Gàidhlig|English
Graphic Link : JUMP TO CONTENT
Graphic Text : A' toirt taic do dh'fhoghlum Gàidhlig gu nàiseantaGraphic: Kids reading book
Graphic : Stòrlann office at Harbour View, Stornoway

Mu Stòrlann

Chaidh Stòrlann a stèidheachadh ann an 1999 le Riaghaltas na h-Alba airson foillseachadh agus sgaoileadh ghoireasan teagaisg do dh’fhoghlam Gàidhlig a cho-òrdanachadh. Tha Stòrlann na chompanaidh earranta, àireamh SC 190298 agus na bhuidheann charthannais, àireamh SC031521.

Tro phrògraman foillseachaidh Stòrlann tha goireasan gan deasachadh gach bliadhna do sgoiltean-àraich, bun-sgoiltean, àrd-sgoiltean agus foghlam fad-beatha. Tha prìomhachasan gan taghadh le tidsearan agus luchd-ionnsachaidh agus tha stiùir agus taic a’ tighinn bho ùghdarrasan ionadail air feadh Alba tron bhuidheann tar-roinneil MRG agus bho bhuidhnean eile a’ riochdachadh luchd-ionnsachaidh. Image : Coll agus Curstag bho G4P

Tha a’ mhòr-chuid de ghoireasan Stòrlann rin ceannach leis a’ mhòr-shluagh agus thathar cuideachd a’ tabhann roghainn de ghoireasan eadar-ghnìomhail do theaghlaichean tron làrach-lìn www.gaelic4parents.com, far am faighear cuideachd taic agus comhairle le obair-dachaigh no ceistean eile co-cheangailte ri foghlam Gàidhlig.

Tha àireamh an luchd-obrach aig Stòrlann air a dhol am meud gu mòr thar nan grunn bhliadhnaichean mu dheireadh air sgàth fàs mòr ann an obair na buidhne. Gheibhear liosta an luchd-obrach an seo, le fiosrachadh mu dhleastanasan gach duine.

Seoladh:

11/12 Acarsaid, Cidhe Sràid Chrombail, Steòrnabhagh, Eilean Leòdhais, HS1 2DF 
Fòn: 01851 700880  Facs: 01851 700870 

Cuir Fios

01851 700880

Graphic Link: Ath Sgeul

Graphic: FF correction