Skip to content

Stuthan taic do Sgoiltean

Le còrr is 43,600 clàr air-loidhne (mu 30,000 anns a’ Ghàidhlig) air iomadach cuspair co-cheangailte ri dualchas na h-Alba, ’s e goireas air leth a th’ ann an Tobar an Dualchais a dh’fhaodadh a bhith feumail aig diofar ìrean den sgoil. Chaidh tàr-sgrìobhaidhean a dheasachadh airson 25 clàran bho dhiofar sgìrean agus de dhiofar chuspairean, le pìosan-obrach nan cois.   Tha na clàran, a chaidh a thogail bho na 1930an gu 2005, a’ tighinn à trì cruinneachaidhean: Tasglann Sgoil Eòlais na h-Alba (Oilthigh Dhùn Èideann); Cruinneachadh Chanaigh agus BBC Alba. Nam measg tha sgeulachdan, òrain, ceòl, bàrdachd agus fiosrachadh de gach seòrsa.

A bharrachd air a bhith a’ toirt chothroman do sgoilearan a bhith ag èisteachd ri deagh Ghàidhlig ann an diofar dhualchainntean, tha beairteas de dh’fhiosrachadh ri fhaighinn air an làraich agus ’s e dòigh mhath a th’ ann airson sgilean rannsachaidh a thogail agus a leudachadh.

Chaidh na stuthan-taic seo a chruthachadh do dh’fhileantaich san àrd-sgoil. Chaidh 25 clàran a thaghadh le taic bho thidsearan ’s chaidh stuthan taic a dhèanamh dhaibh.  Tha bhidiothan an cois 10 de na taghaidhean a bharrachd air na clàraidhean tùsail.

Bhiodh e cuideachail dhuinn nam faigheadh sinn beachdan air ais bho thidsearan air na stuthan – tha cothrom agaibh seo a dhèanamh an seo.

Chaidh am pròiseact seo a choileanadh le Tobar an Dualchais le taic bho Bhòrd na Gàidhlig agus Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig

Tar-sgrìobhaidheanTobar an Dualchais
Ath-sgrìobhaidheanMòrag Stiùbhart
Bhidiothan/gearradh – Alasdair MacAoidh (Skye Space)
Notaichean teagaisgEòghann Stiùbhart

Eisimpleirean

Gravestones, South Uist

Cleachdaidhean bàis agus tiodhlacaidh ann an Uibhist a Deas

Alasdair Boyd

Uibhist a Deas | Sgoil Eòlais na h-Alba 

Goat

A’ Ghobhar Ghlas

Ceit Dix

Beàrnaraigh na Hearadh | Sgoil Eòlais na h-Alba

Bàs Dhòmhnaill Dhuibh an Canaigh

Aonghas MacFhionghain

Eige | Cruinneachadh Canaigh

Isle of Canna

Fuadaichean ann am Barraigh

Annag NicFhionghain

Barraigh | Sgoil Eòlais na h-Alba

Deserted buildings, Barra

Goireasan a bharrachd

Bho na liostaichean air an duileig seo chan eil agaibh ach cliogadh air ceangal airson faighinn dìreach a-steach gu Tobar an Dualchais agus barrachd fiosrachaidh fhaighinn air clàr. Faodaidh sibh an uair sin èisteachd ris a’ chlàr a tha a dhìth. Tha faclan an seo cuideachd airson rannan na cloinne bige. (Gheibhear iad seo cuideachd aig http://www.gaelic4parents.com/0-3-years/listen-and-sing).