Beathach mòr a thàinig gu bàta

Goireasan

Goireasan priont
Gheibh sibh na stuthan-taic agus copaidh den tàr-sgrìobhadh/sgriopt airson priontadh an seo.

Icon

Fios mu na clàran

47.01 KB 1796

 http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/29321/1

Èist ris an earrainn agus freagair na ceistean, a’ cleachdadh nam faclan agad fhèin. Torcuil MacRath à Leòdhas ag innse naidheachd air prògram rèidio a’ BhBC, Dealan-dè, ann an 1986.

  1. Càit an cuala Torcuil an sgeulachd seo?
  2. Càit an robh am bodach a’ siubhal air a’ bhàta?
  3. Dè an t-àm dhen latha a bh’ ann nuair a dh’èirich a’ bhiast?
  4. Carson a thòisich iad a’ sadail rudan a-mach à deireadh a’ bhàta?
  5. Ainmich na rudan a dh’ith am beathach.
  6. Mu dheireadh thall, dh’fhalbh am beathach agus chaidh e air tìr. Dè rinn muinntir a’ bhàta an toiseach mus do thill iad?
  7. Dè seòrsa dotair a bha aca? Thoir adhbhar airson do bheachd.
  8. Dè na rudan àraid a chunnaic iad nuair a dh’fhosgail iad am beathach?

Briathrachas

taigh-cèilidh – taigh far am biodh daoine a’ cruinneachadh airson seanchas is eile
cha b’ ann an-dè a bha sin – tha ùine mhòr bhon uair sin
ciaradh – nuair a tha an latha a’ fàs dorcha air an fheasgar
fodar – feur airson beathaichean a bhiathadh
glam – grèim mòr le beul; ith gu luath
a’ goradaireachd – a’ toirt sùil air rudeigin gu h-os ìseal; a’ dìdearachd, a’ gòradh, a’ cìcearachd òinseach – boireannach gòrach
bha e a’ leigeil ann fhèin – bha e a’ fàs sgìth
ablach de dhotair – dotair gun fheum (ablach – truaghan; closach beathaich)
smugaid tombaca – bhiodh daoine a’ cagnadh tombaca an àite a bhith ga smocadh sna seann làithean. Cha robh seo fallain nas motha, ag adhbharachadh aillse anns an sgòrnan, san amhaich agus sa bheul.
a’ bleoghan na bà – a’ faighinn bainne bhon a’ bhoin

Àbhachdas

’S e sgeulachd spòrsail a tha seo air a deagh innse le car san deireadh, a tha na eisimpleir dhe na sgeulachdan beaga aotrom a bhite ag innse. Dh’inns an seanchaidh (athair Thorcuil) an sgeulachd ann an dòigh cho math ’s gum biodh na daoine anns an tagh-chèilidh air am beò-ghlacadh leis na rudan àraid a thachair, gus am faigheadh iad a-mach aig an deireadh nach robh e idir coltach gun do thachair a leithid. Cha robh ann ach ròlaist!

Cruthachadh is Dealbhadh

Dèan sgeulachd àraid mu dheidhinn rudeigin neònach. Feumaidh e a bhith goirid agus àraid, ach feuch gum bi e a’ toirt gàire air an luchd-èisteachd. Cleachd do mhac-meanmna agus feuch gum bi spòrs agad! Feumaidh tu a h-aithris dhan chlas.

Notaichean & Freagairtean

Freagairtean

  1. Càit an cuala Torcuil an sgeulachd seo?
  2. Càit an robh am bodach a’ siubhal air a’ bhàta?
  3. Dè an t-àm dhen latha a bh’ ann nuair a dh’èirich a’ bhiast?
  4. Carson a thòisich iad a’ sadail rudan a-mach à deireadh a’ bhàta?
  5. Ainmich na rudan a dh’ith am beathach.
  6. Mu dheireadh thall, dh’fhalbh am beathach agus chaidh e air tìr. Dè rinn muinntir a’ bhàta an toiseach mus do thill iad?
  7. Dè seòrsa dotair a bha aca? Thoir adhbhar airson do bheachd.
  8. Dè na rudan àraid a chunnaic iad nuair a dh’fhosgail iad am beathach?

