Gàidhlig|English
Graphic Link : JUMP TO CONTENT
Graphic Text : A' toirt taic do dh'fhoghlum Gàidhlig gu nàiseantaGraphic: Kids reading book
Loading!

Dealbhan-cluiche


Fileantaich san àrd-sgoil

Ro dheireadh na bliadhna, bidh Eadar Dà Sgeul, cruinneachadh de sgeulachdan goirid le measgachadh de sgeulachdan ùra agus sgeulachdan aithnichte, a’ nochdadh sna sgoiltean. Tha Stòrlann air seachd sgeulachdan às
a’ chruinneachadh a chur ann an riochd sgriobtaichean dràma. Chaidh sia dhiubh a sgrìobhadh le Dòmhnall Iain MacÌomhair agus fear eile le Aonghas Iain MacDhòmhnaill.

Seo na sgeulachdan a thagh sinn às a’ chruinneachadh a gheibhear an seo ann an riochd dràma:

Fhuair cuid de sgoiltean cothrom Am Partaidh Purpaidh fhaicinn air an àrd-ùrlar mar-thà nuair a thadhail Meanbh-chuileag orra san Ògmhios.

Image: ScriptsTha sinn an dòchas gum bi na dealbhan-cluiche gu feum airson dràma, labhairt agus leughadh airson tlachd a bhrosnachadh ann an clasaichean Gàidhlig, mar a thathar
a’ moladh sa Churraicealam airson Sàr-mhathais. Bheir iad cuideachd taic do sgoilearan aig a bheil duilgheadasan na sgeulachdan fhèin a thuigsinn agus tha sinn an dùil gun dèan iad feum san fharsaingeachd do sgoilearan a tha airson coimhead air litreachas Gàidhlig ann an riochd eile. 

Bhiodh e math ur beachdan fhaighinn orra.

Icon: PDFNa faidhlean uile còmhla mar 'portfolio'

Icon: PDFNa faidhlean uile còmhla mar 'binder'

 

Graphic: FF correction