Gàidhlig|English
Graphic Link : JUMP TO CONTENT
Graphic Text : A' toirt taic do dh'fhoghlum Gàidhlig gu nàiseantaGraphic: Kids reading book

Luchd-obrach

Na h-oifisean

Tha prìomh oifis Stòrlann air Cidhe Sràid Chrombail ann an Steòrnabhagh, Eilean Leòdhais, far a bheil an Ceannard, an sgioba rianachd, Oifgear Phròiseactan, Gàidhlig air-loidhne agus An Seotal air fad stèidhichte. Tha luchd-obrach eile ann an Inbhir Nis, Port Rìgh agus Beinn na Faoghla.

Graphic : Layout Device
Graphic : Map of Scotland showing Stòrlann offices Leòdhas Beinn a' Bhaoghla An t-Eilean Sgitheanach Inbhir Nis Ceann Rois
Graphic : Beinn na Faoghla
Dealbh: Johanna Marshall

Johanna Marshall, Ceannard

’S ann an urra ri Johanna a tha siostaman Stòrlann san fharsaingeachd mar Cheannard agus Rùnaire a’ Chompanaidh Earranta.

Thàinig Johanna gu Stòrlann bho Bun-sgoile Airidhantuim far an robh i a teagasg agus buinidh i do Sgìre a’ Bhac ann an Eilean Leòdhais. Cheumnaich i bhon Cholaiste Foghlaim a Tuath, Obar Dheathain le urram ann am Foghlam. Tha Johanna air obrachadh ann an teagasg, mar Prìomh Thidsear agus Tidsear Bun-sgoile ann an Sruighlea agus sna h-Eileanan.

Tha ùidh aice ann am bàrdachd, sgeulachdan agus litreachas. An-dràsta, tha i a’ sgrìobhadh dà leabhar Gàidhlig do chlainn.

Bàrr na duilleig

Dealbh : Mairead NicIlleathain

Mairead NicIlleathain, Manaidsear Oifis

Tha Margaret a’ stiùireadh shiostaman rianachd Stòrlann agus ’s ann thuice bu chòir ceistean agus iarrtasan a dhol sa chiad dol a-mach. Thàinig Margaret gu Stòrlann bho Chomhairle nan Eilean Siar.

Bàrr na duilleig

Dealbh : Seonag Nic a’ Mhaoilein

Seonag Nic a’ Mhaoilein, Neach-rianachd Phròiseactan

Tha Seonag a’ co-òrdanachadh sgaoileadh ghoireasan agus còirichean foillseachaidh agus a’ cumail taic ris an sgioba leasachaidh. Thàinig Seonag gu Stòrlann bho Sgoil Ghrabhair ann an Sgìre nan Loch.

Bàrr na duilleig

Dealbh: Màiri T NicDhòmhnaill

Màiri T NicDhòmhnaill, Neach-clèireachd

Tha Màiri T. a’ deiligeadh ri sgaoileadh ghoireasan agus a’ tabhann taic rianachd. Tha Màiri T. air a bhith an sàs ann an iomadh pròiseact Gàidhlig, gu sònraichte a thaobh nam meadhanan.

Bàrr na duilleig

Dealbh: Dòmhnall Iain MacRisnidh

Dòmhnall Iain MacRisnidh, Oifigear Phròiseactan

Tha Dòmhnall Iain a’ stiùireadh tòrr phròiseactan bun-sgoile, nam measg goireasan fonaigs, GLPS, agus goireasan airson clàr-geal leithid Taigh Lachaidh agus Kar2ouche. Thàinig Dòmhnall Iain gu Stòrlann bho BBC Craoladh nan Gàidheal an Glaschu far an robh e ag obair air prògraman chloinne.

Bàrr na duilleig

Dealbh: Criosaidh NicRath

Criosaidh NicRath, ‘An Seotal’

Tha Criosaidh a’ co-òrdanachadh obair air làrach-lìn ‘An Seotal’ agus gabhaidh i beachdan air a’ phròiseact agus ceistean no iarrtasan a thaobh briathrachais a chur thuice tro làrach a’ phròiseict fhèin. Tha Criosaidh air a bhith an sàs ann an leasachadh cànain airson grunn bhliadhnaichean agus thàinig i gu Stòrlann bho Bhòrd na Gàidhlig far an robh i na h-Oifigear Phlanaichean.

Bàrr na duilleig

Dealbh: Criosaidh NicRath

Mòrag NicIlleathain, Eadar-theangair

Tha Mòrag ag eadar-theangachadh leabhraichean is goireasan eile air prògram-foillseachaidh Stòrlann. Tha e mar phrìomh amas aig Stòrlann taic a chumail ri luchd-ionnsachaidh tro chànan soilleir, beartach agus tha Mòrag a' cumail sùil gheur air ceistean stoidhle is ìre. Mus tàinig i gu Stòrlann bha i ag obair mar eadar-theangair air a ceann fhèin agus bha i cuideachd an sàs ann an lìbhrigeadh na h-iomairt GLPS ann an sgoiltean Chomhairle nan Eilean Siar.

