Gàidhlig|English
Graphic Link : JUMP TO CONTENT
Graphic Text : A' toirt taic do dh'fhoghlum Gàidhlig gu nàiseantaGraphic: Kids reading book
Image : Stòrlann staff at Harbour View, Stornoway

Am Bòrd

Image : Layout deviceImage : Joan MacKinnon

Graphic : Quote Marks
Tha e a’ toirt toileachas mòr dhomh a bhith an sàs ann a bhith a’ tabhann taic èifeachdach do dh’fhoghlam Gàidhlig nam dhreuchd mar neach-cathrach Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig.

Tha Stòrlann a’ tabhann sheirbhisean deatamach do dh’fhoghlam reachdail, chan ann a-mhàin tro ghoireasan teagaisg ach cuideachd tro chothroman leasachaidh proifeiseanta agus iomairtean ùra ionnsachaidh agus teagaisg. ’S e an t-amas aig a’ bhuidhinn na seirbheisean sin a leudachadh gus am bi an aon ìre de thaic agus inbhe aig foghlam Gàidhlig ‘s a th’ aig ar co-obraichean eile ann am foghlam ann an Alba. ’S e dùbhlan mòr a th’ ann ach tha Stòrlann a’ coimhead air adhart ri dhol an sàs ann.
Graphic : Quote Marks
Seonag NicFhionghain
, Neach-cathrach


 


Tha na buill a leanas air a’ Bhòrd-stiùiridh airson 2010-11:

  • Seonag NicFhionghain, Comhairle nan Eilear Siar Neach-cathrach
  • Jim Whannel, Comhairle Bhaile Ghlaschu
  • Dòmhnall MacLeòid, Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid
  • Eairdsidh MacGillEathain, Sabhal Mòr Ostaig
  • Coinneach Moireach, Comhairle na Gàidhealtachd
  • Duncan Lauder, Comhairle Bhaile Dhùn Èideann
  • Jane Liddell, Comhairle Lannraig a-Tuath

Tha na leanas nam buill de phannalan-comhairleachaidh Stòrlann:

  • Cathy NicIain, Comhairle Lannraig a-Tuath
  • Donalda NicThòm, Comhairle Bhaile Ghlaschu
  • Seonag NicFhionghain, Comhairle nan Eilean Siar
  • Raonaid Nic a’ Phearsain, Comhairle Bhaile Ghlaschu
  • Dòmhnall MacLeòid, Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid
  • Dòmhnall Iain MacLeòid
  • Jo NicDhòmhnaill, BBC Alba
  • Anna NicSuain
  • Boyd Robastan, Sabhal Mòr Ostaig

Tha grunn thidsearan àrd-sgoile an-dràsta nam buill de bhuidhnean-gnìomh a’ stèidheachadh phrìomhachasan airson ghoireasan nan cuspairean sin. Thathar gu mòr an comain na muinntir sin, a h-uile neach air ainmeachadh gu h-àrd, agus gach uile tidsear agus neach-foghlaim eile a tha cho fialadh len eòlas agus ùine fhad ’s a thathar a' deasachadh nan goireasan.

Cuir Fios

01851 700880
Graphic: FF correction