Skip to content
content
  • content
  • content
  • content
  • content
  • content
  • content
  • content
  • content
  • content
  • content
  • content
  • content
  • content
  • content
  • content
  • content
  • content
  • content
  • content
  • content
  • content
  • content
  • content
  • content
  • content
  • content
  • content
  • content
  • content
  • content
  • content
  • content
  • content
  • content
  • content
  • content
  • content
  • content
  • content
  • content
  • content
  • content
  • content
  • content
  • content
  • content

Stiùireadh air clàran a gheibhear
air Tobar an Dualchais

(www.tobarandualchais.co.uk)
Le còrr is 43,600 clàr air loidhne (mu 30,000 anns a’ Ghàidhlig) air iomadach cuspair co-cheangailte ri dualchas na h-Alba, ’s e goireas air leth a th’ ann an Tobar an Dualchais a dh’fhaodadh a bhith feumail aig diofar ìrean den sgoil. Tha na clàran, a chaidh a thogail bho na 1930an gu 2005, a’ tighinn à trì cruinneachaidhean: Tasglann Sgoil Eòlais na h-Alba (Oilthigh Dhùn Èideann); Cruinneachadh Chanaigh agus BBC Alba. Nam measg tha sgeulachdan, òrain, ceòl, bàrdachd agus fiosrachadh de gach seòrsa.

A bharrachd air a bhith a’ toirt chothroman do sgoilearan a bhith ag èisteachd ri deagh Ghàidhlig ann an diofar dhualchainntean, tha beairteas de dh’fhiosrachadh ri fhaighinn air an làraich agus ’s e dòigh mhath a th’ ann airson sgilean rannsachaidh a thogail agus a leudachadh.

Air sgàth ’s gu bheil uimhir air an làrach-lìn, ge-tà, tha e a’ cosg ùine do thidsearan clàran a lorg a tha freagarrach a thaobh cuspair, ìre cànain, aois a’ chlas agus mar sin air adhart agus tha seo uaireannan a’ cur bacadh air tidsearan, a tha gu math trang, bho bhith ga chleachdadh. ’S ann airson an suidheachadh sin a leasachadh a chaidh an earrann seo a dheasachadh, le taghadh de chlàran air diofar chuspairean agus aig diofar ìrean den bhun-sgoil agus àrd-sgoil. Chaidh na cuspairean a thaghadh às dèidh còmhraidhean ri tidsearan.

Bho na liostaichean gu h-ìosal chan eil agaibh ach cliogadh air ceangal airson faighinn dìreach a-steach gu Tobar an Dualchais agus barrachd fiosrachaidh fhaighinn air clàr. Faodaidh sibh an uair sin èisteachd ris a’ chlàr a tha a dhìth. Tha faclan an seo cuideachd airson rannan na cloinne bige. (Gheibhear iad seo cuideachd aig https://www.gaelic4parents.com/0-3-years/listen-and-sing).

Chan eil an seo an toiseach tòiseachaidh. Bhiodh e math ur beachdan fhaighinn air na clàran a chaidh a chomharrachadh an seo agus cuideachd molaidhean fhaighinn air cuspairean eile a bhiodh feumail dhuibh. Faodaidh sibh fios a chur thugainn aig dualchas@smo.uhi.ac.uk

Tha sinn an dòchas gum bi seo na chuideachadh do thidsearan le bhith a’ chleachdadh Tobar an Dualchais agus le bhith a’ cur nan clàran prìseil seo gu deagh fheum.

Chaidh na clàran anns an earrainn seo a thaghadh le Iseabail T. NicDhòmhnaill le taic-airgid bho Bhòrd na Gàidhlig

A’ Chiad Chogadh
1914 – 1918

(Freagarrach airson àrd-sgoiltean)

An Dàrna Cogadh
1939-45

(Freagarrach airson àrd-sgoiltean)

Làithean, Fèilltean is Aimsirean

(Freagarrach airson ceann-shuas na bun-sgoile agus àrd-sgoiltean)

Caistealan is Cinnidhean

(Freagarrach airson àrd-sgoiltean)

Caistealan is Cinnidhean

(Freagarrach airson bun-sgoiltean:
P4 agus nas àirde)

Fuadaichean agus Eilthireachd

(Freagarrach airson àrd-sgoiltean: Gàidhlig agus Cuspairean tro mheadhan na Gàidhlig – Eachdraidh, Ceòl, Cruinn-Eòlas)

Eòin is Ainmhidhean

(Freagarrach airson bun-sgoiltean)

Seinnibh Còmhla Rinn

(CD de dh’òrain airson clann òg suas gu Clas 3 sa bhun-sgoil)