Skip to content

Bàs Dhòmhnaill Dhuibh an Canaigh

Goireasan

Goireasan priont
Gheibh sibh na stuthan-taic agus copaidh den tàr-sgrìobhadh/sgriopt airson priontadh an seo.

[wpdm_package id=\’1026\’ template=\’5d039faa7c072\’]

[wpdm_package id=\’1480\’ template=\”5d039faa7c072\”]


 http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/21419/1

Èist ris an earrainn agus freagair na ceistean, a’ cleachdadh nam faclan agad fhèin. Anns an earrainn seo, tha Aonghas MacFhionghain à Eige ag innse naidheachd do dh’Iain Latharna Caimbeul, Fear Chanaigh, mu dheidhinn bàs Dhòmhnaill Dhuibh. ’S e duine cudromach anns na h-Eileanan a bh’ ann an Dòmhnall Dubh Mac ’ic Ailein.

  1. Cò bha ann an Dòmhnall Dubh Mac ’ic Ailein?
  2. Dè seòrsa duine a bh’ ann? Sgrìobh dà bhuadhair a tha air a chleachdadh mu dheidhinn.
  3. Càit an robh Dòmhnall Dubh nuair a thòisich e an turas aige gu Mùideart?
  4. Carson a dh’fheumadh am birlinn stad ann an Canaigh?
  5. Dè rinn sgioba a’ bhàta fhad ’s a bha Dòmhnall Dubh tinn ann an Taigh na Dòirlinn?
  6. Nuair a dh’fhosgail iad an doras, dè thàinig a-steach?
  7. Dè chualas nuair a chaidh an rud a thàinig a-steach, a-mach a-rithist?
  8. Dè thachair an dara turas?
  9. Dè thachair an treas turas?
  10. Cuin a bhàsaich Dòmhnall?
  11. Carson a tha an sgeulachd a’ tighinn gu crìch?

Briathrachas

foghainteach – làidir, smiorail, calma
uaibhreach – ladarna, uailleach, àrdanach, fada na b(h)arail fhèin
birlinn – long mhòr a bha aig na cinn-chinnidh Ghàidhealach is Lochlannach
feabhas – piseach, leasachadh, adhartas
màgan – biast ceithir-chasach, gu h-àraidh muile-mhàg no losgann (tha e cuideachd air a chleachdadh airson pàiste eadar 1-3 bliadhna a dh’aois)
starban – fuaim
ceatharnach – fear làidir, curaidh, gaisgeach iriosal
na bu chaise – bhon fhacal cas, a’ ciallachadh bras no grad
a’ gràdhainn – ag ràdh
gairm – fuaim a nì coileach sa mhadainn; leig èigh

’S e na h-Eileanan Tarsainn a chanar ri na h-eileanan a tha a’ gabhail a-staigh Canaigh, Eige, Rùm agus Eilean nam Muc. ’S e ‘na h-Eileanan Beaga’ a bhios aig luchd na Beurla orra.

An Cù Dubh agus an Cù Mòr Glas

Bidh an Cù Dubh a’ nochdadh ann an iomadh cultar mar mhanadh ro bhàs, ach gu h-àraidh ann am Breatainn agus Èirinn. Ma tha thu air Harry Potter a leughadh, bidh an ‘Grim’ a’ nochdadh anns ‘The Prisoner of Azkaban’. Thug an Cù Dubh buaidh cuideachd air Artair Conan Doyle nuair a sgrìobh e ‘The Hound of the Baskervilles’ le Sherlock Holmes.

Tha Cù Mòr Glas a’ Bhàis cuideachd a’ nochdadh ann an sgeulachdan air Tìr-mòr. Bhiodh an cù seo a’ nochdadh ri Clann ‘icDhùghaill agus Clann Raghnaill ro bhàs. Chaidh mòran às na sgìrean seo a Cheap Breatainn ann an Canada agus lean an sgeulachd riuthasan cuideachd, a’ nochdadh anns an sgeulachd ghoirid iomraitich aig an sgrìobhadair Ghàidhealach Chanèidianach Alasdair MacLeòid, ‘As Birds Bring Forth the Sun’.

Iain Latharna Caimbeul

(Tha an earrann a leanas air tighinn bho aiste a sgrìobh Ùisdean Cheape airson an leabhair ‘Tobar an Dualchais: Ulaidh Nàiseanta’ (2014), deasaichte le Chris Wright.)