Am fiosraiche

Torcuil MacRath (1923-2006). Oifigear puist à Grimiseadar, Eilean Leòdhais, a bha cuideachd na eòlaiche air eachdraidh ionadail agus na sgrìobhadair.

Geàrr-chunntas

Chuala Torcuil MacRath an sgeulachd seo o chionn fhada aig a’ bhodach [athair] anns an taigh-chèilidh. Bha am bodach a’ seòladh cuaintean na h-àirde an ear aig àm a’ Chiad Chogaidh. Bha crodh, fodar agus luchd-siubhail air a’ bhàta. Thàinig beathach mòr gu deireadh a’ bhàta. Shad na daoine a-mach stòl, peile, bò agus arbhar. Shluig am beathach iad uile. Thuit boireannach a-mach agus shluig am beathach ise cuideachd. Chaidh am beathach air tìr air eilean agus bhàsaich e. Dh’fhosgail iad am beathach. Bha am boireannach na suidhe air stòl a’ bleoghan na bà agus bha a’ bhò ag ithe an fhodair!

 

Ceanglaichean

Bhiodh Torcuil tric a’ nochdadh air prògraman rèidio airson bruidhinn air na rudan anns an robh ùidh aige: seanchas, leabhraichean agus eachdraidh. Seo clàran eile air Tobar an Dualchais far a bheil Torcuil a’ nochdadh.

A’ Bhuaile Fhalaich, le Torcuil MacRath.

http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/6111/1

Torcuil MacRath a’ bruidhinn air an leabhar a sgrìobh e air sgeulachdan is eachdraidh ceangailte ri ainmean àitichean anns a’ choimhearsnachd aige fhèin anns na Lochan ann an Leòdhas.

Chaidh fear a bha a’ reic iasg a ghlacadh fo bhuaidh na dighe ’s e a-muigh le each is cairt.

http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/58397/1

Tha Torcuil MacRath ag innse mar nach eil iasg cho pailt ’s a bha e aig aon àm anns na bùthan. Tha e ag ràdh gur e an rud as miosa mu rionnach saillte gun cuir e am pathadh ort, agus tha e ag innse sgeulachd mu dheidhinn fear a bha a’ reic iasg agus a chaidh a ghlacadh fo bhuaidh na dighe ’s e a-muigh le each is cairt. Chaidh a thoirt gu cùirt ach fhuair e às leis oir thuirt e gur e làir a bha aige aig an àm agus chan e each.

Torcuil MacRath a’ bruidhinn air na leabhraichean as fheàrr leis.

http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/11466/1

Tha Torcuil MacRath a’ bruidhinn air na leabhraichean as fheàrr leis: ‘Forever Freedom’ le Josiah C Wedgewood; ‘The Count of Monte Cristo’ le Alexander Dumas; ‘Waldon’ le Henry David Thoreau; ‘Gravity and Grace’ agus ‘The Need for Roots’ le Simone Weil.

Eachdraidh na buidseachd.

http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/11314/1

Leth-cheud bliadhna às dèidh don bhoireannach mu dheireadh a chur dhan phrìosan an Alba fo Achd na Buidseachd 1735, tha an Dr Iain MacAonghuis agus Torcuil MacRath a’ bruidhinn air eachdraidh agus sgeulachdan buidseachd am measg nan Gàidheal, agus na tha daoine a’ cur de chreideas ann fhathast.

Fàidheadaireachd a rinn Coinneach Odhar: thèid Eilean Leòdhais fodha.

http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/7139/1

Bhathar ri ràdh gun do rinn Coinneach Odhar fàidheadaireachd gum biodh Eilean Leòdhais aon latha fo uisge. Leis gu bheil Caledonian Mac a’ Bhriuthainn air ‘Eilean Leòdhais’ a thoirt air an aiseag ùr eadar Steòrnabhagh agus Ulapul, tha cuid de mhuinntir Leòdhais a’ toirt seachad am beachd. Tha còmhradh cuideachd ann air dè cho fìor ’s a tha an naidheachd gun do rinn Coinneach Odhar an fhàidheadaireachd seo.