Skip to content

Mac ’ic Ailein agus nighean Mhic a’ Phì Cholbhasaigh

Goireasan

Goireasan priont
Gheibh sibh na stuthan-taic agus copaidh den tàr-sgrìobhadh/sgriopt airson priontadh an seo.

[wpdm_package id=\’1019\’ template=\’5d039faa7c072\’]

[wpdm_package id=\’1480\’ template=\”5d039faa7c072\”]


 http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/25021/1

Èist ris an earrainn agus freagair na ceistean, a’ cleachdadh nam faclan agad fhèin. Donnchadh MacDhòmhnaill, Donnchadh mac Dhòmhnaill ’ic Dhonnchaidh (1882-1954), à Uibhist a Deas, ag innse naidheachd do dh’Iain Latharna Caimbeul, Fear Chanaigh, mu dheidhinn euchd a rinn Mac ’ic Ailein.

  1. Dè dh’fheumadh duine a dhèanamh nan robh e airson nighean Mhic a’ Phì a phòsadh?
  2. Cò às a thàinig iomadh fear airson an geall a ghlèidheadh?
  3. Dè seòrsa eich a thagh Mac ’ic Ailein?
  4. Dè rinn Mac ’ic Ailein nuair a shaoil e gun robh e deiseil airson an gnothach a dhèanamh?
  5. Dè thachair nuair a nochd Mac ’ic Ailein agus an t-each aige an toiseach?
  6. Dè an tiotal a thug cuideigin san luchd-amhairc air Mac ’ic Ailein, agus dè tha seo ag innse dhuinn mu nàdar Mhic ’ic Ailein?
  7. Ciamar a bha Mac a’ Phì a’ faireachdainn nuair a chunnaic e gun robh Mac ’ic Ailein air an geall a ghlèidheadh?
  8. Ged a ghlèidh Mac ’ic Ailein an geall, dè thachair air a’ cheann thall?

Briathrachas

duine-uasal – morair, uachdaran, tighearna, duine a bhuineas do theaghlach cudromach
bha e a’ fàilleachdainn orra – cha b’ urrainn dhaibh an gnothach a dhèanamh
miontraigeadh – feuchainn, dèanamh oidhirp
oighreachd (iomarra: oighreachdan) – pìos mòr fearainn, le aon neach
spioradail – san t-seagh seo, làn spionnaidh
theann e ri – thòisich e ri
taod-gaoisid – srian dèanta le falt eich
crudha (iomarra: cruidhean) – pìos iarainn a chuirear air casan eich
dìollaid – suidheachan air baidhsagal no each
dh’fhalbh e a ghleidheadh a’ ghill – dh’fhalbh e airson an geall a bhuannachadh
air chaochladh beachd – aig an robh beachd eadar-dhealaichte
gealtair – cuideigin nach eil calma no gaisgeil, a theicheas bho chunnart
cachaleith – geata ann an gàrradh no feansa
spor – brosnachadh
fuathasach – uabhasach
diombach – mì-thoilichte
thug e aghaidh do – thog e gearan, cheasnaich e
tàmailt – nàire, maslachadh

Mac a’ Phì Cholbhasaigh
’S e caractar ann an iomadh sgeulachd a th’ ann am Mac a’ Phì Cholbhasaigh (no Colbhasa mar a their muinntir an eilein fhèin). ’S ann ann an Colbhasa a bha Clann Mhic a’ Phì stèidhichte. ’S e litreachadh nuadh a tha ann am Mac a’ Phì, agus an t-ainm a’ tighinn bho thùs o MacDhuibhshìthe. Tha an cinneadh seo air a bhith gun cheann-cinnidh on t-seachdamh linn deug. Chaidh an ceann-cinnidh mu dheireadh a mharbhadh le Colla Ciotach MacDhòmhnaill ann an Eilean nan Ròn, an iar-dheas air Orasa, ann an 1623. Chan eil e soilleir an e duine a bh’ ann am Mac a’ Phì Cholbhasa a bha beò aig àm sònraichte ann an eachdraidh, no an e caractar a bh’ ann a chaidh a chruthachadh à ùr-sgeulan mu dhiofar dhaoine.

Cruthachadh is Dealbhadh

Colbhasa agus Orasa
Dèan beagan rannsachaidh air Colbhasa agus Orasa. Dèan postair mu dheidhinn.

  • Càit a bheil an dà eilean seo? Cleachd mapa.
  • Cia mheud duine a tha a’ fuireach ann?
  • Cia mheud duine aig a bheil a’ Ghàidhlig ann?
  • Dè na h-àiteachan as cudromaiche san eilean (bailtean, tràighean, cnuic).
  • Dè na rudan eachdraidheil a tha rim faicinn anns an eilean?
  • Dè na gnìomhachasan as motha a th’ anns an eilean?
  • Ciamar a gheibhear dha na h-eileanan?