B’ e sàr sgoilear Gàidhlig a bh’ ann an Iain Latharna Caimbeul (1906-1996) agus chùm e air le obair rannsachaidh agus obair clàraidh fad a bheatha. Chanadh e fhèin gur e tuathanach a bh’ ann, bhon a chuir e seachad bliadhnaichean ri àiteachas ann an Eilean Chanaigh. Fo shealladh na sgoilearachd, chuir e seachad faisg air ceithir fichead bliadhna, cha mhòr fad a bheatha, a’ sgrùdadh agus a’ clàradh cànan agus eachdraidh nan Gàidheal, gu h-àraidh nan Gàidheal anns na h-Eileanan, far an robh e a’ fuireach am measg muinntir Bharraigh agus muinntir Uibhist. Thòisich e air Gàidhlig ionnsachadh mar fhear òg ann an Earra-Ghàidheal. Chuala e òrain Ghàidhlig anns na cèilidhean agus searmonan anns an eaglais, agus thuirt e ris fhèin gum b’ e sin rud a bu chòir a bhith aige. Thug saothair Iain Latharna Chaimbeil buaidh agus taic air leth do Sgoil Eòlais na h-Alba nuair a chaidh a stèidheachadh an Oilthigh Dhùn Èideann ann an 1951.

Tha Iain Latharna Caimbeul fhathast ainmeil ann an saoghal na sgoilearachd leis mar a rinn e fhèin clàraidhean le innealan meacanaigeach de dh’òrain, sgeulachdan, beul-aithris agus seanchas air feadh na Gàidhealtachd – eadar Alba agus thall thairis ann an Alba Nuadh. B’ e a’ chiad fhear a rinn an obair luachmhor seo; thòisich an obair-beatha ionmholta aige ann an 1933.

Chuir Iain Latharna Caimbeul air pàipear na h-òrain agus na sgeulachdan a bha aig an t-sluagh ach dh’aithnich e gun robh feum air barrachd a dhèanamh. Bha innealan-clàraidh ri fhaighinn anns na Stàitean Aonaichte agus cheannaich e ‘Ediphone Wax Cylinder Recorder’ a bha ag obrachadh tro obair-uaireadair. Mar sin, thòisich e le ‘Ediphone’ agus thionndaidh e gu inneal ùr ris an canadh iad ‘Presto Disc Recorder’ agus na dhèidh gu ‘Webster Wire Recorder’, agus an dèidh sin thàinig teip a-steach.

Chuala Iain Latharna Caimbeul mu thè Ameireaganach à Pittsburgh a bha a’ togail seann òrain ann an Uibhist. B’ ann an Uibhist a Deas anns a’ Ghearran 1934 a thachair e ris an tè òig seo, Mairead Fay Sheathach, agus phòs iad ann an Glaschu anns a’ Chèitean 1935. Bha Mairead a’ còmhnaidh le muinntir Ceann a Tuath Ghlinn Dail bho 1929 agus dheasaich i às dèidh làimh ‘Folksongs and Folklore of South Uist’ (1955) a tha fhathast an clò.

Rinn Iain Latharna Caimbeul dà thuras, ann an 1932 agus 1937, do dh’Alba Nuadh airson tadhal air na Gàidheil a bha a’ buntainn ris na h-eilthirich a chaidh a-null thairis an àm nam Fuadaichean anns an 18mh agus an 19mh linn. Bha e gu h-àraidh airson coinneachadh ris an t-sluagh Bharrach ann an Ceap Breatainn, oir bha gu leòr dhiubh ann agus feadhainn dhiubh a rèir coltais anabarrach math air na h-òrain. Eadar sliochd nan Uibhisteach, nam Barrach, nam Mùideartach agus nan Abrach a bha fhathast ann an Alba Nuadh agus Ceap Breatainn, chlàraich Iain Latharna facail is fuinn a bha dìleas do chànan nan sinnsirean aca ged a dh’fhàg a’ mhòr-chuid dhiubh an t-seann dùthaich còrr is 150 bliadhna roimhe sin. Chaidh e timcheall leis an inneal-chlàraidh aige air tursan anns na 1930an agus 1950an agus ’s ann às an obair seo a thàinig an leabhar an clò, ‘Songs Remembered in Exile’ (1990) le 60 òran agus ceòl cuide riutha.

