Gàidhlig|English
Graphic Link : JUMP TO CONTENT
Graphic Text : A' toirt taic do dh'fhoghlum Gàidhlig gu nàiseantaGraphic: Kids reading book
Image : Stòrlann book launch

Poileasaidh dìomhaireachd

Tha am poileasaidh dìomhaireachd seo a’ mìneachadh mar a bhios Stòrlann Nàiseanta Na Gàidhlig (Stòrlann) a’ cleachdadh agus a’ dìon fiosrachadh sam bith a bheir thu do Stòrlann Nàiseanta Na Gàidhlig nuair a bhios tu a’ cleachdadh an làrach-lìn seo.

Tha Stòrlann Nàiseanta Na Gàidhlig airson dèanamh cinnteach gum bi am fiosrachadh agad air a chumail dìomhair. Ma dh’iarras sinn ort fiosrachadh a thoirt dhuinn air an aithnichear thu nuair a bhios tu a’ cleachdadh an làrach-lìn seo, tha sinn a’ gealltainn gum bi e air a chleachdadh a-mhàin ann an co-rèir ris an aithris dìomhaireachd seo.

’S dòcha gun atharraich Stòrlann Nàiseanta Na Gàidhlig am poileasaidh seo bho àm gu àm le ùrachadh air an duilleig seo. Bu chòir dhut sùil a thoirt air an duilleig seo bho àm gu àm gus dèanamh cinnteach gu bheil thu toilichte le atharrachaidhean sam bith. Tha am poileasaidh seo èifeachdach bho 30/05/2008.


Na bhios sinn a’ tional

’S dòcha gun tionail sinn am fiosrachadh a leanas:

  • ainm agus fiosrachadh mu obair/ionad foghlaim
  • ainm agus seòladh a’ gabhail a-steach seòladh post-dealain
  • fiosrachadh deamografach mar còd puist, roghainnean agus ùidhean
  • fiosrachadh eile co-cheangailte ri sgrùdaidhean luchd-cleachdaidh
  • fiosrachadh mun choimpiutair agad agus mar a bhios tu a’ cleachdadh an làrach-lìn seo, m.e. an seòladh IP agad, an sgìre sa bheil thu, an seòrsa brobhsair, tùs fiosrachaidh, an ùine a bha thu air an làrach agus an àireamh de dhuilleagan ris an do sheall thu
  • fiosrachadh a bheir thu dhuinn airson do chlàradh
  • fiosrachadh a bheir thu dhuinn airson nan seirbheisean làrach-lìn againn a chleachdadh, clàradh fiosrachadh post-dealain agus/no litrichean-naidheachd
  • fiosrachadh sam bith eile a roghnaicheas tu a chur thugainn mar molaidhean airson an stòr-dàta briathrachais

Mar a bhios sinn a’ cleachdadh an fhiosrachaidh a thionaileas sinn

Feumaidh sinn am fiosrachadh seo fhaighinn airson d’ fheuman a thuigsinn agus seirbheis nas fheàrr a thoirt dhut, agus gu sònraichte airson na h-adhbharan a leanas:

  • Clàradh agus rianachd a’ bhuidhinn
  • ’S dòcha gun cleachd sinn am fiosrachadh airson leasachadh air ar stuthan agus seirbheisean
    Bho àm gu àm, ’s dòcha gun cuir sinn thugad post-dealain a’ follaiseachadh stuthan ùra, stuthan aig prìs shònraichte no fiosrachadh eile a shaoileas sinn a chòrdadh riut a’ cleachdadh an t-seòladh post-dealain a thug thu dhuinn
  • Bho àm gu àm, ’s dòcha gun cleachd sinn am fiosrachadh agad cuideachd gus brath a chur thugad airson adhbharan margaidheachd. Dh’fhaodadh sinn brath a chur thugad air post-dealain, fòn, facs no tron phost
  • ’S dòcha gun cleachd sinn am fiosrachadh airson an làrach-lìn a fhreagarrachadh ri na rudan sa bheil ùidh agad
  • Aithrisean air post-dealain a dh’iarr thu a chur thugad
  • Fiosrachadh staitistigeil a thoirt do threas phàrtaidhean mun luchd-cleachdaidh againn – ach cha bhi am fiosrachadh seo air a chleachdadh airson neach-cleachdaidh sam bith aithneachadh
  • dèiligeadh ri ceistean agus gearanan a nithear mud dheidhinn co-cheangailte ris an làrach-lìn

