Fear a’ lorg triùir nas amaidiche na e fhèin

Goireasan

Goireasan priont
Gheibh sibh na stuthan-taic agus copaidh den tàr-sgrìobhadh/sgriopt airson priontadh an seo.

Icon

Fios mu na clàran

47.01 KB 1576

 http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/34212/1

Èist ris an earrainn agus freagair na ceistean, a’ cleachdadh nam faclan agad fhèin. Tha Ailidh Dall (1882-1968), a rugadh ann an Ailbhinn, ag innse sgeulachd do Hamish Henderson (Sgoil Eòlais na h-Alba).

  1. Carson a dh’fheumadh an duine triùir na b’ amaidiche na e fhèin a lorg?
  2. Chunnaic e bodach. Dè bha am bodach a’ feuchainn ri dhèanamh leis a’ bhoin?
  3. Dè a’ chomhairle a thug an duine dhan bhodach?
  4. Dè an rud gòrach a bha an dara fear a’ feuchainn ri dhèanamh?
  5. Carson a bha e àraid coinneal laiste (beò) a bhith aig an treas fear?
  6. Dè bha a’ fàgail nach b’ urrainn dhan treas fear sìon fhaicinn?
  7. Dè rinn an duine gus am faiceadh an treas fear a-rithist?
  8. Dè thachair às dèidh dha an treas fear a chuideachadh?

Briathrachas

nas amaidiche – nas gòraiche
taod – ròpa airson beathach a cheangal
corran – seòrsa de speal bheag a chleachdas tu le do làmh airson feur fada a ghearradh
a-bhàn – a-nuas
dar – nuair
triùbhsair – briogais
spòg – an seo, tha e a’ ciallachadh cas-briogais
lios – gàrradh far am bi lusan is eile a’ fàs
beò – san t-seagh seo tha beò a’ ciallachadh gu bheil a’ choinneal air a lasadh
chan fhaic mi nithean – chan fhaic mi rud sam bith
salacharach – stuth salach, poll, agus mar sin air adhart
neapaig – neapraig

Ailidh Dall (1882-1968)

Rugadh Ailidh Dall, Sandaidh Stiùbhart, ann an 1882 ann an Ailbhinn ann an Cataibh, do theaghlach luchd-siubhail. Ged nach robh sgoil aige (cha b’ urrainn dha leughadh no sgrìobhadh), b’ e sgeulaiche air leth a bh’ ann. A rèir dhaoine leithid Chaluim MhicIllEathain agus Hamish Henderson, b’ e an sgeulaiche Gàidhlig a b’ fheàrr a chaidh a chlàradh riamh air Tìr-mòr na h-Alba. Bha e na cheàrd-staoin agus bha e ainmeil airson obair le eich. Bha e cuideachd ceithir bliadhna anns an arm, agus bha e na shàr phìobaire agus seinneadair. Bha beairteas de sgeulachdan agus òrain aige, agus tha mòran dhiubh rin cluinntinn air làrach-lìn Tobar an Dualchais, thoradh chaidh a chlàradh le Sgoil Eòlais na h-Alba. Thuirt Hamish Henderson (anns an leabhar ‘The Summer Walkers’ le Timothy Neat) gur e a’ chiad òran a chlàr e bhuaithe, Am Bròn Binn, air fear dhe na h-òrain as sine anns an Roinn Eòrpa, a’ dol air ais dhan t-siathamh linn.

Cruthachadh is Dealbhadh

Dèan dealbh-chluich èibhinn leis an tiotal Fear a’ lorg triùir nas amaidiche na e fhèin. Dè na rudan gòrach a tha na daoine a’ feuchainn ri dhèanamh. Dèan propaichean agus dèan deiseil airson an dealbh-chluich a shealltainn do chàch. Dèan clàradh dheth.

Dèan rannsachadh air Ailidh Dall agus sgrìobh beagan mu a bheatha.

Notaichean & Freagairtean

Freagairtean

  1. Chan fhaodadh e pòsadh gus an dèanadh e sin.
  2. Bha e a’ feuchainn ri a cur air mullach an taighe airson am feur ithe.
  3. Am feur a bhuain agus a thoirt a-bhàn (a-nuas) dhan bhoin.
  4. Bha e a’ feuchainn ri leum a-steach na thriùbhsair/bhriogais.
  5. ’S e an latha a bh’ ann.
  6. Bha a speuclairean salach.
  7. Thug e dha neapaig a ghlanadh a speuclairean.
  8. Thill e dhachaigh is phòs e.