Chùm Iain Latharna Caimbeul air le obair sgoilearachd na Gàidhlig fad a bheatha bhuan. Nochd sreath leantainneach de dh’aistean agus de leabhraichean a tha a’ toirt taic agus buannachd fhathast do sgoilearan an latha an-diugh ann an raon na Ceiltis is na Gàidhlig. Dh’aithnich Iain Latharna bho thùs dè cho beairteach ’s a bha cànan agus dualchas nan Gàidheal agus e a’ tarraing à tobar an fhiosrachaidh am measg nan daoine. Chuireadh e air adhart cultar nan Gàidheal fad a bheatha agus bheireadh e taic is misneachadh do sgoilear sam bith. Chuir e cuideam anns na sgrìobhainnean aige fhèin air luchd-labhairt na Gàidhlig an àite nan leabhraichean gràmair – ’s i a’ Ghàidhlig mar chànan làitheil nan daoine as luachmhoire na cànan nan leabhraichean sgoileireil.

Faic cuideachd:
https://www.independent.co.uk/news/obituaries/obituary-john-lorne-campbell-1345284.html

Cruthachadh is Dealbhadh

Ag innse sgeulachdan – seanchas

An urrainn dhut sgeulachd innse gun notaichean no dad sgrìobhte air do bheulaibh? Dèan rannsachadh air sgeulachd no seanchas bhon sgìre agad fhèin agus feuch ri a h-ath-innse do chàch. Feuch gum bi e a’ maireann co-dhiù trì mionaidean a dh’fhaid, ach faodaidh e a bhith cho fada ’s a dh’fheumas e a bhith airson an sgeulachd innse.

Bruidhinn ri seann chàirdean san teaghlach agad no daoine san sgìre airson sgeulachdan fhaighinn. ’S urrainn dhut coimhead air làrach-lìn Tobar an Dualchais airson sgeulachdan às an sgìre agad fhèin a rannsachadh.

Iomradh air Iain Latharna Caimbeul
Dèan beagan rannsachaidh air beatha agus dìleab Iain Latharna Chaimbeil agus a bhean Mairead Fay Sheathach. Sgrìobh aithisg mu 500 facail mun deidhinn. Dè seòrsa obrach a bhios a’ dol air adhart ann an Canaigh a-nis?

Notaichean & Freagairtean

Freagairtean

  1. Ceann-cinnidh Chlann Raghnaill.
  2. Làidir, foghainteach, uaibhreach, borb.
  3. Uibhist.
  4. Bha an t-sìde cho mosach/dona ’s gum feumadh iad fasgadh.
  5. Rinn iad caithris na h-oidhche. / Dh’fhuirich iad air an cois feadh na h-oidhche.
  6. Cù mòr dubh.
  7. Trì feadan cruaidh.
  8. Dh’èirich Dòmhnall Dubh le leum agus bha e air an ùrlar.
  9. Ràinig Dòmhnall Dubh an doras.
  10. Mus tàinig a’ mhadainn.
  11. Chan eil fhios aig Aonghas air a’ chòrr mu dheidhinn.

Am Fiosraiche
Aonghas MacFhionghain (1897-1972). Rugadh agus thogadh e ann an Eige. Bha e a’ còmhnaidh ann an Clèadail na òige ach bha e a’ fuireach ann an Cill Phàdraig nuair a chaidh a chlàradh le Iain Latharna Caimbeul. Bha mòran sgeulachdan is rannan aige mu na h-Eileanan Tarsainn.

Geàrr-chunntas
’S e duine làidir, borb, a bha ann an Dòmhnall Dubh Mac ’ic Ailein. Aon uair ’s e a’ dol a Mhùideart à Uibhist leis a’ bhirlinn, b’ fheudar dha stad an Canaigh leis an droch thìde. Dh’fhàs e tinn, is chaidh a thoirt gu Taigh na Dòirlinn, far an do chaochail e.

Ceanglaichean

Mar a thionndaidh Dòmhnall Dubh on chreideamh.
http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/21420/1

Bha droch chliù aig Dòmhnall Dubh. A rèir seanchais, chuir e a chùl ris an eaglais (rud nach biodh a’ còrdadh ri daoine sna seann làithean). Seo rannan le fear de Chlann Odruim mu dheidhinn, air innse le Aonghas MacFhionghain

Cù Glas Mheòbail.
http://tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/28507/1

Raghnall MacIllEathain à Mòrar ag innse mu Chù Glas Mheòbail.

Dòmhnall Dubh Mac Iain ’ic Ailein.
http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/97782/1

An aon sgeulachd ach air a h-innse le Eachann Dòmhnallach à Canaigh.