Image: Mealladh

Mealladh

’S e taghadh de sgeulachdan goirid, tarraingeach a tha seo bho sgrìobhadairean ùra mar Caron NicFhionghain agus Daibhidh Màrtainn, agus bho sgrìobhadairean eòlach mar Dòmhnall Iain MacÌomhair.

Bheir na sgeulachdan seo an leughadair air thuras bho eu-dòchas gu dòchas, eadar Alba agus Haiti agus bho ghruamachd gu aoibhneas.

Tha na sgeulachdan a’ cnuasachadh air taobhan eadar-dhealaichte na beatha, na rudan mionaideach ’s na tòimhseachain chudromach.

Tha cothlamadh làidir den fhìorachas agus den draoidheachd san taghadh seo. Fiù ’s bhon toiseach tha an leughadair a’ faireachdainn eagal Naomi no aonaranachd Lee, ach tha àbhachdas agus dòchas ann cuideachd ann an ceistean mòra nan caractaran.

Tha an cruinneachadh seo a’ dèiligeadh ri cuspairean toinnte agus trom ach ann an dòigh a tha càilear, iomchaidh agus coileanta airson òigridh.

Gun leugh ’s gum meal thu e.



Sgrìobhadairean

Maoilios Caimbeul

Rugadh Maoilios Caimbeul ann an 1944 anns an Eilean Sgitheanach far an robh athair na mhiseanaraidh.

Tha e air a bhith an sàs ann an diofar rudan thairis air na bliadhnaichean ach bha e na thidsear Gàidhlig airson ùine mhòir mus do thòisich e air sgrìobhadh làn-ùine.

Tha e aithnichte mar bhàrd Gàidhlig agus bhuannaich e Crùn a’ Bhàird aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail anns a’ bhliadhna 2002.

Tha e cuideachd a’ sgrìobhadh rosg agus tha e air grunnan leabhraichean a sgrìobhadh do chlann agus do dheugairean thairis air na bliadhnaichean.

Kerry Anne Nicleòid

Rugadh Kerry Anne Nicleòid ann an Leòdhas, agus tha i na h-oileanach ann an Sabhal Mòr Ostaig a’ dèanamh ceum ann an Gàidhlig agus na Meadhanan.

Bha i riamh dèidheil air sgrìobhadh agus leughadh agus ’s e ‘The Host’ le Stephenie Meyers an leabhar as fheàrr as fheàrr leatha.

Bu chaomh leatha leantainn oirre a’ sgrìobhadh sgeulachdan goirid agus bàrdachd san àm ri teachd oir tha e a’ toirt toileachas mòr dhi.

Tormod MacGill-Eain

Rugadh Tormod MacGill-Eain ann an Glaschu sa bhliadhna 1936.

Ged a bha e greis a’ teagasg ann an àrd-sgoiltean air feadh Alba, chuir e seachad a’ mhòr-chuid de shaoghal a’ seinn, a’ pìobaireachd agus a’ feuchainn ri gàire a thoirt air daoin’ eile.

Bha e cuideachd an sàs ann an obair rèidio agus telebhisein.

Tha e air grunnd leabhraichean a sgrìobhadh ann an Gàidhlig agus ann am Beurla.

Thill e dhachaigh a dh’Uibhist ann an 2009 agus tha e a-nis air a dheagh dhòigh ann an Griomasaigh.

Seonag Monk

’S ann à Beinn na Fadhla a tha Seonag Monk agus tha i air a bhith na craoladair aig BBC Radio nan Gàidheal airson grunn bhliadhnaichean.

Tha i air sgrìobhadh a dhèanamh airson rèidio, telebhisean, àrd-ùrlar, leabhraichean agus film.

Calum MacFhionghain

’S ann à Taobh a’ Chaolais an Uibhist a’ Chinn a Deas a tha Calum. Tha e air sgrìobhadh a dhèanamh airson rèidio, telebhisean, àrd-ùrlar agus film.

DI MacÌomhair

Bha Dòmhnall Iain MacÌomhair a’ fuireach ann an Steòrnabhagh, far an robh e ag obair ann am foghlam airson faisg air ceathrad bliadhna, an dèidh dha ceumnachadh le urram anns na Cànanan Ceilteach ann an Oilthigh Obar Dheathain.

B’ ann nuair bha e san oilthigh a thòisich e a’ sgrìobhadh.

Bha e na Cheann-suidhe air a’ Chomunn Ghàidhealach bho 1985 gu 1990, agus choisinn e Crùn Bàrd a’ Chomuinn Ghàidhealaich aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail sa bhliadhna 2000.

Sgrìobh e agus dheasaich e grunn leabhraichean Gàidhlig, nam measg, nobhail, leabhraichean de sgeulachdan goirid agus leabhraichean-sgoile.

Choisinn e duaisean airson sgeulachdan agus bàrdachd, agus chaidh grunn de sgeulachdan a chraoladh air rèidio.

Mu dheireadh, bha e ag obair mar eadar-theangair agus mar chomhairleach air gnothaichean foghlam na Gàidhlig, agus bha e a’ deasachadh agus a’ comharrachadh dheuchainnean aig ìre nàiseanta fad iomadh bliadhna.

Daibhidh Màrtainn

Ann an 2003 cheumnaich Daibhidh Màrtainn bho Oilthigh Shrath Chluaidh le ceum le urram ann an litreachas Beurla.

An dèidh sin, chuir e seachad ùine ann an Canada a’ siubhal agus a’ leasachadh a chuid sgilean air bòrd-sneachda agus an uair sin ann am Barsalona a’ dèanamh cùrsa TEFL.

Thòisich e air sgrìobhadh làn-ùine nuair a thill e dhachaigh.

Bha ùidh aige riamh ann an sgrìobhadh agus thòisich e air bàrdachd agus sgeulachdan goirid a sgrìobhadh nuair a bha e ceithir bliadhna deug a dh’aois ach gu h-annasach, sguir e fhad ’s a bha e san oilthigh.

Tha e air sgeulachdan goirid agus bàrdachd fhoillseachadh ann an irisean, leabhraichean agus The Herald.

Bha e na sgrìobhadair aig An Lanntair ann an Steòrnabhagh agus fhuair e cuireadh gu Hi-Arts Master Class ann an 2006.

Tha e air obair a leughadh air feadh na dùthcha agus air rèidio còmhla ris an fhear-chiùil – Iain Moireasdan.

Tha e an-dràsta na stiùiriche aig MacTV.