Daorghlas agus a’ cheàrdach

Goireasan

Goireasan priont
Gheibh sibh na stuthan-taic agus copaidh den tàr-sgrìobhadh/sgriopt airson priontadh an seo.

Icon

Fios mu na clàran

47.01 KB 1576

 http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/70440/1

Èist ris an earrainn agus freagair na ceistean, a’ cleachdadh nam faclan agad fhèin. Tha an t-Urramach Tormod Dòmhnallach às an Eilean Sgitheanach ag innse naidheachd do Sheumas Ros (Sgoil Eòlais na h-Alba).

  1. Dè gheibhear o mhullach Dùn Dheirg?
  2. Cò ris a tha Rubha na Ceàrdach coltach?
  3. Ciamar a bha an gobha anns a’ cheàrdaich seo ga ghiùlan fhèin?
  4. Carson nach biodh an gobha a’ leigeil le duine sam bith a dhol a-steach dhan cheàrdaich?
  5. Ciamar a bhiodh daoine aig an robh ciùirdean sònraichte gan cumail dìomhair?
  6. Dè dh’fheumadh an gobha a dhèanamh le claidheamh mus biodh e na chlaidheamh ceart?
  7. Carson a bha àrd-urram aig a’ cheàrdaich seo?
  8. Carson a bha Daorghlas sònraichte am measg na Fèinne?
  9. Cò eile aig an robh a leithid a chliù ann an àiteachan eile?
  10. Dè bhios a’ tachairt ann an Cuithir san latha an-diugh (aig àm a’ chlàraidh, ann an 1956)?
  11. Carson a bha fios aig Daorghlas nach robh an gobha sa cheàrdaich?
  12. Dè thathar ag ràdh mu Dhaorghlas ann an co-dhùnadh?

Briathrachas


feurach – àite le mòran feòir
ceàrdach – togalach anns am bi gobha ag obair
maide-doichilleach – maide a thèid tarsainn air doras, a nochdas nach bi fàilte ro dhuine sam bith a dhol a-steach.
gobha (iomarra: goibhnean) – neach a nì rudan le meatailt.
ga shìneadh sìos – ga thoirt seachad dhan ath ghinealach
deis – deiseil
Fionn – Fionn MacCumhail, ceannard na Fèinne, gaisgeach mòr nan Gàidheal.
an Fhèinn – na Fianntan: gaisgich mhòra a bhiodh a’ siubhal air feadh Alba agus Èireann. Tha mòran sgeulachdan ceangailte riutha.
Cuithir – beinn san Eilean Sgitheanach
cailc – seòrsa creige a tha geal agus bog; CaCO3
coitcheannas – coimhearsnachd, daoine àbhaisteach

Daorghlas

Ann an cuid de sgeulachdan, ’s e an aon duine a th’ ann an Daorghlas agus Caoilte. Tha mòran sgeulachdan ann mu dheidhinn mar a fhuair Daorghlas làmh-an-uachdair air a’ ghobha. Tha an tionndadh den sgeulachd aig an Urramach Tormod Dòmhnallach stèidhichte ann an Tròndairnis san Eilean Sgitheanach. Seo far a bheil Loch Mheaghailt, agus tha gu leòr de sheann tobhtaichean ann, a tha a’ ciallachadh gu bheil eachdraidh gu leòr ann a dh’fhaodadh a bhith ceangailte ri sgeulachdan dàna coltach ris an fhear seo.

Cailc (Diatomite)

Tha an t-Urramach Tormod Dòmhnallach a’ bruidhinn air Cuithir. ’S e beinn a tha seo ann an Sgùrr Thròndairnis. Tha Loch Cuithir aig a’ bhonn. ’S ann an seo a bha gnìomhachas na cailce stèidhichte aig an aon àm. Bha an seòrsa cloiche seo gu feum ann an tòrr rudan aig aon àm, agus bha mòran obair mèinnearachd a’ dol air adhart air a son ann an Sgìre Thròndairnis anns an naoidheamh linn deug agus tràth san fhicheadamh linn.

Map OS de Loch Mheaghailt agus Dùn Dearg.

Map OS de Loch Mheaghailt agus Dùn Dearg.

Loch Cuithir, far am faca Daorghlas an gobha.

Loch Cuithir, far am faca Daorghlas an gobha.

Cruthachadh is Dealbhadh

Cruthachadh is Dealbhadh

Sgrìobhadh Mac-meanmnach: Lorg mapa OS de sgìre far a bheil mòran ainmean-àite Gàidhlig ri fhaicinn. Dèan cinnteach gu bheil thu a’ tuigsinn na tha iad a’ ciallachadh. Saoil dè sgeulachd a tha air cùl cuid dhiubh? Cleachd na h-ainmean-àite airson sgeulachd innse a tha stèidhichte anns an àm nuair a bha an Fhèinn beò. Dè na rudan àraid a bhiodh a’ tachairt dhaibh?