Foillsichidhean eile

Còmhla ri na foillsichidhean a tha iomchaidh airson nan adhbharan air an ainmeachadh ann am pàirt eile den phoileasaidh dìomhaireachd seo, ’s dòcha gun innis sinn fiosrachadh mud dheidhinn:
(a) chun na h-ìre a dh’fheumar a rèir an lagha
(b) co-cheangailte ri cùisean-lagha sam bith a tha a’ dol air adhart no san amharc
(c) gus ar còraichean laghail a stèidheachadh, a choileanadh no a dhìon (a’ gabhail a-steach fiosrachadh a thoirt do dhaoine eile airson adhbharan dìon bho fhoill agus lùghdachadh air cunnart creideis
(d) do neach a tha a’ dol a cheannach (no an dùil ceannach) gnìomhachas no maoin sam bith a tha sinn a’ reic (no a’ sùileachadh a reic).
Cha toir sinn seachad am fiosrachadh agad do threas phàrtaidhean, ach a-mhàin a rèir an ullachaidh anns a’ phoileasaidh dìomhaireachd seo.

Tèarainteachd

Tha sinn airson dèanamh cinnteach gum bi am fiosrachadh agad tèarainte. Gus casg a chur air cothrom no foilseachadh gun ùghdarras tha sinn air modhan corporra, eileactronaigeach agus riaghlaidhfreagarrach a chur an sàs airson an fhiosrachaidh a thionaileas sinn air-loidhne a chumail sàbhailte agus tèarainte. Bidh sinn a’ stòradh an fhiosrachaidh phearsanta a bheir thu dhuinn air na frithealaichean tèarainte againn. Bidh a h-uile cùis eileactronaigeach a nì thu no a gheibh thu bhuainn air a dhìomhaireachadh le teicneòlas SSL.


Mar a chleachdas sinn cucaidhean


’S e cucaidh faidhle bheag a bhios ag iarraidh cead a chur air dràibh diosga cruaidh do choimpiutair. Aon uair gun toir thu aonta, tha am faidhle air a chur ris agus cuidichidh an cucaidh a’ mìneachadh trafaig lìn no innsidh e dhut nuair a thadhaileas tu air làrach sònraichte. Tha cucaidhean a’ toirt cothrom do phrògraman eadar-lìn dèiligeadh riut mar neach air leth. ’S urrainn don phrògram eadar-lìn an obair aige a fhreagarrachadh ri na feuman agad, agus na nithean is toigh leat no nach toigh leat, le bhith a’ tional agus a’ cuimhneachadh air fiosrachadh mu na roghainnean agad. Bidh sinn a’ cleachdadh cucaidhean logadh trafaig airson aithneachadh dè na duilleagan a thathar a’ cleachdadh. Tha seo gar cuideachadh a’ mìneachadh dàta mu thrafaig air duilleagan lìn agus a’ leasachadh ar làrach-lìn gus am bi e freagarrach airson feuman luchd-cleachdaidh. Bidh sinn a’ cleachdadh an fhiosrachaidh seo airson adhbharan mion-sgrùdadh staitistigeil a-mhàin agus an uairsin tha an dàta air a thoirt bhon t-siostam.


Còmhla ri logaichean trafaig àbhaisteach bidh sinn a’ cleachdadh Google Analytics airson cleachdadh an làrach-lìn seo a mhion-sgrùdadh. Bidh Google Analytics ag ullachadh fiosrachadh staitistigeil agus fiosrachadh eile mu chleachdadh làraich-lìn tro chucaidhean, a tha air an stòradh air coimpiutairean luchd-cleachdaidh. Tha am fiosrachadh a tha air ullachadh co-cheangailte ris an làrach-lìn againne air a chleachdadh airson aithisgean a chruthachadh mu chleachdadh an làrach-lìn. Bidh Google a’ stòradh an fhiosrachaidh seo. Tha poileasaidh dìomhaireachd Google ri fhaotainn aig: http://www.google.com/privacypolicy.html

Uile gu lèir, tha cucaidhean gar cuideachadh ag ullachadh làrach-lìn nas fheàrr dhut, le bhith a’ toirt cothrom dhuinn sùil a chumail air dè na duilleagan a tha feumail dhutsa agus dè an fheadhainn nach eil. Chan eil cucaidh air chor sam bith a’ toirt cothrom dhuinn air a’ choimpiutair agad no air fiosrachadh sam bith mud dheidhinn, ach a-mhàin an dàta a tha thu a’ roghnachadh innse dhuinn.

