Gàidhlig|English
Graphic Link : JUMP TO CONTENT
Graphic Text : A' toirt taic do dh'fhoghlum Gàidhlig gu nàiseantaGraphic: Kids reading book
Graphic : Shared writing posters

Postairean

Tha an seata de phostairean ùra seo bho Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig airson ceann shuas na bun-sgoile. Tha na postairean gach cuid a’ ceangal ri cuspairean air am bithear gu tric a’ coimhead aig an ìre seo agus a’ toirt cothrom sgilean leughaidh a thoirt air adhart tron dòigh-obrach Leughadh Com-pàirtichte far am bi sgoilearan a’ dèanamh mion-leughadh le stiùir bhon tidsear, a’ coimhead ri feartan stoidhle agus am buaidh air an leughadair.
Graphic: World War II bomber

’S iad na cuspairean:

  • Na Seumasaich: ‘Geamhradh a’ Phrionnsa’ agus ‘Fon Choill’
  • An Dàrna Cogadh: ‘Blitz Abhainn Chluaidh’ agus ‘Na h-Evacuees’
  • Alba ri linn Bhictòria: ‘Latha na mo Bheatha’ agus ‘Flowerdale’

Thathar air notaichean-taice don tidsear agus duilleag de ghnìomhan a dheasachadh airson a dhol an cois gach postair. Tha cuideachd lethbhreac A4 de gach postair ri fhaighinn gus am bi fear aig gach sgoilear ann am buidhinn no clas. Tha na stuthan seo rim faighinn gu h-ìosal.


Graphic: Suitcases
Graphic: FF correction
Graphic: FF correction