Rannsachadh: Dèan beagan rannsachaidh air eachdraidh gnìomhachas na cailce anns an Eilean Sgitheanach. Dèan postair a’ taisbeanadh na gheibh thu a-mach.

Notaichean & Freagairtean

Freagairtean

  1. Dè gheibhear o mhullach Dùn Dheirg?
  2. Cò ris a tha Rubha na Ceàrdach coltach?
  3. Ciamar a bha an gobha anns a’ cheàrdaich seo ga ghiùlan fhèin?
  4. Carson nach biodh an gobha a’ leigeil le duine sam bith a dhol a-steach dhan cheàrdaich?
  5. Ciamar a bhiodh daoine aig an robh ciùirdean sònraichte gan cumail dìomhair?
  6. Dè dh’fheumadh an gobha a dhèanamh le claidheamh mus biodh e na chlaidheamh ceart?
  7. Carson a bha àrd-urram aig a’ cheàrdaich seo?
  8. Carson a bha Daorghlas sònraichte am measg na Fèinne?
  9. Cò eile aig an robh a leithid a chliù ann an àiteachan eile?
  10. Dè bhios a’ tachairt ann an Cuithir san latha an-diugh (aig àm a’ chlàraidh, ann an 1956)?
  11. Carson a bha fios aig Daorghlas nach robh an gobha sa cheàrdaich?
  12. Dè thathar ag ràdh mu Dhaorghlas ann an co-dhùnadh?

Am Fiosraiche

An t-Urramach Tormod Dòmhnallach (1904-1978). Rugadh agus thogadh e ann am Bhaltos san Eilean Sgitheanach. Bha e mion-eòlach air dualchas agus seanchas nan Gàidheal agus sgrìobh e mòran mu dheidhinn. Tha an t-uabhas de chlàran aige air làrach-lìn Tobar an Dualchais.

Geàrr-chunntas

Tha rubha ann an Loch Leathallt air a bheil Rubha na Ceàrdach agus, bho chionn fhada an t-saoghal, bha ceàrdach an seo. Cha bhiodh an gobha a’ leigeil le duine sam bith a thighinn a-steach dhan cheàrdaich. Bhiodh e a’ feuchainn agus a’ dearbhadh nan claidheamh ann am fuil. Bhathar ri ràdh gun deach fear dhe na claidhnean a b’ fheàrr a bha aig Fionn a dhèanamh sa cheàrdaich seo. Ann an dualchas an Eilein Sgitheanaich, bhite ag ràdh gur e Daorghlas am fear bu luaithe dhen Fhèinn. Ann an àitichean eile, bhathar ri ràdh gur e Caoilte bu luaithe. Bha Daorghlas airson taobh a-staigh na ceàrdach fhaicinn agus, latha dhe na làithean, thachair e air a’ ghobha ’s e a-muigh. Bha rèis aca agus rinn Daorghlas a’ chùis air a’ ghobha. Mar sin, b’ e Daorghlas an aon duine a-riamh a fhuair a-steach dhan cheàrdaich.

Ceanglaichean

Duan na Ceàrdaich.
http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/20849/1
Aonghas MacIllFhialain
Bha claidheamh aig Fionn ris an canadh iad Mac an Luinn. Nuair a chaidh a dhèanamh, bha aig feadhainn an toiseach ri dhol gu ceàrdach shìthe airson an claidheamh fhaghairt. Bha Osgar, Caoilte agus Daorghlas sa chuideachd. Tha an duan seo ag innse mar a thachair.

Duan na Ceàrdaich.
http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/50824/1
Air a ghabhail le Peanaidh Mhoireasdan à Uibhist a Deas.

Iomradh air na Fianntan ann an Cinn t-Sàile.
http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/69456/1
Bha mòran sgeulachdan ann an sgìre Chinn t-Sàile air na Fianntan. Thathar ag innse mu Dhiarmad agus mar a mharbh e beathach uabhasach a bha ann an Loch nan Corr le claidheamh a fhuair e bhon ghobha-shìthe. B’ fheudar dhan chlaidheamh a bhith air fhaghairt le fuil neach beò. Mharbh fir Fhinn màthair a’ ghobha. Dh’fheuch an gobha air fear le Fionn ach mharbh Daorghlas an gobha.

B’ e Daorghlas a theich le bean Fhinn. Bha e air a leòn le stob an Tuirc Neimhe. Bha fuaran ann, Tobar an Tuirc, aig an robh buaidh leighis ach chuir Fionn stad air.

An rèis eadar an gobha agus Daorghlas.
http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/72020/1
Ann an Duan na Ceàrdaich, bha rèis aig a’ ghobha agus Daorghlas eadar Bodach an Stòrr agus Rubha na Ceàrdach ann am Bhaltos. Ràinig Daorghlas a’ cheàrdach an toiseach. Dh’fhaodadh an gobha a bhith air an ceann a thoirt bhuaithe, ach cha tug oir bha uiread de spèis aige dha.