Skip to content

Bàs na Cailliche Bèire

Goireasan

Goireasan priont
Gheibh sibh na stuthan-taic agus copaidh den tàr-sgrìobhadh/sgriopt airson priontadh an seo.

[wpdm_package id=\’1027\’ template=\’5d039faa7c072\’]

[wpdm_package id=\’1480\’ template=\”5d039faa7c072\”]


 http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/2743/1

Èist ris an earrainn agus freagair na ceistean, a’ cleachdadh nam faclan agad fhèin. Anns an sgeulachd seo, tha an Caiptean Dùghall MacCormaig ag innse mu dheidhinn fuamhaire, A’ Chailleach Bheur, a bha a’ fuireach ann an Eilean Earraid, faisg air Muile.

’S e pìos fada a tha seo. ’S dòcha gum bi thu airson an tar-sgrìobhadh a leughadh fhad ’s a tha thu ag èisteachd ris, air neo ’s dòcha gu bheil thu airson an geàrr-chunntas a leughadh ro làimh.

  1. Carson a tha an Caiptean a’ creidsinn gun robh fuamhairean ann?
  2. Cò eile a bhiodh a’ fuireach còmhla ris a’ Chaillich Bhèir ann an Eilean Earraid?
  3. Dè an coltas a bha air a’ Chaillich Bhèir?
  4. Dè tha ri fhaicinn anns a’ mhuir bho Eilean Earraid?
  5. Dè dh’fheumadh a’ Chailleach Bheur a dhèanamh a h-uile ceud bliadhna?
  6. Carson a bhiodh a’ Chailleach Bheur a’ gearan mu Chrudh-lochan?
  7. Cha bhiodh an crodh aig a’ Chaillich Bhèir ag òl uisge ach à tobar air an rathad gu Maol Chinn Tìre. Dè thachradh nam fàgadh i am brod mòr de chloich far an tobair?
  8. Dh’fheumadh a’ Chailleach Bheur failceadh, no glanadh, mus cluinneadh i dà rud, air neo gheibheadh i am bàs. Ainmich fear dhe na rudan.
  9. Dè bha a’ Chailleach Bheur a’ dèanamh nuair a chaidh an cìobair far an robh i?
  10. Aig an deireadh tha an Caiptean ag ràdh: “Mas breug uam e, is breug thugam e.” Dè tha seo a’ ciallachadh.

Briathrachas

fomhair (iomarra: fomhairean) – fuamhair, duine glè mhòr
Eilean Earraid – eilean ann an ceann a deas Eilean Mhuile.
mart (iomarra: mairt) – bò
ag ionaltradh – ag ithe feur far a bheil e a’ fàs
clàr a h-aodainn – maol, bathais
crìonach – talamh garbh le preaslaichean is conasg is eile
nuair a labhradh – nuair a chanadh
faoin – gòrach, gun fheum
failceadh – a’ glanadh no a’ nighe na bodhaig
a’ saodachadh – ag iomain, a’ buachailleachd
slèistean – sliasaidean
brod – an seo, tha e a’ ciallachadh mullach, i.e. mullach an tobair. Eisimpleir eile: Brod na poite.
froineadh – tarraing ghrad, no crathadh
rabhaic – brùchd
a’ bìogail – fuaim a nì eòin bheaga no luchagan
cual-chnàmh – criomagan beaga bìodach
goir – èigh, glaodh

A’ Chailleach Bheur agus na Ràithean

Tha e air a ràdh gum biodh a’ Chailleach Bheur a’ nighe a’ bhreacain mhòir aice aig toiseach a’ gheamhraidh aig Coire Bhreacain, deas air Muile. A rèir seanchais, bhiodh seo a’ toirt trì latha agus dhèanadh e fuaim mhòr. Nuair a bhiodh i deiseil bhiodh e glan agus geal (a’ ciallachadh gum biodh sneachd air an tìr).

Aig deireadh a’ gheamhraidh, air Latha Fhèill Brìghde, bhiodh a’ Chailleach Bheur a’ dol a-mach a thional fiodh-connaidh airson a’ chòrr den gheamhradh. Nam biodh i airson geamhradh fada a bhith ann, dhèanadh i cinnteach gur e deagh latha a bhiodh ann air Latha Fhèill Brìghde gus gum b’ urrainn dhi tòrr fiodh a thional a chumadh blàth i anns na mìosan ri teachd. Mar sin, bhiodh daoine toilichte nam biodh droch shìde air an latha seo, oir bhiodh e a’ ciallachadh gum biodh a’ Chailleach na cadal agus nach fhada gus an teirigeadh am fiodh oirre, agus le sin bhiodh an geamhradh seachad a dh’aithghearr.

