Gàidhlig|English
Graphic Link : JUMP TO CONTENT
Graphic Text : A' toirt taic do dh'fhoghlum Gàidhlig gu nàiseantaGraphic: Kids reading book
Graphic: A'Chaileag Starraig

Droch ràith Mairead, Droch shaoghal BJ agus Shenanigan's Shen

Trì leabhraichean ùra èibhinn bho Stòrlann airson na h- àrd-sgoile, Droch ràith Mairead, Droch shaoghal BJ agus Shenanigan's Shen. Tha prìomh charactaran gach sgeulachd a’ toirt eisimpleirean mu rudan a thachair am measg an fheadhainn a tha a’ fuireach còmhla riutha agus a’ toirt dhuinn diofar shuidheachaidhean èibhinn. Tha sgeulachdan gach tiotail a’ snìomh ri chèile agus a’ cruthachadh aon shreath a chòrdas ris a’ chloinn agus cuideachd a chòrdadh ri inbhich. Tha stoidhle sgrìobhaidh nan leabhraichean freagarrach airson luchd-ionnsachaidh agus fileantaich aig diofar ìrean san àrd-sgoil. Tha CD(an) an cois gach sreath agus tha iad air an clàradh ann an dà riochd, riochd fileanta is riochd luchd-ionnsachaidh. Tha sinn an dòchas gun còrd iad ribh agus ma tha beachdan sam bith agaibh bu chaomh leinn cluinntinn bhuaibh.




Graphic: FF correction