Oisean agus balach a’ sealg

Goireasan

Goireasan priont
Gheibh sibh na stuthan-taic agus copaidh den tàr-sgrìobhadh/sgriopt airson priontadh an seo.

Icon

Fios mu na clàran

47.01 KB 288

 http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/31722/1

Èist ris an earrainn agus freagair na ceistean, a’ cleachdadh nam faclan agad fhèin. Tha Dòmhnall Dòmhnallach (1890-1964) à Àrasaig ag innse naidheachd do Chalum MacIllEathain (Sgoil Eòlais na h-Alba). Tha an earrann ann an dà phàirt.

Pàirt a h-Aon

  1. Dè nach robh cho math mu dheidhinn na tìde a chuir Oisean seachad ann an Èirinn?
  2. Dè dh’iarr Oisean air a’ bhalach?
  3. Dè bha ceàrr air Oisean a dh’fhàg gum feumadh am balach innse dha nuair a chitheadh e fèidh?
  4. Cia mheud fiadh a mharbh an cù, am beachd a’ ghille?
  5. Chaisg am balach an cù ro thràth agus bha e fhathast ag iarraidh rudeigin a mharbhadh. Bha e a’ dèanamh air Oisean agus am balach. Dè an coltas a bha air?
  6. Ciamar a chuir Oisean stad air a’ chù?
  7. Dè bha am broinn Oisin?
  8. Dè an rabhadh a thug Oisean dhan bhalach mu bhith ag ithe nam fiadh?

Pàirt a Dhà

  1. Dè dhèanadh Oisean às dèidh dha fiadh ithe?
  2. Dè mhothaich am balach às dèidh do dh’Oisean an siathamh fiadh ithe? Dè rinn am balach an uair sin?
  3. Dè thuirt Oisean ris a’ bhalach mu na rinn e?
  4. Dè rinn Oisean air a’ bhalach nuair a ràinig iad dhachaigh?
  5. Cò dh’inns an naidheachd seo do Dhòmhnall?

Briathrachas

ag ràdhainn – ag ràdh
sgairteil – làn beothalachd
dar – nuair
an ceann treise/an ceann tacain – às dèidh ùine ghoirid
na bu teinne làimh – na b’ fhaisge
fiantaiche – fuamhaire (Bha naoi troighean a dh’àirde ann an Oisean, a rèir seanchais.)
caisg – stad, bac, toirmisg
is olc a rinn thu – rinn thu rud fìor dhona.
truis – tionail, cruinnich
dealg – snàthad, bior
tòiseachdainn – tòiseachadh
gearradh – san t-seagh seo, ‘cuibhreann’ no ‘grèim’
caomharrach – falachaidh, dìomhair
mar a dh’fhairich mise an naidheachd – mar a chuala mi an naidheachd
o dh’eug e – o bhàsaich e

Oisean às dèidh na Fèinne

B’ e gaisgich mhòra a bha anns an Fhèinn a bhiodh a’ siubhal air feadh na h-Èireann is na h-Alba a’ sabaid is a’ strì. Bha Cumhal air an ceann an toiseach agus an uair sin Fionn mac Chumhail. Tha Fionn am measg nan gaisgeach a b’ ainmeile ann an eachdraidh nan Gàidheal, ach tha a mhac, Oisean, cuideachd gu math cliùiteach.

Tha pailteas de dhiofar sgeulachdan ann mu dheidhinn Oisin agus leughar cuid dhiubh anns na notaichean. Tha feadhainn ann mu: àrach òg, nuair a bha a mhàthair Sadhbh air a tionndadh na eilid le draoidh; am Fear Dorch; agus mar a tha an t-ainm Oisean a’ ciallachadh mangan no fiadh òg. Bha e cuideachd an sàs ann an tòrr de na sgeulachdan dàna aig an Fhèinn, ’s e na inbheach.

Ach ’s ann na sheann aois a choisinn Oisean cliù, agus mòran sgeulachdan air innse mun àm seo na bheatha. Ann an Èirinn, tha na sgeulachdan tric ag innse gun do dh’fhalbh e le bana-phrionnsa na sìthe, Niamh Chinn Òir, agus gun do dh’fhuirich iad ann an Tìr nan Òg, far an robh mac aca, Oscar. Cha do dh’fhairich e ach trì bliadhna a’ dol seachad ged a bha trì cheud bliadhna air a dhol seachad anns an t-saoghal fhèin. Dh’fhàg e Niamh agus thug i dha each geal agus rabhadh nach bu chòir dha cas a chur air an talamh no gheibheadh e am bàs. Cha robh sgeul air an Fhèinn agus bha taigh Fhinn air a leagail gu làr. Bha Oisean glè bhrònach agus on uair sin chleachdadh an abairt ‘Oisean às dèidh na Fèinne’ mar abairt airson rudeigin a tha a’ faireachdainn glè chianail agus tiamhaidh.