Bàrr na duilleig

Anne Marie NicEanraig, Neach-taice www.gaelic4parents.com

Tha Anne Marie no Marina a co-obraiche air-loidhne air www.gaelic4parents.com gach ‘oidhche sgoile’ airson ceistean a fhreagairt mu obair-dachaigh Ghàidhlig. Mar thidsear Gàidhlig agus mar phàrant le clann òg, tha Anne Marie gu math eòlach air a leithid!

Bàrr na duilleig

Graphic : Beinn na Faoghla
Dealbh: Sarah NicEachainn

Sarah NicEachainn, Oifigear Phròiseactan

Tha Sarah a’ stiùireadh a’ phròiseict www.gaelic4parents.com agus tha i a’ cur fàilte air beachdan no ceistean sam bith mun làraich. A thaobh phròiseactan sgoile, tha Sarah a’ dèiligeadh gu sònraichte ri goireasan airson litreachaidh, matamataigs agus tràth ìrean agus ri ficsean bun-sgoile. Mus tàinig i gu Stòrlann bha Sarah an sàs ann an leasachadh Gàidhlig agus foghlam fad-beatha leis a’ bhuidhinn Clì.

Bàrr na duilleig

Graphic : An t-Eilean Sgitheanach
Dealbh: Niall Mac a’ Ghobhainn

Niall Mac a’ Ghobhainn, Oifigear TF agus Eadar-lìon

Tha Niall a’ cumail sùil air siostaman IT na buidhne agus a’ dealbh ghoireasan, gu sònraichte a thaobh IT. Thàinig Niall gu Stòrlann bhon chompanaidh Sgitheanach Sitekit far an robh e an sàs ann a bhith a’ dealbh làraich-lìn agus CMS (Content Management System) do bhuidhnean leithid Calmac, ADT, VisitScotland agus Northlink.

Bàrr na duilleig

Image : Aonghas Iain MacDhòmhnaill

Aonghas Iain MacDhòmhnaill, Oifigear Leasachaidh (Cuspairean àrd-sgoile)

Thàinig Aonghas Iain gu Stòrlann à Àrd-sgoil Phort Rìgh far an robh e na cheannard roinne air Gàidhlig agus Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig. Tha Aonghas Iain a’ co-òrdanachadh obair-leasachaidh air goireasan airson chuspairean àrd-sgoile le taic bho bhuidhnean-obrach de thidsearan.

Bàrr na duilleig

Dealbh: Shona NicCarmaig

Emma Burrows, Sgrìobhadair

Thàinig Emma Burrows gu Stòrlann à Àrd-sgoil Phort Rìgh ann an 2008 far an robh i na tidsear Gàidhlig. Chaidh a fastadh airson na leabhraichean-teacs Ceumannan a sgrìobhadh – cùrsa ùr do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig san àrd-sgoil. Tha còig leabhraichean san t-sreath a bheir sgoilearan bho AS1–AS5/6.

Bàrr na duilleig

Graphic : Inbhir Nis
Dealbh: Catrìona Mhoireach

Catrìona Mhoireach, Oifigear Leasachaidh (Dearbhadh Càileachd)

Thàinig Catrìona gu Stòrlann à Acadamaidh Rìoghail Bhaile Dhubhthaich agus tha i a’ toirt taic don sgioba agus do chunnradairean a thaobh cànain, deasachaidh agus stoidhle. Tha Catrìona a’ cur fàilte air beachdan no ceistean co-cheangailte ri dearbhadh càileachd bho chunnradairean no luchd-teagaisg.

Bàrr na duilleig

Graphic : Ceann Rois
Dealbh: Catrìona Mhoireach

Aine NicCarmaig, Prìomh Neach-dealbhachaidh (clò)

Tha Aine a' dealbhachadh gach cuid nan goireasan ùra Gàidhlig aig Stòrlann agus goireasan air an eadar-theangachadh bho chànanan eile. Thathar ag amas air sàr-mhathas a thaobh coltas nan goireasan agus thàinig Aine gu Stòrlann bho chompanaidh coimearsalta far an robh a' bhuidheann phoblach nàiseanta Ionnsachadh agus Teagasg Alba am measg nan companaidhean don robh i a' tabhann seirbhis. Tha i air iomadh duais a bhuannachadh tro a cùrsa-dreuchd airson na h-obrach aice.

Top of page

Cuir Fios

01851 700880
Graphic: FF correction