Cruthachadh is Dealbhadh

Dèan cartùn no nobhail grafaigeach mu dheidhinn na Cailliche Bèire a rèir na a tha a’ nochdadh anns an earrainn.

Cleachd an t-eadar-lìon. Faigh mapa bàn de Mhuile agus na h-eileanan eile mun cuairt air agus seall na h-àiteachan far an robh a’ Chailleach Bheur a’ fuireach agus a’ siubhal. Càit a bheil Tobhta na Cailliche Bèire? ’S dòcha gun lorg thu feadhainn ann an àiteachan eile. Tha i ceangailte ri mòran àiteachan air feadh na Gàidhealtachd ann an Alba, Èirinn agus Eilean Mhanainn.

Dèan rannsachadh air fuamhairean eile ann an dualchas nan Gàidheal. Cò iad? Càit an robh iad a’ fuireach? Sgrìobh iomradh goirid air feadhainn dhiubh agus dèan dealbh dhiubh.

Notaichean & Freagairtean

Freagairtean

  1. Tha e sgrìobhte anns a’ Bhìoball anns an t-siathamh caibideil de Ghenesis.
  2. Trì mairt/an crodh aice.
  3. Cha robh ach aon sùil aice agus bha i ann an clàr a h-aodainn.
  4. Sgeirean cunnartach (airson seachd mìle deug).
  5. Dh’fheumadh i fhèin a failceadh/glanadh ann an Loch Bà.
  6. Bha e cho domhainn agus gun robh e a’ tighinn suas gu a sliasaidean/slèistean.
  7. Thigeadh an t-uisge às agus bhiodh tuil thar an t-saoghail air fad.
  8. Comhart coin; no eun beag a’ bìogail.
  9. Bha i a’ seinn òran tiamhaidh rithe fhèin.
  10. Tha esan a’ smaoineachadh gu bheil an sgeulachd fìor, ach mura h-eil e fìor chan e esan as coireach, oir chan eil e ach ag aithris na chuala e.

Am Fiosraiche
An Caiptean Dùghall MacCormaig, Dùghall Iain Nèill Dhùghaill (1877-1969). Rugadh agus thogadh e ann am Fionnphort, Muile. B’ e maraiche a bh’ ann agus bha e na chaiptean san arm ann an Astràilia. Chaidh e a dh’fhuireach a dh’Astràilia far an robh e ag obair le caoraich. Sgrìobh e bàrdachd ann an Gàidhlig agus ann am Beurla. Sgrìobh e cuideachd puirt airson na pìoba.

Geàrr-chunntas
Bha fuamhaire le aon sùil ann an Eilean Earraid air an robh a’ Chailleach Bheur. Dh’fheumadh i a dhol gu Loch Bà gach ceud bliadhna a dh’fhailceadh. Bha trì beathaichean mairt aice agus cha robh ach aon tobar air tìr-mòr far an gabhadh iad deoch. Bha brod mòr de chloich air an tobar a dh’fheumadh i a thogail ach am faigheadh an crodh deoch. Dh’fheumadh i a chur air ais mus rachadh a’ ghrian fodha no rachadh tuil air feadh na talmhainn gu lèir. Aon uair, thuit i na cadal ach dhùisg i dìreach nuair a bha Loch Obha air a chruthachadh agus fhuair i air am brod a chur air ais air an tobar.

Nuair a bhiodh i a’ dol gu Loch Bà a h-uile ceud bliadhna, chan fhaodadh i comhart coin a chluinntinn no gheibheadh i am bàs. Chaidh i seachad air cìobair uair ge-tà, is thug an cù aige comhart. Bha a’ Chailleach Bheur a’ bàsachadh agus ged a dh’fheuch an cìobair ri cuideachadh, cha robh dad ann a b’ urrainn dha a dhèanamh air a son. Mus do bhàsaich i ghabh i òran. Chan eil aig Dùghall ach aon rann agus tha e ga gabhail an seo.

Ceanglaichean

Seo film goirid à Èirinn (sa Bheurla) mu dheidhinn Bàs na Cailliche Bèire.

https://www.screenireland.ie/directory/view/7749/an-cailleach-bheara

A’ Chailleach Bheur.
http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/57225/1
Dòmhnall Mac na Ceàrdaich à Tiriodh.

Còmhradh agus fiosrachadh mun Chaillich Bhèir. Feumaidh gun robh i a’ fuireach faisg air Baile a’ Phuill, air sgàth bhriathran a thuirt i. Bha e air a ràdh gur e an geamhradh a bh’ anns a’ Chaillich Bhèir.