Aon latha, thachair Oisean ri fir ag obair air an rathad, ’s iad a’ feuchainn ri clach a thogail. Dh’fheuch Oisean ri an cuideachadh o mhuin an eich ach thuit e gu làr agus thòisich e air bàsachadh. Thàinig Naomh Pàdraig, a bha a’ fuireach faisg air làimh, agus dh’inns Oisean mòran dha mu dheidhinn na Fèinne. Tha seo gu math tric a’ nochdadh ann an sgeulachdan a bha a’ feuchainn ri sealltainn mar a bha Crìosdaidheachd air tighinn agus an seann chreideamh air a dhol à bith.

Ann an cuid de sgeulachdan, ge-tà, gu h-àraidh sgeulachdan ann an Alba, cha robh Oisean a’ falbh gu Tìr nan Òg ach a’ fàs sean na aonar, no uaireannan le Caoilte, am fear bu luaithe den Fhèinn. Air a’ cheann thall bhàsaich Caoilte, agus cha robh air fhàgail ach Oisean agus cù na Fèinne, Bran. Tha sgeulachd eile ann gun robh Oisean pòsta aig tè mhòr, mhàsach agus mhèith, an Dabhach, agus gun robh iad a’ sabaid aon latha. Thilg e cnàmh-lurgainn fèidh oirre ach cha do bhuail e oirre. Tha seanfhacal ann, ‘urchair an doill mun dabhaich’, a’ ciallachadh nuair a bhios cuideigin a’ feuchainn ri gnìomh a dhèanamh gun cus dòchais a bhith soirbheachail.

Rinneadh Oisean na b’ ainmeile buileach leis na sgeulachdan aig Seumas Mac a’ Phearsain on ochdamh linn deug. Chleachd Mac a’ Phearsain cuid de na sgeulachdan is òrain mu dheidhinn na Fèinne ach chuir e a dhreach fhèin orra. Bha na sgeulachdan a dh’fhoillsich e a’ còrdadh ri na milleanan de dhaoine air feadh an t-saoghail agus gu dearbh, bha iad ann an dòigh co-ionnan ri filmichean mòra an latha an-diugh leithid ‘Star Wars’ is ‘Marvel’ a thaobh na fhuair iad de chliù agus aire. Thug iad buaidh mhòr air a’ chultar Romansach a nochd san Roinn Eòrpa san naoidheamh linn deug.

’S e an Comunn Oiseanach a tha air a’ chomann Ghàidhlig do dh’oileanaich aig Oilthigh Ghlaschu.

Cruthachadh is Dealbhadh

Lorg fiosrachadh mu dheidhinn sgeulachd ceangailte ris an Fhèinn. Dèan ath-sgrìobhadh oirre ann an Gàidhlig an latha an-diugh. A bheil sgeulachdan na Fèinne ri lorg san sgìre agad fhèin? Faigh a-mach mun deidhinn. Bi deiseil do sgeulachd aithris.

Notaichean & Freagairtean

Freagairtean

Pàirt a h-Aon

  1. Cha robh e a’ faighinn biadh gu leòr / bha am biadh gann.
  2. Dh’iarr e air a dhol còmhla ris dhan bheinn a shealg.
  3. Bha e dall.
  4. Ochd.
  5. Bha a theanga a-muigh agus a bheul fosgailte.
  6. Chuir e a làmh a-staigh ann an amhach a’ choin agus thug e a-mach a theanga is a mhionach.
  7. Dealgan (a lughdaich meud a stamaig, agus am biadh cho gann ann an Èirinn).
  8. Gun a bhith ag ithe sìon gus am biodh e fhèin deiseil.

Pàirt a Dhà

  1. Bheireadh e dealg às a stamag mu choinneamh a h-uile fiadh a dh’itheadh e gus am biodh an còrr farsaingeachd na stamaig.
  2. Cha robh esan a’ dol a dh’fhaighinn càil. Thòisich e air fear dhiubh ithe e fhèin.
  3. Is olc a rinn thu.
  4. Mharbh e e.
  5. Bràthar a mhàthar.

Am Fiosraiche

Dòmhnall Dòmhnallach, Dòmhnall Màiri Ruairidh (1890-1964). Rugadh agus thogadh e ann an Àrasaig. Bha e a’ coimhead às dèidh an rathaid-iarainn.

Geàrr-chunntas

Chuir Oisean seachad treis mhòr ann an Èirinn, ach cha robh e a’ faighinn gu leòr ri ithe. Aon latha dh’fhaighnich e do ghille òg a bha a’ fuireach làimh ris an rachadh e leis dhan bheinn feuch am faigheadh e biadh math mus fàgadh e an saoghal. Thuirt am balach gun rachadh. B’ e e fhèin agus a chù na bha an làthair dhen Fhèinn.

