Cleachdaidhean bàis agus tiodhlacaidh ann an Uibhist a Deas

Goireasan

Goireasan priont
Gheibh sibh na stuthan-taic agus copaidh den tàr-sgrìobhadh/sgriopt airson priontadh an seo.

Icon

Fios mu na clàran

47.01 KB 801

 http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/39795/1

Èist ris an earrainn agus freagair na ceistean, a’ cleachdadh nam faclan agad fhèin. Alasdair Boyd (1889-1970) à Uibhist a Deas a’ bruidhinn ri Calum MacIllEathain (Sgoil Eòlais na h-Alba). Leugh an t-ath-sgrìobhadh a tha an cois a’ bhidio ma tha duilgheadas agad ann a bhith a’ freagairt nan ceistean.

Pàirt a h-Aon

  1. Cuin a bhiodh iad a’ cur a’ chuirp anns a’ chiste?
  2. Cia mheud spèic a bha anns a’ chrò-leaba?
  3. Cuin a bhiodh am pìobaire a’ tòiseachadh air seinn na pìoba?
  4. Dè tha e a’ ciallachadh a bhith a’ dol ‘deiseal’?
  5. Dè bhiodh a’ tachairt nuair a sguireadh a’ phìob?
  6. Dè tha Alasdair ag ràdh mu ainm a’ phuirt, Port Luchd Dhùghaill ’ic Ruairidh?
  7. Cuin a chluicheadh Dòmhnall Mac a’ Phì Bas Bualadh nam Ban?
  8. Dè bhiodh Nighean Dhòmhnaill Ghlais a’ dèanamh?
  9. Dè an duais a fhuair i airson seo a dhèanamh?

Pàirt a Dhà

  1. Dè dhèanadh an sluagh nuair a bha a’ chiste ga tarraing?
  2. Cò bhiodh aig ceann na ciste?
  3. Cò bhiodh a’ leantainn na ciste?
  4. Dè bhiodh na mnathan a’ dèanamh nuair a bhiodh iad a’ bristeadh a-mach on ghiùlan?
  5. Dè dhèanadh cuideigin nam biodh e anmoch agus a’ tachairt ris an tiodhlacadh?
  6. Dè nach dèanadh duine sna sgìrean gus am biodh an tiodhlacadh seachad?
  7. Cuin a bhiodh iad a’ gabhail na conail Mhoire?
  8. Carson a bha iad ag ùrnaigh agus a’ lasadh nan coinnlean?
  9. Càit am biodh na coinnlean gan cur?
  10. Dè dhèanadh daoine leis an uisge-choisrigte?
  11. Dè bhiodh daoine a’ dèanamh fhad ’s a bha iad a’ caithris?
  12. Dè bhiodh cuid de dhaoine ag iarraidh nuair a bha iad fhèin air leabaidh a’ bhàis?
  13. Dè chuireadh iad a-steach gu uaighean ùra?
  14. An robh e gu diofar dè seòrsa sìde a bh’ ann nuair a rachadh iad air an glùinean aig a’ chladh? Thoir adhbhar airson do bheachd.
  15. Dè an cleachdadh mu dheireadh a bhios Calum a’ faighneachd mu dheidhinn ach nach fhaca Alasdair riamh?