Notaichean & Freagairtean

Freagairtean

  1. Dh’fheumadh e leum le each tarsainn air geata mòr aig taigh Mhic a’ Phì.
  2. Thàinig iad às a’ Ghalltachd agus à Sasainn.
  3. Thagh e each beag cnapach ach a bha gu math spioradail.
  4. Sgeadaich e e fhèin le deise de chlò brèagha Gàidhealach agus an t-each le deagh thaod gaoisid agus cruidhean airgid.
  5. Thòisich na daoine-uasal a’ magadh air.
  6. Ailean Beag a’ Chridhe Mhòir. Duine beag dàna; chan e gealtaire a bh’ ann.
  7. Bha e fuathasach diombach. / Cha robh e toilichte idir.
  8. Cha robh Mac ’ic Ailein airson an nighean a phòsadh.

Am Fiosraiche
Donnchadh MacDhòmhnaill, Donnchadh mac Dhòmhnaill ’ic Dhonnchaidh (1882-1954). Rugadh e ann an Snaoiseabhal, Uibhist a Deas, agus chaidh a thogail ann am Peighinn nan Aoireann. B’ e clachair a bh’ ann.

Geàrr-chunntas
Bha nighean bhrèagha aig Mac a’ Phì Cholbhasaigh, agus cha leigeadh e le duine sam bith a pòsadh ach am fear a leumadh tarsainn air a’ gheata aige le each. ’S e Mac ’ic Ailein a rinn a’ chùis air a’ cheann thall, ach cha do ghabh e an nighean.

Ceanglaichean

Tha Mac a’ Phì Cholbhasa a’ nochdadh ann an iomadh sgeulachd:

Mac ’ic Ailein agus Mac a’ Phì Cholbhasa.
http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/37142/1
An aon sgeulachd le Ailean Currie.

Gheall Mac a’ Phì Cholbhasa gum faodadh duine sam bith a b’ urrainn an gàrradh aige a leum le each an nighean
aige a phòsadh. Cha b’ urrainn do dhuine seo a dhèanamh. Chuala Mac ’ic Ailein mu dheidhinn.
Fhuair e each ann an Uibhist agus chuir e cruidhean airgid air. Chaidh e a Cholbhasa.
Leum an t-each aige tarsaing air a’ ghàrradh gun strì. Cha leigeadh Mac a’ Phì le Mac ’ic Ailein
an nighean a phòsadh airson gun robh e fhèin agus an t-each a’ coimhead cho robach. Cha robh
Mac ’ic Ailein airson an nighean a phòsadh. ’S ann a bha e airson dearbhadh gun rachadh
aige air an gàrradh a leum leis an each.

Mac a’ Phì Cholbhasa agus Cailleach Mhòr Dhaimhsteir.
http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/28332/1
le Sandy Buie, Diùra.

Naidheachd mu bhuidseach a bha airson Mac a’ Phì Cholbhasa a phòsadh. Bha i a’ cumail a’ bhàta
aige le snàithlean, ach thàrr e às an dèidh dha an snàithlean a ghearradh. Iomradh air Sgrìob
na Caillich. Tha am fiosraiche dhen bheachd gur e Cailleach Mhòr Dhaimhsteir a bha innte.
Bha i uabhasach làidir, ach chaidh a marbhadh le fear de Chlann ’IlleBhuidhe.

An cù dubh aig Mac a’ Phì Cholbhasa.
http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/57178/1
le Dolly Ann NicDhùghaill, Colbhasa.

Bha cù dubh aig Mac a’ Phì a bha tur gun fheum, ach thuirt boireannach:
“Thig latha a’ choin duibh fhathast.” Tha am fiosraiche den bheachd gur e seo an
cù a bha a’ geàrd Mhic a’ Phì ’s e a’ falach san uaimh bho nàimhdean de Chlann ’IllEathain.

Clann ’Illeathain a’ toirt dìoghaltas air Mac a’ Phì Cholbhasa agus ga chur gu bàs ann an uamh.
http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/7575/1
le Dolly Ann NicDhùghaill, Colbhasa.

Bha Clann ’IllEathain daonnan a’ toirt ionnsaigh air Colbhasa. Theich Mac a’ Phì
le gille agus cù dubh ach thug iad droch ghiollachd air a’ bhean aige. Thuirt
e ris a’ ghille gum b’ fheàrr dha tilleadh airson a cuideachadh.
Thuirt an gille gun tilleadh ach nach rachadh gnothaichean gu math
do Mhac a’ Phì nam fàgadh e e. Chaidh Mac a’ Phì agus an cù dubh aige am falach
ann an uamh aig a’ chladach. Bha e fhèin aig aon cheann den uaimh agus an cù
dubh aig a’ cheann eile airson Clann ’IllEathain a chumail a-muigh, ach
rinn iadsan toll am mullach na h-uamha agus fhuair iad Mac a’ Phì is chuir
iad gu bàs e. Theich am buidealair a bha còmhla ris agus shnàmh e a-mach sa
mhuir. Chuir iad saighead na dhruim ach chùm e air agus fhuair e teicheadh gu Diùra.