Bha Oisean dall agus dh’iarr e air a’ bhalach innse dha dar a chitheadh e gluasad air fèidh agus dè an coltas a bh’ orra. Rinn am balach sin. An ceann treis, thàinig an fheadhainn a bha a dhìth air Oisean agus thuirt e ris a’ bhalach an cù a leigeil às. Nuair a bha an cù air ochd a mharbhadh thuirt Oisean ris a’ bhalach a chasg. Thill an cù agus a theanga a-muigh. Chaisg am balach ro luath e; bha fear eile aige ri fhaighinn. Dh’inns am balach dha Oisean nuair a bha an cù gus a bhith aige. Shìn e a-mach a làmh agus dar a leum an cù air, chuir e a làmh a-steach an amhach a’ choin agus thug e a-mach a theanga ’s a mhionach.

Thrus am balach an t-sealg agus chaidh iad gu àite sònraichte gus am bruich. Bho nach robh am bodach a’ faighinn biadh gu leòr ann an Èirinn chuir e dealgan na bhroinn. Bheireadh e às dealg mu choinneamh a h-uile fiadh a dh’itheadh e gus am biodh an còrr farsaingeachd na stamaig.

Nuair a bha na fèidh bruich, thuirt e ris a’ bhalach nach fhaodadh e ithe gus an d’ fhuair esan a leòr. Gheall am balach sin dha agus thòisich am bodach ag ithe nam fiadh agus a’ toirt dhealgan às an stamaig aige. Thòisich am balach air fear ithe gun fhiosta. “’S olc a rinn thu,” thuirt am fiantaiche dar a fhuair e a-mach, agus dh’iarr e air a’ bhalach a stiùireadh dhachaigh. Nuair a bha iad mu cheud slat air falbh bhon àite às an do dh’fhalbh iad rinn e grèim air amhach a’ bhalaich agus thug e às an amhaich aige far an robh e.

Chuala am fiosraiche an sgeulachd bho bhràthair a mhàthar, Iain Dòmhnallach, a dh’eug timcheall air 1924 aig aois 63.

Ceanglaichean

Tuairisgeul air Oisean.
http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/10477/1
An t-Ollamh Dòmhnall Meek à Tiriodh.

Tha an t-Ollamh Dòmhnall Meek a’ toirt tuairisgeul air Oisean agus air an àite a th’ aige ann an dualchas nan Gàidheal. Tha e a’ bruidhinn air na diofar phearsantachdan a bha aige – na shealgair, na sgeulaiche, na bhàrd, na shàr ghaisgeach – agus mar a dh’atharraich iad seo rè nan linntean.

Oisean an dèidh na Fèinne.
http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/48590/1
Aonghas MacIllFhialain à Uibhist a Tuath.

B’ e Oisean an duine mu dheireadh dhen Fhèinn. Bha e ag innse eachdraidh na Fèinne don Naomh Pàdraig, ach cha robh e ga chreidsinn mu neart na Fèinne agus loisg e na bha e air a sgrìobhadh mun eachdraidh. Bha Oisean dall na sheann aois ach ghuidh e gum faigheadh e aon bhiadh mòr eile mar a bha aca ann an linn na Fèinne mus bàsaicheadh e.

Tron oidhche thill Bran, an cù a b’ fheàrr a bha aig Fionn, agus Caoilte, an duine bu luaithe dhen Fhèinn. Thug iad a-mach a shealg e agus fhuair iad fèidh mhòra. Bha an cuthach air Bran agus b’ fheudar cur às dha. Fhuair Oisean a fhradharc air ais le uisge àraidh agus dh’ith e na fèidh a bha iad air a shealg.

Nuair a thill e gu Naomh Pàdraig agus a sheall e meudachd chnàmh nam fiadh dha, chreid e e mun eachdraidh. Bhàsaich Oisean an oidhche sin agus cha d’ fhuair Pàdraig an còrr dhen eachdraidh.

Oisean an dèidh na Fèinne: mar a dh’fhalbh Oisean, am fear mu dheireadh dhen Fhèinn.
http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/31765/1
Dòmhnall Mac na Ceàrdaich (Dòmhnall Chaluim Bàin) à Tiriodh.