Faodaidh tu roghnachadh cucaidhean a ghabhail no a dhiùltadh. Tha a’ chuid as motha de bhrobhsairean lìn a’ gabhail ri cucaidhean gun faighneachd, ach mar as trice faodaidh tu seatadh brobhsair atharrachadh airson cucaidhean a dhiùltadh mas e sin do thoil. ’S dòcha gun cùm seo thu bho làn bhuannachd an làrach-lìn fhaighinn. (Seall ri earrann cuideachaidh do bhrobhsair airson fiosrachadh mu ciamar a chuireas tu cucaidhean fo ghlais).

Ceanglaichean ri làraich-lìn eile

’S dòcha gum bi ceanglaichen air an làrach-lìn againn a nì e furasta dhut tadhal air làraich-lìn eile sa bheil ùidh agad. Ach, aon uair ’s gum bi thu air na ceanglaichean sin a chleachdadh airson an làrach againne fhàgail, bu chòir dhut tuigsinn nach eil smachd sam bith againn air an làrach-lìn sin. Mar sin, chan urrainn dhuinn a bhith cunntachail airson dìon agus dìomhaireachd fiosrachaidh sam bith a bheir thu seachad nuair a bhios tu a’ tadhal nan làrach sin agus chan eil na làraich sin air an riaghladh leis an aithris dìomhaireachd seo. Bu chòir dhut a bhith faiceallach agus coimhead ris an aithris dìomhaireachd a bhuineas don làrach-lìn sin.

A’ riaghladh d’ fhiosrachadh pearsanta

Faodaidh tu roghnachadh tional no cleachdadh d’ fhiosrachadh pearsanta a chuingealachadh anns na dòighean a leanas:

  • nuair a thèid iarraidh ort foirm a lìonadh a-steach air an làrach-lìn na lìon earrann sam bith nach eil riatanach
  • ma dh’aontaich thu roimhe gum faodadh sinn d’ fhiosrachadh pearsanta a chleachdadh airson margaideachd dìreach, faodaidh tu t’ inntinn atharrachadh aig àm sam bith tro litir no post-dealain a chur thugainn aig oifis@storlann.co.uk

Cha bhi sinn a’ reic, a’ sgaoileadh no a’ leigeil air mhàl d’ fhiosrachadh pearsanta do threas pàrtaidhean ach le cead bhuat no ma dh’fheumas sinn a rèir an lagha. ’S dòcha gun cleachd sinn d’ fhiosrachadh pearsanta airson fiosrachadh follaiseachd a chur thugad mu threas pàrtaidhean a shaoileas sinn a chòrdadh riut ma dh’innseas tu dhuinn gur e seo a tha thu ag iarraidh.
Faodaidh tu faighneachd dè am fiosrachadh pearsanta a tha againn mud dheidhinn fo Achd Dìon Dàta 1998. Bidh suim airgid bheag ri phàigheadh. Ma tha thu ag iarraidh lethbhreac den fhiosrachadh a tha againn mud dheidhinn sgrìobh gu

Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig
, 11/12 Acarsaid, Cidhe Sràid Chrombail, Steòrnabhagh, Eilean Leòdhais HS1 2DF

Ma tha thu a’ smaoineachadh gu bheil fiosrachadh sam bith a tha againn mud dheidhinn ceàrr no neo-choileanta, cuir litir no post-dealain thugainn cho luath ’s a ghabhas, aig an t-seòladh shuas. Ma gheibh sinn a-mach gu bheil fiosrachadh sam bith ceàrr cuiridh sinn ceart e gun dàil.

 

Cuir Fios

01851 700880
Graphic: FF correction