Graphic Link : JUMP TO CONTENT
Graphic Text : A' toirt taic do dh'fhoghlum Gàidhlig gu nàiseantaGraphic: Kids reading book
Image : Close-up of alphabet letters

Ruigsinneachd

Ro-ràdh

Tha Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig airson gum bi an stuth aca cho ruigsinneach ’s a ghabhas don luchd-amais gu lèir (a’ gabhail a-steach daoine le uireasbhaidhean fradhairc, claisneachd, tuigse no gluasaid), gus coinneachadh ris a’ mhandait foghlaim agus a riatanasan fo Achd Lethbhreith a thaobh Ciorraim a choileanadh. Cumaidh sinn a’ sgrùdadh ar làraich-lìn gu cunbhalach le diofar brobhsairean, leughadairean sgàilein, ruigsinneachd agus innealan dearbhaidh HTML, agus innealan lìn eile. Tha toraidhean nan sgrùdaidhean sin air am filleadh a-steach ann an leasachaidhean ri na làraich againn.


Graphic: LadybirdNuair a bhios làrach-lìn deiseil, bidh goireasan air a tha dealbhte airson leasachadh air ruigsinneachd do luchd-cleachdaidh le ciorraman. Feumaidh a h-uile neach-leasachaidh cumail ri diofar inbhean mar Priority 2 W3C (cleachdadh lìn) agus bidh gach HTML agus CSS air a dhearbhadh gus dèanamh cinnteach gum bi iad a’ leantainn inbhean W3C. (Bidh W3C - Co-bhanntachd Lìon na Cruinne a’ dealbh teicneòlasan eadar-obrachail a’ gabhail a-steach sònrachadh, stiùireadh, bathar-bog, agus innealan gus an Lìon a thoirt gu a làn chomas. Tha diofar innealan dearbhaidh air cuideachd gus dèanamh cinnteach gum bi dealbhachadh làraich-lìn air a thoirt gu bun-thomhas.

Goireasan an Làraich

 

Còmhla ri sin, tha sinn an dùil na goireasan a leanas a chur air a h-uile duilleag:

  • Goireasan teacsa a-mhàin agus mapa làraich air a’ chuid as motha de dhuilleagan
  • ‘Alt tags' anns na h-ìomhaighean air an sgàilean, le mìneachaidhean sìmplidh air na h-ìomhaighean a bheir cuideachadh do luchd-cleachdaidh a bhios ag èisteachd ris an stuth air an làrach tro leughadair sgàilein
  • Ceanglaichean neo-fhaicsinneach 'leum gu susbaint’ aig bàrr gach duilleig a’ toirt cothrom do dhaoine a’ cleachdadh brobhsairean teacsa-gu-cainnt am bann stiùiridh a sheachnadh agus a dhol dìreach chun a’ phrìomh shusbaint gach uair a bhios duilleag air a cleachdadh
  • Ceanglaichean ri teacsa air an deasachadh ann an cruth a nì iad cho fèin-mhìneachail ’s a ghabhas
  • Duilleagan stoidhle an làraich dealbhte airson cothrom a thoirt do luchd-cleachdaidh an teacsa air an làrach ath-mheudachadh ann am brobhsairean a tha a’ toirt taic don ghoireas seo (mar as trice ri fhaotainn fon Chlàr-taice Seallaidh
  • Ceanglaichean gu làraich eile a’ fosgladh gun uinneagan uachdair (Nòta: Chan eil Stòrlann cunntachail airson susbaint no ruigsinneachd nan làrach fiosrachaidh sin
  • A’ chuid as motha den chruth air a dhèanamh le CSS* ach an làrach air a dhealbh cuideachd airson taisbeanadh gu math mur eil CSS air a chleachdadh
  • Smachdan foirm anns na buidhnean ceart agus le na h-ainmean ceart

*Tha an làrach a’ cleachdadh fo-dhuilleagan stoidhle (CSS). Chan eil cuid de na tionndaidhean tràth de Netscape (4.x) agus Internet Explorer (3.x agus nas tràithe) a’ toirt làn thaic don ghoireas seo, agus mar sin ’s dòcha gum bi rudan mar ceanglaichean air an taisbeanadh ann an dòigh eadar-dhealaichte. Ma thachras seo dhut, ’s dòcha gum bi thu airson clàir-snais a chasg. Faodaidh tu seo a dhèanamh tron bhrobhsair agad. Ann an Explorer (5.50), tagh Tools, Internet Options, General, Accessibility agus coimhead ri 'Format documents using my style sheet'. Ann an Netscape (4.75), tagh Edit, Preferences, Advanced, agus tionndaidh dheth an goireas ‘enable style sheets'. Tha sinn a’ moladh dhut àrdachadh gu na tionndaidhean bhrobhsairean as ùire gus làn fheum a dhèanamh de na teicneòlasan a tha rim faotainn.


Graphic: LadybirdMa bhios duilgheadas agad a’ coimhead duilleag sam bith a’ cleachdadh teicneòlas taice, cleachd ar foirm fiosrachaidh air-loidhne gus am faigh sinn air an fhiosrachadh a thoirt dhut. Innis dè an seòrsa duilgheadas ruigsinneachd a tha agad, an cruth anns am bu toigh leat an stuth fhaighinn, seòladh lìn an stutha a dh’iarr thu, agus seòladh airson an stuth a chur thugad.


’S dòcha gun tèid cuid de na ceanglaichean air an làrach-lìn againn gu foirmichean agus foillseachaidhean ann an Adobe Acrobat® Portable Document Format (PDF) no cruthan Microsoft® . Tha innealan agus fiosrachadh aig gach companaidh airson cothrom nas fheàrr air sgrìobhainnean.
(http://www.adobe.com/products/acrobat/ agus http://office.microsoft.com/en-gb/FX100647101033.aspx)

Related information

Fiosrachadh co-cheangailte

’S e Fòram Fiosrachadh Ruigsinneach na h-Alba (SAIF - http://www.saifscotland.org.uk/ ) buidheann air a mhaoineachadh le Riaghaltas na h-Alba airson fiosrachadh ruigsinneach airson daoine ciorramach a chur am follais. Tha iad air diofar stuthan stiùiridh a chur ri chèile a’ gabhail a-steach Inbhean SAIF airson Fiosrachadh agus Comhairle Ciorram an Alba. Tha lethbhreac ion-luchdachaidh den chuairt-litir gnìomhachais aca ri fhaotainn air an làrach-lìn aca.

Fios air ais

Ma tha ceistean no beachdan sam bith agad no ma dh’fheumas tu fios a chur thugainn an co-cheangal ris a’ phoileasaidh seo, cleachd post-dealan airson fios a chuir gu Stòrlann.

Cuir Fios

01851 700880
Graphic: FF correction