’S e Oisean am fear mu dheireadh dhen Fhèinn. Bha e a’ fuireach còmhla ri a nighean agus a chliamhainn, Pàdraig. Bha Pàdraig a’ togail teampall, is dh’iarr e air Oisean clach mhòr a chur os cionn an dorais. Thuirt Oisean gun dèanadh e seo às dèidh dha sia fèidh dheug ithe. Cha tugadh dha ach còig deug, agus le seo bha beagan sibheadh sa chloich. Cha robh a chliamhainn a’ creidsinn nan sgeulachdan a chuala e mun Fhèinn. Thug Oisean air a chliamhainn a thoirt gu tom luachrach far an robh coire mòr na Fèinne air a thiodhlacadh. Leig Oisean fead agus nochd faghaid is coin. Dh’fhalbh e còmhla riutha agus chan fhacas tuilleadh e.

Oisean, Pàdraig agus an lon-dubh.
http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/34697/1
Peigi Dhòmhnallach à Uibhist a Deas.

Bha Pàdraig pòsta aig nighean Oisin. Sheall Pàdraig do dh’Oisean cas fèidh. Thuirt Oisean gum faca e lon-dubh le casan na bu mhotha. Cha robh Pàdraig ga chreidsinn, agus loisg e leabhraichean Oisin le tàmailt is fearg. Bha Oisean dall, ach thug e leis mac Phàdraig dhan choille. Lorg iad lon-dubh air leth mòr agus bhruich iad e ann an coire leis an Fhèinn. Thugadh a’ chas aige dhachaigh gu Pàdraig.

Mar a fhuair agus a chaill Oisean a bhean, mar a fhuair e a neart air ais, agus mar a bhàsaich e.
http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/36597/1
Ailig Stiùbhart, Luirg.

Thàinig boireannach gu trì bothanan àirigh aig na Fianntan agus dh’iarr i cairtealan. Chaidh a diùltadh aig a’ chiad agus an dàrna fear, ach thug Oisean, anns an treas bothan, a-steach i. Fhuair i biadh agus laigh iad san aon leabaidh, ach chuir Oisean claidheamh rùisgte eatorra. Anns a’ mhadainn bha i cho bòidheach ri boireannach a chunnaic Oisean a-riamh agus tharraing e an claidheamh a-mach. Phòs iad.

Aon latha bha Oisean a’ dol dhan mhonadh agus bha a’ ghalla aige gus breith. Thuirt e ri a bhean comharra a chur air a’ chiad chuilean agus gun a thoirt dha duine a thigeadh dhan doras. Thuirt ise ris-san nan tilgeadh e oirre an riochd anns an tàinig i nach fuiricheadh i cuide ris. Rugadh na cuileanan, agus thàinig an duine is thug e oirre a’ chiad fhear a thoirt dha. Thilg Oisean oirre an riochd anns an tàinig i agus dh’fhalbh i na pitheid.

Lean Oisean i gus an do dh’fhàs e sean agus thug i dha fàinne, ag ràdh gum biodh e beò fhad ’s a bha e air a chorraig. Thill Oisean agus thàinig e gu taigh Para Naomh Clèireach.

Aon latha thilg Para Naomh Clèireach fiadh mòr air a’ bhòrd agus dh’fhaighnich e an do mharbh na Fianntan fiadh cho mòr ris a-riamh. Thuirt Oisean gum faca e spòg isean loin-duibh na bu mhotha. Thug e balach leis gu àite far an robh coin na Fèinne agus thug iad leotha am fear a b’ fheàrr.

Chuir Oisean cearcall iarainn air ceann a’ bhalaich agus ghlaodh e cho àrd ’s gun do sgoilt na creagan gus an tàinig fèidh a bha mòr gu leòr. Chuir cù na Fèinne am fiadh air a dhruim dìreach. Mharbh iad e agus bhruich am balach e. Dh’ith Oisean am fiadh agus bha e cho làidir ’s a bha e a-riamh, ach gun robh leus air a shùil far an do dh’ith am balach bìdeag bheag dhen fheòil.

Chaidh iad dhan choille bheithe agus mharbh Oisean lon-dubh agus thug e dhan bhalach e mar bhiadh. Chùm e an spòg agus thilg e air bòrd Phara e. Bhris casan a’ bhùird agus bha fhios aig Para Naomh Clèireach gur e an fhìrinn a bh’ aige [mu dheidhinn cho mòr ’s a bha fèidh na Fèinne]. Thog iad leabhraichean Oisin às an teine [far an robh iad gan losgadh].

Dh’fhàs Oisean lag a-rithist agus aon latha chaidh e a-mach don loch cuide ris a’ bhalach gus e fhèin a ghlanadh. Thug e am fàinne bho a chorrag, thàinig a’ phitheid, agus dh’fhalbh i leis. Mharbh e am balach airson nach innseadh e dha duine mu na h-àitichean far an deach iad agus thuit e fhèin marbh.

Fhuair Ailig an stòiridh seo bho Sheoc, bràthair a mhàthar, a bhàsaich bho chionn 45 bliadhna [timcheall air 1913]. Bha i cuideachd aig a mhàthair agus aig Alasdair, bràthair athar.