Am Fiosraiche

Ailidh Dall, Sandaidh Stiùbhart (1882-1968). Rugadh e ann an Ailbhinn. Bha e na cheàrd-staoin. Tha grunn math chlàran aige air làrach-lìn Tobar an Dualchais.

Geàrr-chunntas

Bha fear ann agus chan fhaodadh e pòsadh gus am faigheadh e triùir nas amaidiche na e fhèin. Dh’fhalbh e agus chunnaic e bodach a’ slaodadh bò an-àirde air balla gus faighinn dhan fheur a bha a’ fàs air mullach an taighe. Thuirt e ris a’ bhodach am feur a ghearradh le corran. Chaidh e gu taigh agus chunnaic e fear a’ feuchainn ri leum a-steach na thriùbhsair. Thuirt e ris a chasan a chur ann agus a tharraing suas. Chunnaic e fear ag obair ann an lios le coinneal laiste tron latha airson gun robh na speuclairean aige cho salach ’s nach fhaiceadh e dad. Thug e dha neapaig gus na speuclairean a ghlanadh, agus thill e dhachaigh agus phòs e. 

Ceanglaichean

Tha mòran phìosan inntinneach aig Ailidh Dall air làrach-lìn Tobar an Dualchais. Seo dà dhiubh:

1. Sgeulachd mu chìobair a phòs maighdeann-mhara.
http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/34215/1

Bha cìobair ann le cuilean. Dar a bhiodh daoine ag ràdh cho laghach ’s a bha an cuilean bhiodh e ag ràdh: “Tha latha a’ choin dhuibh ri thighinn.” Dar a dh’fhàs an cù mòr, chunnaic an cìobair maighdeann-mhara, agus thug e fhèin ’s an cù dubh a-staigh gu cladach i. Thug e dhachaigh i agus thug e an cochall snàmhaidh dhith agus dh’fhalaich e e. Phòs iad agus bha clann aca. Aon latha, chunnaic a’ chlann an craiceann bòidheach agus sheall iad dham màthair e. Chuir i oirre e agus dh’fhalbh i a-mach air a’ mhuir, agus bha a’ chlann a’ caoineadh. A h-uile latha a bha an cìobair air falbh bha an taigh ’s a’ chlann air an glanadh, bha am biadh air a chur air a’ bhòrd, am bò air a bleoghan, ’s a h-uile nì. Bha a’ chlann ga faicinn, ach cha robh an duine.

Chuala am fiosraiche an stòiridh bho a mhàthair. Thachair e mu àm a’ chiad chogaidh.

2. Chaidh Sgitheanach air tìr ann an Ameireaga bho bhàta agus chuir e seachad còrr ‘s bliadhna an sin.
http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/35342/1

Bha dithis a’ seòladh air bàta Frangach agus cha bu chaomh leotha e; bha iad dona dhaibh. Chaidh iad air tìr ann an Ameireaga agus dh’fhalbh iad. Ghabh iad beannachd le chèile agus chaidh an Sgitheanach tro choille mhòr, chunnartach. 

Bha e cha mhòr a’ cur thairis leis an acras nuair a chunnaic e bothan. Thàinig cù mòr, ach an uair sin thàinig duine agus thug e a-steach e. Choimhead e às a dhèidh agus dh’inns e dha dè an rathad a ghabhadh e anns a’ mhadainn. Thug e dha biadh agus each. Shiubhail e astar latha leis gus an do ràinig e taigh agus an uair sin chaidh an t-each dhachaigh.

Dh’innis e dhan bhoireannach a bh’ anns an taigh mar a thachair dha. Bhuineadh ise dhan Eilean Sgitheanach cuideachd agus dh’fhuirich e an sin airson bliadhna co-dhiù. Thill e an uair sin dhachaigh.

Chuala am fiosraiche an sgeulachd bho a mhàthair-chèile agus chuala ise i bho bheul an duine fhèin.