Fios air Fuaimean – Fonaigs Ghàidhlig
Aonad 1
Tha an leabhar seo a’ còmhdach a’ chiad 15 de cho-fhreagraidhean nan litrichean ri fuaim ann an còd na h-aibidil Ghàidhlig.
Tha e stèidhte air prionnsapalan teagasg fonaigs shinteataig, rianail agus a’ cur iomadh ciadfàth gu feum gus an ionnsaich clann tro ghnìomhan lèirsinneach, claisneach agus cineisteadaigeach.
Bidh clann ag ionnsachadh, ag ath-sgrùdadh agus a’ practasadh co-fhreagradh gach litir no buidheann litrichean ri fuaim san aon dòigh, fhad ’s a tha iad a’ leasachadh nan trì sgilean bunaiteach – leughadh, litreachadh agus làmh-sgrìobhadh.
Leis a’ mhodh-obrach seo bidh clann a’ cleachdadh an eòlais agus nan sgilean a th’ aca a thaobh fonaigs gus teacsaichean a leughadh a ghabhas dì-chòdadh gu lèir agus le sin bidh iad soirbheachail.
Goireasan feumail as urrainn dhut luchdachadh a-nuas airson Aonad 1:




















Aonad 2
Tha an leabhar seo a’ còmhdach an ath 14 de cho-fhreagraidhean nan litrichean ri fuaim ann an còd na h-aibidil Ghàidhlig.
Tha e stèidhte air prionnsapalan teagasg fonaigs shinteataig, rianail agus a’ cur iomadh ciadfàth gu feum gus an ionnsaich clann tro ghnìomhan lèirsinneach, claisneach agus cineisteadaigeach.
Bidh clann ag ionnsachadh, ag ath-sgrùdadh agus a’ practasadh co-fhreagradh gach litir no buidheann litrichean ri fuaim san aon dòigh, fhad ’s a tha iad a’ leasachadh nan trì sgilean bunaiteach – leughadh, litreachadh agus làmh-sgrìobhadh.
Leis a’ mhodh-obrach seo bidh clann a’ cleachdadh an eòlais agus nan sgilean a th’ aca a thaobh fonaigs gus teacsaichean a leughadh a ghabhas dì-chòdadh gu lèir agus le sin bidh iad soirbheachail.
Goireasan feumail as urrainn dhut luchdachadh a-nuas airson Aonad 2:





















Aonad 3
Tha an leabhar seo a’ còmhdach 7 de cho-fhreagraidhean nan litrichean ri fuaim ann an còd na h-aibidil Ghàidhlig, a’ coimhead gu h-àraidh ri fonaigs dhà-litireach agus dà-ghrafan connragach.
Tha e stèidhte air prionnsapalan teagasg fonaigs shinteataig, rianail agus a’ cur iomadh ciadfàth gu feum gus an ionnsaich clann tro ghnìomhan lèirsinneach, claisneach agus cineisteadaigeach.
Bidh clann ag ionnsachadh, ag ath-sgrùdadh agus a’ practasadh co-fhreagradh gach litir no buidheann litrichean ri fuaim san aon dòigh, fhad ’s a tha iad a’ leasachadh nan trì sgilean bunaiteach – leughadh, litreachadh agus làmh-sgrìobhadh.
Leis a’ mhodh-obrach seo bidh clann a’ cleachdadh an eòlais agus nan sgilean a th’ aca a thaobh fonaigs gus teacsaichean a leughadh a ghabhas dì-chòdadh gu lèir agus le sin bidh iad soirbheachail.
Goireasan feumail as urrainn dhut luchdachadh a-nuas airson Aonad 3:

















Aonad 4a
Tha Leabhar 4a a’ toirt a-steach 9 co-fhreagraidhean litrichean ri fuaim le fòcas air uaimreagan. Bidh sgoilearan a’ cleachdadh agus a’ leudachadh eòlas air còd fonaigs agus sgilean litreachaidh agus làmh-sgrìobhaidh. Aig an aon àm bidh iad a’ togail briathrachas ùr agus tuigse air cànan tro sheantansan agus sgeulachdan goirid.
Tha e stèidhte air prionnsapalan teagasg fonaigs shinteataig, rianail agus a’ cur iomadh ciadfàth gu feum gus an ionnsaich clann tro ghnìomhan lèirsinneach, claisneach agus cineisteadaigeach.
Leis a’ mhodh-obrach seo bidh clann a’ cleachdadh an eòlais agus nan sgilean a th’ aca a thaobh fonaigs gus teacsaichean a leughadh a ghabhas dì-chòdadh gu lèir agus le sin bidh iad soirbheachail.
Goireasan feumail as urrainn dhut luchdachadh a-nuas airson Aonad 4a:

















Aonad 4b
Tha Leabhar 4b a’ toirt a-steach 10 co-fhreagraidhean litrichean ri fuaim le fòcas air fuaimreagan. Bidh sgoilearan a’ cleachdadh agus a’ leudachadh eòlas air còd fonaigs agus sgilean litreachaidh agus làmh-sgrìobhaidh. Aig an aon àm bidh iad a’ togail briathrachas ùr agus tuigse air cànan tro sheantansan agus sgeulachdan goirid.
Tha e stèidhte air prionnsapalan teagasg fonaigs shinteataig, rianail agus a’ cur iomadh ciadfàth gu feum gus an ionnsaich clann tro ghnìomhan lèirsinneach, claisneach agus cineisteadaigeach.
Leis a’ mhodh-obrach seo bidh clann a’ cleachdadh an eòlais agus nan sgilean a th’ aca a thaobh fonaigs gus teacsaichean a leughadh a ghabhas dì-chòdadh gu lèir agus le sin bidh iad soirbheachail.
Goireasan feumail as urrainn dhut luchdachadh a-nuas airson Aonad 4b:

















Tragadh agus Measadh
Seo stuthan gus do chuideachadh a’ tragadh agus a’ measadh adhartas nan sgoilearan.
Goireasan feumail as urrainn dhut a luchdachadh a-nuas airson tragadh agus measadh:







































