ùidh agad. Gabhaidh deagh chleachdadh a thoirt leat gu ìre sam bith.

Graphic : TickBeairteas Cànain –Gnàthasan-cainnt & Abairtean

Mairead NicIomhair (B-S+ À-S) (Diciadain a-mhàin)
Mar a bhrosnaicheas tu cleachdadh ghnàthasan-cainnt agus abairtean ann an sgrìobhadh Gàidhlig, agus mar thoradh air seo, mar a bhrosnaicheas tu clann gus pìosan sgrìobhaidh Gàidhlig nas fheàrr a chur a-mach

Graphic : TickMatamataig

DI Mac a’ Ghobhainn (À-S) (Diciadain a-mhàin)
Gnìomhachdan airson ionnsachadh gnìomhach a ghabhas teagasg san rùm-teagaisg, gus taic a chur ri leabhraichean/goireasan Matamataig Teejay

Graphic : TickLitreachadh

Alice Nicleòid + Mairead Anna Nicleòid (B-S) (Diciadain a-mhàin)
Gnìomhachdan airson litreachadh gnìomhach a thèid còmhla ris a’ phrògram 'Lorgan Litreachaidh'. Till dhan rùm-teagaisg agus feuch fhèin iad!

Graphic : TickBàrdachd

Catriona Leacsaidh Chaimbeul (S-À, B-S+ À-S) (Diciadain & Diardaoin)
Gnìomhachdan dràma a ghabhas teagasg san rùm-teagaisg gus taic a chur ri na leabhraichean bàrdachd ‘can gun robh’ agus ‘Smeòrach Mi’. Sùil air mar a ghabhas na gnìomhachdan a cheangal tarsainn raointean curraicealaim fa leth gus ionnsachadh tar-churraicealam a bhrosnachadh  

Graphic : TickBig Writing

Anne Glennie (B-S) (Diciadain & Diardaoin)
Cothrom eòlas a chur air ‘Big Writing’ agus mar a ghabhas a chleachdadh gu h-eadar-ghnìomhach anns an rùm-teagaisg gus sgrìobhadh leudaichte a bhrosnachadh. Tha ‘Big Writing’ air prògram Stòrlann airson na h-ath-bhliadhna …cùm do shùil air an làraich-lìn againn!

Graphic : TickCeumannan

Emma Burrows + 1 neach eile (À-S) (Diciadain & Diardaoin)
Ceumannan tron a’ Churraicealam airson Sàr Mhathais – Eisimpleirean de dheagh chleachdadh

Graphic : TickGLOW

Màiri NicIlleMhaoil + 1 bhall de sgioba GLOW LTS (S-À, B-S+À-S) (Diciadain & Diardaoin)
Sùil ghnìomhach air GLOW, le cuideam air na cothroman a tha na lùib airson Foghlam Gàidhlig agus anns an rùm-teagaisg

Graphic : TickHIE – Cumhachd Ath-nuadhachail

Pat agus Liz (S-À, B-S & À-S) (Diciadain & Diardaoin)
Trèanadh eadar-ghnìomach air mar a chleachdas tu Pasgan na Cumhachd Ath-nuadhachail san rùm-teagaisg. Bidh am Pasgan Gàidhlig a’ nochdadh a dh’aithghearr!

Graphic : TickIonnsachadh Gnìomhach – Leasachadh Cànain

Fiona NicIllFhinnein (S-À+B-S) (Diardaoin a-mhàin)
Beachdan airson ionnsachadh gnìomhach a bhrosnaicheas cleachdadh na Gàidhlig aig na Tràth-ìrean, le cuideam air bogadh sa chànan

Graphic : TickPrògram Scholar

Gerry Toner (À-S) (Diardaoin a-mhàin)
Bidh Prògram Scholar a’ tabhann chùrsaichean air-loidhne airson na h-Àrd-sgoile. Am-bliadhna tha iad a’ cur prògram Gaelic Àrd-Ìre air-loidhne an sàs (seisean fiosrachaidh)

Graphic : TickSQA

Ball den sgioba, ri dhearbhadh (À-S) (Diardaoin a-mhàin)
SQA a’ bruidhinn ri tidsearan mu fheumalachdan nam pàipearan-deuchainn – a’ toirt lèirsinn do thidsearan air mar a dh’ullaicheas iad sgoilearan airson mheasaidhean, agus a’ cnuasachadh air measaidhean san àm ri teachd (seisean fiosrachaidh)



Le bhith mothachail air ar lèirsinn agus ar n-amasan, bu mhath leinn gu mòr gum biodh An t-Alltan na fhòram far am biodh luchd-teagaisg ag ionnsachadh, a’ roinn agus ag iomlaid deagh mhodhan-obrach.
Cuimhnich gun cùm sibh Diciadain 6 agus Diardaoin 7 Dàmhair 2010 saor. Tha sinn a’ tuigsinn gu bheil e cosgail luchd-teagaisg ionaid a thoirt a-steach do sgoil ach bhiodh e math nam b’ urrainn co-dhiù aon neach às an sgoil, no barrachd, a bhith an làthair. Faodaidh iad an uair sin tilleadh dhan sgoil agus obrachadh gus smuaintean a thoirt air adhart a chum math gach pàiste san sgoil.

Tha sinn an dòchas gum faic sinn ann thu. Bidh fàilte chridheil a’ feitheamh ort!




 

 

   





Cuir Fios

01851 700880



Ḿle taing dhuibh uile a ĺon an sgrùdadh againn air An t-Alltan 2010 agus a thill na foirmean thugainn. Tha ur freagairtean air a bhith air leth feumail; beachdaichidh sinn air gach moladh agus fios a thàinig air ais.

Tha sinn a’ cur meal an naidheachd air na tidsearan a leanas – chaidh na h-ainmean aca a thaghadh air thuaiream bho na foirmean a chaidh a ĺonadh. Tha iad air eàrlas £50 bho Amazon a bhuannachadh airson an sgoiltean.

Muriel Mhoireach – PT Bunsgoil Stẹrnabhaigh
Màiri Nic na Ceàrdaich – Iar Cheannard, Bunsgoil Inbhir Pheofharain
Dolina NicDḥmhnaill – Sgoil Lionail – Bunsgoil

 

 




Graphic: Twitter Icon



Logo : Investors in People
Graphic: FF correction