Briathrachas

a’ tuiream – a’ caoidh, a’ caoineadh
piocadh – taghadh
crò-leaba – uidheam airson a’ chiste a tharraing (cha robh iad a’ cleachdadh each is cairt sna sgìrean seo)
spèicean – pìosan fiodh, no seòrsa de phòlaichean, airson a’ chiste a tharraing
an t-seann aimsir – na seann làithean
deiseal – a’ dol taobh na grèine, a’ tionndadh dha do làimh dheis (an coimeas ri tuathail – a’ tionndadh gu tuath, dha do làimh chlì)
is cuimhneach leamsa – tha cuimhne agam
tòrraidhean – tiodhlacaidhean
ri linn nan daoine aige – ri linn ginealach no dhà roimhe
cochair – seòrsa de phàigheadh, tiodhlac
mulachag – pìos mòr càise
seinn na pìoba – cluich na pìoba
comhair an casan – na casan aig an toiseach
nòs – cleachdadh
an giùlan – an loidhne de dhaoine a bha a’ dol dhan chladh leis a’ chiste
an cip dhiubh – gun cheap air an cinn (a’ toirt spèis dhan neach mharbh)
a’ cur iarann ann an talamh – a’ cladhach le spaid.
fad finn-fuainneach – uile-gu-lèir, o thùs gu èis
a’ caithris – a’ fuireach air chois fad na h-oidhche
conail Mhoire – a’ chonair, no conair Mhoire, ùrnaigh shònraichte a bhios Caitligich a’ gabhail do Mhoire, màthair Ìosa. ’S e a’ phaidir a chanar ris an t-sreang de ghriogagan a bhios aig mòran Chaitligeach airson na h-ùrnaighean a chuimhneachadh.
dà-reug – meadhan-oidhche, no meadhan-latha: dà uair dheug air a ghiorrachadh
anam – spiorad (tha cuid a’ creidsinn gum mair anam neach an dèidh a’ bhàis)
ceusadh – san t-seagh seo, ìomhaigh de chrois air a bheil Ìosa crochte
cha b’ fhiach e hò-rò – cha bhiodh dad a fheum/luach ann
leadan – ùrnaighean sònraichte airson amannan eadar-dhealaichte
a’ caitheamh trì dòrn – a’ caitheamh dòrn de thalamh
ullamh – deiseil
os cionn na h-uaghach – uaigh anns an tuiseal ghinideach

Cruthachadh is Dealbhadh

Tha na cleachdaidhean timcheall air a’ bhàs gu math àraid bho chultar gu cultar. A bheil gin de na cleachdaidhean seo anns a’ choimhearsnachd agad fhèin fhathast, no an robh iad aig do shinnsirean? Dèan beagan rannsachaidh air dè bhios a’ tachairt ann an sgìrean Gàidhealach san latha an-diugh mus tèid an corp a chur dhan talamh.

Notaichean & Freagairtean

Freagairtean

Pàirt a h-Aon

  1. Latha an tiodhlacaidh.
  2. Trì.
  3. Nuair a bheireadh iad a’ chiste a-steach dhan taigh.
  4. A’ tionndadh dhan làimh dheis, no leis a’ ghrèin.
  5. Thòisicheadh boireannach ri tuiream.
  6. Cha chuala e ainm Beurla air.
  7. Nuair a thogadh iad a’ chiste air a’ chrò-leaba.
  8. A’ tuiream air na tòrraidhean.
  9. pàigheadh / ìm agus caise / cochairean

Pàirt a Dhà

  1. Bhiodh iad a’ dol air thoiseach oirre.
  2. An neach a bu dlighiche dhan neach a bhathar a’ tiodhlacadh.
  3. Na boireannaich/mnathan. Rachadh iad air an glùinean a ghabhail an ùrnaigh.
  4. Bheireadh e dheth a cheap agus rachadh e air a ghlùinean a ghabhail ùrnaigh
  5. Cha dèanadh iad car obrach. / Cha bhiodh iad a’ cur iarainn dhan talamh. / Cha bhiodh iad a’ snìomh, no obair dhen t-seòrsa.
  6. Aig meadhan-oidhche agus trì uairean sa mhadainn.
  7. Airson anamannan nam marbh.
  8. Aig ceann a’ chuirp agus aig na casan.
  9. Chuireadh iad beagan air a’ chorp.
  10. Bhiodh iad ag innse sgeulachdan ’s stòiridhean. Bhiodh iad ag òl tì.
  11. Deagh chosgais a dhèanamh (air deoch is biadh). Cha robh iad ag iarraidh gum biodh seo gann.
  12. Bonn airgid a bha air a bheannachadh leis an t-sagart.
  13. Cha robh. Cha robh e gu diofar dè seòrsa latha a bh’ ann, co-dhiù a bha e fliuch no tioram no a bha an grunnd bog no cruaidh.
  14. A bhith a’ cur nan spaidean ann an crois air an uaigh.

Am Fiosraiche
Rugadh Alasdair Boyd (1889-1970) ann an Sgalaigearraidh agus thogadh e ann an Àird na Mònadh, Uibhist a Deas. B’ e croitear agus pìobaire a bh’ ann. Tha mòran chlàraidhean aige air làrach-lìn Tobar an Dualchais.

Airson barrachd fiosrachaidh, faic http://www.bbc.co.uk/alba/oran/people/alasdair_boidhd/ (air fhaotainn anns a’ Mhàrt 2019).

Geàrr-chunntas
Fiosrachadh mionaideach mu chleachdaidhean bàis agus tiodhlacaidh ann an Uibhist a Deas.

Fiosrachadh mionaideach mu dheidhinn mar a bhathar ag ullachadh airson tiodhlacadh ann an Uibhist a Deas. Bha am pìobaire a’ tòiseachadh nuair a bha an corp a’ dol dhan chiste air latha an tiodhlacaidh. Rachadh iad deiseal daonnan leis a’ chiste. Nuair a sguireadh a’ phìob, thòisicheadh boireannach a’ tuiream. Tha Alasdair ag ainmeachadh puirt pìobaireachd àraidh a bhathar a’ cluich. Iomradh air bean-tuireim san Ìochdar a bha ainmeil. Bhiodh iad ga pàigheadh no a’ toirt rudeigin dhi.

Fiosrachadh mionaideach mu bhith a’ giùlan a’ chuirp. Nuair a bhàsaicheadh duine cha robh obair sam bith air a dhèanamh gus an rachadh a thiodhlacadh. Fiosrachadh mu chaithris agus mu choinnlean san eaglais. Bha coinnlean, ceusadan agus uisge-coisrigte ri taobh a’ chuirp san taigh. Bhiodh daoine ag innse sgeulachdan aig caithris ’s a’ gabhail tì agus dramannan. Uaireannan bhiodh duine sònraichte a’ leughadh Leadan nam marbh. Bhiodh iad a’ gabhail na conail Mhoire aig amannan sònraichte. Chuireadh iad bonn airgid ann an uaigh ùr agus bheannaicheadh an sagart e an uair sin. Bhiodh a h-uile duine air an glùinean nuair a bhiodh a’ chiste ga leigeil sìos.

Ceanglaichean

Cleachdaidhean bàis ann am Muile.
http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/49678/1
Aonghas MacEanraig

Fiosrachadh mionaideach mu dheidhinn cleachdaidhean bàis ann am Muile nuair a bha am fiosraiche òg, le iomradh air caithris, litrichean le fios mun tiodhlacadh, a’ chiste, an tiodhlacadh agus an uaigh.

Cleachdaidhean aig àm bàis ann an Griomasaigh.
http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/15045/1
Pàdruig Moireasdan

Ro linn an fhiosraiche, bhite a’ coiseachd fad na slighe chun a’ chladha leis a’ chiste-laighe. Bhite a’ giùlan na ciste air crò-leaba. Às dèidh sin, bha e na fhasan a bhith a’ cleachdadh each is cairt. Às dèidh an tiodhlacaidh, bhite ag ithe bhriosgaidean is càise agus ag òl uisge-beatha. ’S e ‘cosgais’ a bha aca air seo. Fiosrachadh air an taobh a ghabhadh iad chun a’ chladha. Bhiodh daoine a’ sgur a dh’obair gus am biodh an tiodhlacadh deiseil. Còmhradh mu chaithris agus lèine-mhairbh.

Cleachdaidhean ri linn bàis ann an Asainte.
http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/68826/1
Seòras MacCoinnich

Bha sabaid air tiodhlacaidhean gu math cumanta ri linn athair an fhiosraiche. Bhiodh daoine a’ reic an aon bheathach mairt a bha aca gus uisge-beatha a cheannach airson latha an tiodhlacaidh. Bhathar a’ cumail taigh-faire far am bite ri caithris a’ chuirp fad trì oidhcheannan. Bhite a’ coiseachd chun a’ chladha agus a’ gabhail dhramaichean, bhriosgaidean is càise. Bhiodh fear ann a dh’aon bhàgh gus an cingean a ghiùlan. Bhite cuideachd a’ togail càrn far am bite a’ stad leis a’ ghiùlan air an t-slighe.

Cunntas air cleachdaidhean tiodhlacaidh ann am Barraigh.
http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/81850/1
Anna NicNèill

Cunntas air cleachdaidhean tiodhlacaidh ann am Barraigh agus mu bhith a’ dèanamh lèine-mhairbh.